SGĂREAN CĂNAIN NAS LUGHA BRĂGH
Timcheall air ceithir bliadhna an dèidh don obair tòiseachadh air na thĂ inig gu buil mar Achd nan CĂ nanan Albannach 2025, tha sinn mu dheireadh thall aâ faicinn an Achd ga chur an sĂ s mean air mhean. Chaidh Earrann 4 den Achd, a bheir a-steach âSgĂŹrean CĂ nain Sònraichteâ (SCS) Ăšra na lagha sa MhĂ irt am-bliadhna (2026), is bliadhna aig Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na GĂ idhealtachd gus beachdachadh air an comharrachadh.
Fhad âs a bha am bile aâ dol tron PhĂ rlamaid bha guthan gu leòr ann a thog draghan nach biodh ciall idir anns na comharraidhean seo aig aâ cheann thall, agus tha a h-uile coltas ann aig an ĂŹre thrĂ th seo gun robh na guthan sin ceart. Choinnich Comataidh na GĂ idhlig aig Comhairle na GĂ idhealtachd air Diciadain 3mh den Ăgmhios gus beachdachadh air aithisg bho na h-oifigearan aca a mholas sgĂŹre Chomhairle na GĂ idhealtachd gu lèir a chomharrachadh â 1/3 de thĂŹr-mòr na h-Alba â mar aon SCS. Tha e coltach gun lean Comhairle nan Eilean Siar air an aon slighe agus an sgĂŹre gu lèir acasan a chomharrachadh.
Bho ĂŹrean trĂ tha aâ bhile, bha Misneachd ag argamaid, Ă s aonais crĂŹoch air meud SCS, gum biomaid aig aâ cheann thall ann an suidheachadh far an dèanadh na Comhairlean comharraidhean gun bhrĂŹgh de na sgĂŹrean aca gu lèir agus gun cumadh iad orra mar a bha, an dha-rĂŹribh aâ dĂšblachadh na h-obrach a bu chòir a nithear fo na Planaichean GĂ idhlig aca. Agus seo sinn.
Airson a bhith soilleir â cha robh reachdas a dhĂŹth airson âs gun gabhadh Comhairle nan Eilean Siar no Comhairle na GĂ idhealtachd âdòigh-obrach stèidhichte air Ă iteâ leis na poileasaidhean aca, no gus barrachd a dhèanamh airson na GĂ idhlig air feadh nan sgĂŹrean aca. Rinneadh reachdas san roinn seo gu ĂŹre mar fhreagairt air Staing na GĂ idhlig sa Choimhearsnachd DhĂšthchasach (Soillse 2020) agus feum a bha ga aithneachadh fad is farsaing airson taic chuimsichte air coimhearsnachdan agus poileasaidh nas mionaidiche, gu sònraichte far a bheil an cĂ nan as lĂ idire. Chan ann air chosg na GĂ idhlig aig ĂŹre nĂ iseanta, ach gus dèanamh cinnteach nach eil na sgĂŹrean far am bâ urrainn barrachd a dhèanamh aâ gluasad aig astar na sgĂŹre as laige a thaobh aâ chĂ nain.
Ma sheallas sinn air sgĂŹre na GĂ idhealtachd mar an eisimpleir as buntainniche, an Eilean aâ Cheò (An t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair) tha sgilean GĂ idhlig air choreigin aig 35.3% den t-sluagh, an taca ri 8.1% feadh na GĂ idhealtachd gu lèir, agus mar sin bhite ga chomharrachadh fo cheum 1 den StiĂšireadh Reachdail air Comharrachadh leis an ĂŹre as Ă irde de chur an gnĂŹomh de na âBun-inbhean agus Riatanasanâ, nach deach fhoillseachadh fhathast.
An dèidh 40 bliadhna de FtMG air aâ GhĂ idhealtachd, rud a thathar aâ comharrachadh am-bliadhna, gu h-iongantach, chan eil ach 507 sgoilearan ann am FtMG aig ĂŹre Ărd-sgoile air roinn na GĂ idhealtachd, 3.8% den Ă ireimh iomlain 13,375, agus tha 209 dhiubh seo aig Ărd-sgoil Phort RĂŹgh, 45% de na tha anns an sgoil sin an-drĂ sta. Tha an còrr, 298, sgapte feadh na 14 sgoiltean aâ tabhann FtMG anns aâ chòrr den GhĂ idhealtachd a-mach Ă 29 sgoiltean gu h-iomlan anns an roinn.
Tha poileasaidhean agus gnĂŹomhan a ghabhadh dèanamh anns an Eilean Sgitheanach agus Ratharsair nach gabhadh cur an sĂ s ann an Inbhir Ăige agus Gallaibh an Ear far nach eil ach 1.9% de dhaoine aig a bheil sgil sam bith sa GhĂ idhlig â ceudad coltach ris na thâ ann am Baile DhĂšn Dè aig 1.7%. Tha ceudad nas Ă irde am Baile Ghlaschu aig 2.9% na thâ ann an Inbhir Theòrsa Gallaibh an Iar-thuath aig 2.8%. Tha an roinn cuideachd aâ gabhail a-steach an dĂ chuid Inbhir Narainn agus Caladar aig 4.3% agus Ros an Iar, Srath Pheofhair, is Loch Aillse aig 15.6%.
âS ann mu dheidhinn cothromas (equity) a tha comharrachadh SCS. Cothromas am poileasaidh agus solarachadh airson coimhearsnachdan GĂ idhlig agus sgĂŹrean far am faodar an cĂ nan a ghlèidheil fhathast na cĂ nan labhairteach gnĂ thach.
Chan eilear idir aâ moladh nach bu chòir do Chomhairle na GĂ idhealtachd a bhith aâ brosnachadh agus aâ cumail taic ris aâ GhĂ idhlig agus luchd-labhairt na GĂ idhlig air feadh gach ceĂ rnaidh den GhĂ idhealtachd â bu chòir, agus bu chòir dhaibh a bhith aâ dèanamh barrachd feadh na roinne. Ach âs e fĂ th comharrachadh SCS poileasaidh a neartachadh cho fada âs a ghabhas agus taic chuimsichte a thoirt do sgĂŹrean far am faodar, agus far am feumar, barrachd a dhèanamh.
Ma thèid sinn air adhart le gairmean gun bhrĂŹgh gu bheil sinn uile âsònraichteâ, ge brith cĂ it a bheil sinn aâ fuireach, no gu dè an ĂŹre de GhĂ idhlig a thâ againn, no gu dearbha gu dè cho tric âs a chleachdas sinn an cĂ nan, cuiridh sinn Ă s don atharrachadh beag bĂŹdeach anns an Ă rainneachd taice do choimhearsnachdan cĂ nain a bha fa-near don Achd 2025.
Fhad âs a tha am pròiseas comharrachaidh slaodaich SCS aâ cur nan caran dheth, is a h-uile coltas gur ann aâ sĂŹor fhĂ s nas neo-bhuntainniche don staing sna coimhearsnachdan a bhios e, tha dĂ choimhearsnachd GĂ idhlig; Iar-thuath Leòdhais agus Uibhist, air Planaichean CĂ nain Coimhearsnachd ullachadh dhaibh fhèin. Tha plana eile coltach riutha sin ga dheasachadh don Eilean Sgitheanach is Ratharsair an-drĂ sta. Tha Bòrd na GĂ idhlig, agus an coimhearsnachdan de luchd-labhairt air leth, aâ cur taic ris na planaichean seo. Tha e deatamach gun cum structar SCS taic agus gum freagair e gu deimhinneach air na h-iomairtean coimhearsnachd seo a tha aâ tighinn bhon bhun a-nĂŹos seach on bhĂ rr a-nuas.
Bheir an dòigh-obrach air a moladh le Comhairle na GĂ idhealtachd spionnadh a-mach Ă s an iomairt aig ĂŹre an t-sluaigh san Eilean Sgitheanach is Ratharsair, aâ dearbhadh uair eile nach toirear an aire do na coimhearsnachdan de luchd-labhairt dha-rĂŹribh, am feumalachdan, agus an cuid amasan airson an cĂ nain agus cultair, agus gun dèanar dearmad orra air sgĂ th na h-aire air poileasaidh feadh na GĂ idhealtachd, air a stiĂšireadh bho Inbhir Nis. Chan fhaodar leigeil le sin tachairt.









