Lint Roller? I Barely Know Her

Kiana Khansmith

blake kathryn
Sade Olutola
dirt enthusiast
todays bird
No title available

@theartofmadeline

oozey mess
"I'm Dorothy Gale from Kansas"
DEAR READER
Peter Solarz
cherry valley forever

tannertan36
h

shark vs the universe
NASA
YOU ARE THE REASON

titsay
styofa doing anything
seen from Finland

seen from United States

seen from United States
seen from Luxembourg

seen from Malaysia

seen from Australia

seen from United States

seen from United States

seen from United States

seen from Türkiye
seen from France

seen from United States

seen from Iraq

seen from United Kingdom

seen from Malaysia

seen from Malaysia

seen from Brazil

seen from Germany
seen from United States

seen from Germany
@clargaidhlig
Cùil Lodair le Fionnlagh MacLeòid - BBC Radio nan Gàidheal
Cùil Lodair - foillsichte ann an Dìomhanas - Ùr-Sgeul/CLÀR
Èist ri seo! http://www.bbc.co.uk/programmes/b08lkpy0
Agus na faclan gu h-ìseal!
Cùil Lodair le Fionnlagh MacLeòid
(ann an Dìomhanas, foillsichte le Ùr-Sgeul/CLÀR, 2008)
Cha bhithinn-s’ air a chluinntinn mura bitheadh gun robh e air Radio nan Gàidheal a’ mhadainn ud. Eadar Smuain na Maidne agus An Aimsir dh’ainmich iad gun robh blàr gu bhith air a chur, tràth feasgar a-màireach, air raon Chùil Lodair. Faisg air Inbhir Nis, thuirt iad. Agus gun robh an t-aiseag a’ dèanamh turas sònraichte eadar Steòrnabhagh agus Ulapul am feasgar sin fhèin.
Cha bu mhath a b’ fheàirrde sinn na dh’òl sinn air an aiseag cheudna. Cha do ghluais mi fhìn is Iain às a’ bhàr bho sheòl i. Thug sinn dhinn na claidhrean ’s chuir sinn iad fon t-seat. Ged a bha mise mar a bha, ’s ann air an uisge-bheath’ a bha mi – ach thòisich esan air an ruma dhubh, ’s chan eil càil idir cho suarach ri hangover an ruma dhuibh a’ dol a-steach dhan chath. Thòisich an t-sabaisd mus robh sinn càil ach a-mach à Loch Steòrnabhaigh. Bha dithis oirre à Siadar an Rubha ’s iad a’ falbh chun nan rigs. ‘Seall air na h-amadain sin,’ thuirt fear dhiubh ’s e a’ sealltainn a-nall an taobh a bha sinne. ‘Seall air na h-amadain sin, a’ falbh a chogadh airson poofter de dh’Eadailteach. Pàpanach ann am fèileadh.’
Uill, a bhalaich, ma thubhairt. Leum sinn orra. ‘Claidheamh-mòr,’ dh’èigh Iain, ach thuirt mise ris gun dèanadh na dùirn fhèin an gnothaich. Chaidh an ceathrar againn suas chun a’ bhoatdeck ’s siud sinn nan cràic ’s thug sinn slacadaich mhath air a chèile ann an sin airson greis, gus mu dheireadh gun leig iadsan roimhe. Thurchair do dh’fhear de luchd an rèidio a bhith shuas gu h-àrd, ag òl na gaoithe, ’s chunnaic esan an t-sabaisd. ‘An canadh sibh gur e samhla tha seo air mar a tha an latha a-màireach a’ dol?’ ars esan ’s a mhic aige ri ar bus. ‘Dè rud?’ ars Iain. Iain cho geur ’s cho luath a bharrachd ormsa. Cha bhithinn-s’ air smaoineachadh air a seo gu bràth. ‘Dè rud,’ ars Iain, ‘an e gun robh Gàidheil an ugannan a chèile?’ ‘Chan e,’ arsa fear a’ mhic, gun e fhèin anabarrach luath, ‘ach gun tug sibhse a-mach a’ bhuaidh.’ ‘Gabhaidh mi iongantas,’ fhreagair Iain, ’s thill sinn sìos dhan a’ bhàr, còmhla ri balaich Shiadair. ‘Tha sùildhubh ort,’ thuirt Iain nuair a shuidh sinn.
Bha am bàr a’ brùchdadh le muinntir a’ Chomuinn a’ dol gu coinneamh dhan Òban. Bha a’ choinneamh an toiseach gu bhith an Inbhir Nis ach chuir iad i dhan Òban ri linn ’s an ùpraid a bha gu bhith timcheall Inbhir Nis a-màireach.
Thàinig na naidheachdan air an rèidio mus do ràinig sinn Ulapul. Bha fear aca shìos air an raon aig Cùil Lodair agus thug e cunntas air dè an seòrsa àite a bh’ ann. ‘Achadh còmhnard,’ ars e fhèin, ‘le beagan thaighean mun cuairt. Mòinteach fhraoich is ballachan cloiche. Cò shaoileadh,’ chriochnaich e, ‘na tha de Ghàidheil òga eireachdail gu bhith nan laighe marbh mun àm sa a-màireach fèar far a bheil mise an-dràsta na mo sheasamh?’ Dh’inns e mar a bha an rèidio an dùil fiosrachadh a chumail ris an luchd-èisteachd mar a bhiodh an là a-màireach a’ dol air adhart . . . le OB, no Outside Broadcast Unit, shìos air an raon.
Agus gum biodh ceathrar no ’s dòcha còignear cruinn anns an stiùidio gus beachdachadh air cùisean mar a bha iad a’ dol air adhart. Dh’inns e gun robh oifis na tìde a’ gealltainn slinnteach ghrànda de ghlìbheid bhon àird an ear, co-dhiù son a’ chiad cheann dhen là a-màireach.
Dh’fhuirich sinne air leann an oidhche sin anns a’ Royal Highlander – gu h-àraid seach gun robh sinn air beathaichean a dhèanamh dhinn fhìn air an aiseag na bu tràithe air an latha. Bha leth-dhùil is dòchas gu nochdadh e fhèin. Agus dh’fheith sinn is dh’fheith sinn na h-uairean gus aon bhoillsgeadh fhaighinn air, no fiù ’s suathadh ri iomall a chuid aodaich. Ach cha robh sin gu bhith. Bha dà shagart ag ùrnaigh aig peilear am beath’, a’ guidhe gun deigheadh an là a-màireach le na Gàidheil. ‘Thug thu bhuam gach nì a bh’ agam . . .’ bha fear a’ seinn thall aig a’ bhàr le a dheòir sìos a lethcheann. Ach ged a bha ar sùil air doras an residents’ lounge, cha do nochd mo liagh ’s m’ fhearsaoraidh. Bha i a-nise a’ fàs anmoch, ’s na sagartan a’ cumail orra mar gu faigheadh iad èisteachd . . . Agus gu seo bha mo shùil fhìn gu dhol fodha. ‘Faic an dithis sin,’ ars Iain. Bha esan a’ dol fhathast, ged a bha snuadh na h-easlaint’ air, a thoradh air ruma nan tràlairean. ‘Faic an dithis sin,’ ars esan a-rithist, mar a bhios duine a’ dèanamh ann an sgeulachd, ‘ag achanaich full-out gu sgrios Dia sgiobadh Shasainn a-màireach.’ ‘Dè eile dhèanadh iad?’ arsa Catach caol a bha na shuidhe mu ar coinneamh ag òl glainne mhòr Drambuidhe. ‘Dè mu dheidhinn,’ ars Iain, ‘gu bheil padres inbheil Shasannach gu dìleas a’ cur asta fhèin leis an aon ghlaodh bhon taobh-san?’ ‘Dè mu dheidhinn sin?’ ars an Catach. ‘Tha,’ ars Iain, mar a bhitheas e, ‘g’ eil e a’ cur Dia ann am fìor mhox ach cò dha a bheir e a’ bhuaidh.’ ‘Thèid a’ bhuaidh leis a’ cheart,’ thuirt
fear thall aon taobh. ‘Theid a’ bhuaidh leis an neart,’ fhreagair fear beag maol, ’s brùchd aige, ’s e fèar air a thighinn a-mach às an dining room. ‘Gu dearbh,’ ars esan, ‘cha tàinig na chops ud orm fhìn, ge b’ e cò am bùidsear bhon d’ fhuair iad iad.’ Ghabh mi fhìn orm a ràdh, ‘Thèid a’ bhuaidh an taobh a chaidh a chur sìos anns an leabhar mhòr leis an Tì tha riaghladh, ro thoiseach an t-saoghail.’ Uill, a dhuine, na rinn na daoine ud de ghàireachdainn. ‘’S mi nach creid,’ thuirt Iain, ‘nach do rinn an sgleog a fhuair thu mun t-sùil beagan criothnachaidh air d’ eanchainn.’ Cha robh dùil a’m gun robh daoine air a dhol cho buileach fineachail.
Aig bòrd leotha fhèin bha dithis a bh’ air a thighinn à oilthigh. ‘’N dùil an e Cùl Lodair a th’ ann?’ ‘No Cùil-Lòdair?’ ‘Dè mu Cùil-Fhodair?’ ‘’S ann a tha e bho Cuidh,’ thuirt fear neulach à Sgoil Eòlais na h-Alba. ‘Cuidh, mar Cuidhsiadar . . . Lìonacuidh.’ Agus sheinn e, ‘Ann an Lìonacuidh ri tàmh, leabaidh bhàn ri sàil na mara.’ Cha tuirt duine an còrr.
Sin, ma-thà, an seòrsa oidhche dhòigheil a bh’ againne, gun ghuth air an là a-màireach. ‘Tà,’ ars Iain, ‘tha mise fhathast gun mo chlaidheamh a ghleusadh.’ Le sin theich sinne taobh na leapa, ach tha e coltach gun robh an fheadhainn eile an-àirde gu eadar ceithir ’s a’ còig. Agus bha sin glè ghòrach ’s am blàr romhpa tràth an ath latha. ‘Sin sinn, ma-thà,’ thuirt Iain am bàrr na staidhre, ‘sweet dreams.’ Le gàire. Cha robh mi ann gus an cuala mi fuaim stàilinn ’s e a’ ruspaigeadh air a chlaidheamh. ’S an uair sin sàmhchair.
Fhuair sinn lioft sìos pìos seachad air Bail’ an Loch ’s choisich sinn an còrr dhen t-slighe. Bho dheireadh ràinig sinn a’ mhòinteach lom seo. ‘Na teich bho mo thaobh air do bheatha bhuan’: sin an aon rud a thuirt Iain. ‘Ma thilleas tu às m’ aonais, cùm dìon air Mary Ann,’ thuirt mise ris-san. ‘Agus, Iain . . .?’ ‘Dè?’ ars esan – agus sin am facal bho dheireadh a chuala mi a’ tighinn às a bhilean. ‘Iain . . . Ma chì thu mi air m’ fhìor leòn . . . Iain, tha fhios agad dè nì thu.’
Ach cha b’ ann mar sin a thachair. Thòisich an onghail ’s an èigheachd . . . Chan fhaca tu a leithid ’s na bu tig an latha a chì. Bha sinne thall air taobh a deas arm nan Gàidheal – aig outside-right, mar gun canadh tu. Aig aon àm bha am Morair Seòras, le a cheann maol, na sheasamh cho faisg dhomh ’s a tha thu fhèin an-dràsta. Bha sinne a’ dol air adhart, agus am balla cloich an taobh thall dhinn – beagan dìon, bha sinn an dùil. Ach, fhearaibh, fhearaibh, sinn a bh’ air ar mealladh ’s air ar brath. Mastaigean nan con air nach dèan teanga luaidh . . . na Caimbeulaich mheallta a-staigh am broinn nam ballachan. Mi fhìn is Iain nar ruith . . . na biodagan a’ dol . . . nuair a dh’fhairich mi mo ghàirdean a’ toirt breab às, ’s an uair sin e slaodte rium na bhloigh. Agus èighe Iain ri mo thaobh, ’s mus do sheall mi rium fhìn bha e marbh aig mo chasan. Shlaod mi mi fhìn am measg nam marbh . . . Shìn mi greis am measg an fhraoich. Ach bha daoine a’ ruith thairis orm gun sgur.
Shìos pìos bhuam mhothaich mi do chairt mhòr agus rinn mi oirre air mo spògan. Dè bha seo ach OB Unit a’ BhBC ’s i air a dhol am bogadh. ’S iongantach mun do mhothaich cuideigin aca dhomh, oir chaidh mo shlaodadh a-steach agus copan cofaidh ann an copan polystyrene a chur dhan aon làimh a ghluaisinn. ‘Tourniquet!’ dh’èigh fear. ‘Faigh tourniquet! Seall air a’ ghàirdean aige.’ ‘Dè a’ Ghàidhlig a th’ air tourniquet?’ thuirt cuideigin. ‘Dè a’ Ghàidhlig a th’ air banana?’ thuirt tè ’s i a’ suaineadh tè de theipichean a’ BhBC mu mo ghàirdean. ‘Casg fala . . . sin tourniquet.’ ‘Sin a tha sinne feumach air an-diugh fhèin,’ arsa mi fhìn ’s mi rudeigin aotrom a’ faireachdainn. ‘Casg fala.’ Bha mi aotrom a’ faireachdainn, oir bha iad air plum ruma dubh a chur an ceann a’ chofaidh. ‘Faire, faire,’ arsa mi fhìn, ‘tha fear na shìneadh tosdach glè fhaisg dhuinn san achadh-chogaidh a bha gu math geallmhor air an ruma dhubh.’ Ach ciamar a bhiodh fios acasan cò thuige a bha mi ag iarraidh? ‘’Eil thu deis gus a dhol air an èadhar?’ thuirt fear rium. ‘Air an èadhar?’ arsa mise. ‘Aidh,’ thuirt e, ‘’s tusa a’ chiad veteran.’ ‘Coma leam dhan an èadhar,’ arsa mi fhìn. ‘Cà’il mise a’ dol air gin a dh’èadhar ’s an diabhal rud a’ dol fhathast.’ Thòisich iad an uair sin ag argamaid nam measg fhèin. Cuid aca ag ràdh gur ann am Beurla a bu chòir dhomh bruidhinn. Son Newsdrive. Aidh.
Shlaod mi mi fhìn a-null gu uinneag an OB ’s sheall mi a-mach. Uill, a dhuine thruaigh, nam faiceadh tu am forgladh ’s am murt a bha siud. Bha mise le mo leth slaodte rium ’s gun eadar mi ’s traoghadh gu bàs ach teip a’ BhBC a bha mum ghàirdean. ‘Uill,’ arsa mise rium fhìn, ’s mi a’ coimhead nan Gàidheal gan sgrios air gach taobh dhen OB Unit. ‘Uill,’ arsa mise rium fhìn a-rithist, mar a bhios duine a’ dèanamh ann an sgeulachd, ‘tha sinn done.’
Anns a’ mhionaid sin bhuail cnap mòr de rudeigin air cliathaich an OB ’s chriothnaich e na bha na bhroinn. ‘Na bugairean,’ dh’èigh fear. ‘Gheall iad nach buaileadh iad sinn . . . ’S fios is cinnt aca nach eil claon-bhàidh againne ri taobh seach taobh . . . G’ eil sinn neutral.’ ‘Chan eil dòigh am Prionnsa fhaighinn son Aithris an Fheasgair,’ dh’èigh tè. ‘’S tha mi airson cuideigin a bhith againn live.’
Thòisich i gam cheasnachadh . . . Dè mo bheachd air an latha . . .? Carson nach tàinig barrachd às na h-Eileanan an Iar? Cha do ghabh i sùim dhe mo ghàirdean idir, ach dh’fhaighnich i dè an ìre dhen bhlàr aig an d’ fhuair mi an t-sùil-dhubh. ‘Fhuair,’ arsa mi fhìn, ‘nuair a thug an Isle of Lewis robhla aiste ’s thàinig gòradh orm ’s bhuail oglach dìobhairt mi, ’s anns a’ mhionaid sin thug fear à Siadar a thurchair a bhith dol seachad dhomh i mar a laigheadh i orm. Aidh,’ arsa mise, ‘sin mar a fhuair mise an t-sùil-dhubh.’ Cha do dh’fhaighnich i an còrr dhomh, ma-thà. ’S an uair sin sàmhchair.
*
Copyright @ Fionnlagh MacLeòid agus Úr-Sgeul/CLÀR, 2008. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo air BBC Radio nan Gàidheal! http://www.bbc.co.uk/programmes/b08lkpy0
Iris STEALL agus leabhraichean Gàidhlig - pàipear, fuaim agus didseatach
Gàidhlig - leabhraichean ùra - STEALL an iris - Gaelic - tha tuilleadh fiosrachaidh ann aig www.clar.online
An làrach-lìn ùr - clar.online
Tha leabhraichean Gàidhlig bho ChLÀR rim faighinn aig www.clar.online. Tha fiosrachadh mu iris STEALL ri fhaighinn aig www.steall.online.
clar.online - an làrach-lìn ùr
Oidhche Gealaich le Donnchadh MacGillIosa - BBC Radio nan Gàidheal
Oidhche Gealaich - foillsichte ann an Maìri Dhall - Ùr-Sgeul/CLÀR
Èist ri seo! http://www.bbc.co.uk/programmes/b0859cnm
Oidhche Gealaich
Mun àm s’ an‑uiridh a bh’ ann, a’ bhliadhna na tìd’ s’. O bruidhnidh. Innsidh mi dhut fhèin ma dheidhinn. Tha mi ’son bruidhinn air a‑rithist. Riut fhèin.
’S ann ga cur suas dhachaigh a bha mi . . . Maggy Ann. A’ Ghleansag a màthair, ’s ged tha ’n càirdeas a’ teich a‑mach a‑nis tha sinn fhathast ga chumail.
Mar a dh’innis mi dhut mar-thà bha a’ ghealach gheal chruinn na h‑àirde, agus Nis cho bòidheach ’s gun cuireadh e tiamhachd ort. Oir tha cuimhn’ agam air an eòrna, mar a th’ agad fhèin. Air gealach abachaidh an eòrna na lanntair mòr crochte thall bhuainn. Meud mòr innt’. I air a dhol a‑mach air a leud, ’s i ruadh air a feadh. Is rudeigin mu deidhinn a bhriseadh do chridhe gun fhios agad dè. Agus cuimhn’ againn air sluagh nach eil ann, agus air an còmhradh. À, a shaoghail, am fearann gan gleidheadh, ’s am muir. Thuirt i rium goirid às a dhèidh nach suidheadh i ann an càr còmhla rium ach na shuidh.
Seo mar a thachair. Mar a dh’innis mi dhut glè ghoirid às a dhèidh bha mi gabhail suas tro Thàbost leis a’ chàr nuair a choinnich mi ri bus nach robh ann. Bha e cumail druim an rathaid, bha e dol mar an donas, bha na solais air, gu lèir, na bhroinn. Ghabh mi feagal. Thàinig e orm cho luath. Chan eil fhios agam mu dheidhinn sin. ’S ann a bha e col’ach ri fear a shean bhusaichean John Mitchell. Definitely of an older vintage. 1950s.
Thòisich mi dèanamh deiseil, ’s a’ dol a‑null pìos, ach siud thuig mi gun robh e dol a chumail druim an rathaid, agus sin aig astar, ’s gun robh e dol a dhèanamh bloighean dhinn. Leig mi asam seòrsa de mhòthar agus strutan de ghuidheachan grod a bha gu math saillt, thionndaidh mi chuibhle ’s chuir mi ’n càr a‑null dhan dìg, ’s chaidh sinn rudeigin air ar cliathaich, leig Maggy Ann ràn aist’, ghoirtich i h‑amhaich, bha sinn ann a sin an uair sin, mis’ air faomadh a‑null air a muin. Chuir mi dheth an t-einnsean. Bha crith bàis orm.
‘Faca tu siud?” arsa mise rithe, aig an àm, sinn air ar cliathaich ’s an oidhche cho brèagha ’s cho socair. . . .
‘Dè?’ ars ise. ‘Chan fhac’, ach gun deach thu às do rian.’
‘I was driving up through the township of Habost,’ arsa mise ris an doctair, ‘nothing whatsoever untoward, next thing I knew . . .’
’S tha sin cho fìor ’s a ghabhas. Bha mi cho dòigheil ri bròg, ’s an tè bha ri mo thaobh a cheart cho sona.
Mus do stad sinn, ’s an càr a’ buiceil ’s a’ leum, leig Maggy Ann èigh aist’, ’s bha i ’n uair sin na suidhe ’s a làmh air a h‑amhaich, agus mis air faomadh a‑null air a muin.
‘For goodness sake,’ ars ise. ‘For goodness sake, mo chreach mhòr, what’s wrong with you?’
Thàinig mi mach ann am braon fallais. Oidhche gealaich a bha mar an t‑òr, san t‑Sultain. Gun aon sgòth air an adhar.
Tha cuimhn’ agam sinn a bhith nar seasamh faisg air a’ chàr.
Thòisich am fallas sin a’ fuarachadh sìos eadar mo dhà shlinnean agus sìos eadar mo dhà mhanachan.
Bha ’m mobile agam na mo chois.
Thàinig Dòmhnall Iain an North Star Provi ’s chuir e ise suas dhachaigh.
Thill e ’n uair sin air mo thòir‑s’. Fhuair mi air draibhigeadh dhachaigh ’s mi ga leantainn‑san. Thuirt mi ris a dhol slaodach.
Cha deach mi faisg air a’ chàr, ma-thà, fad mìos. Nuair a mheantraiginn a‑mach sa mhadainn thiginn air a’ chàr ma cheann an taigh’, bho tuath, is bheirinn an aire dha na sheasamh eadar mi ’s an rathad. Chuairtichinn mun taigh, ’s dòcha na b’ fhaide dhen an là, is thiginn air bho dheas, ’s bhiodh e na sheasamh ann an sin cho sàmhach ri goca feòir eadar mi is bunnacha‑bac. Bha e gu leòr dhomh fhaicinn. Cha robh mi ’g iarraidh na b’ fhaisg air.
B’ fheudar dhomh an teoba beag a bh’ agam a leigeil seachad, thall ann an Steòrnabhagh. Dh’ionndrainn mi sin.
Carson a thachair e dhòmhs’ is a bit of a puzzle alright. ’S iomadh taobh bho ’n tàinig mi air bho thachair e.
Cha robh cùisean dona. Bha mo shlàint agam, ’s tha chlann air an giort fhèin, sa bhaile‑mhòr, far an deach an togail. Sin agads’, ge‑tà.
Nam bithinn fhìn ’s tu fhèin air coinneachadh an-uiridh, is tus’ ar cantainn, ‘ ’Ille, dè do chor?’ ’S dòcha gur h‑e freagairt èibhinn a’ Chrostain a bhiodh air mo bhilean, ‘Chan eil adhbhar a bhith taingeal, ’s math a bhith gearan leis an t‑slàint.’
An Crostan còir nach maireann.
Ach cha chan mi sin tuilleadh.
Dh’fhaighnich an doctair dhìom, ’s tha mi làn chreids’ gum feumadh e sin fhaighneachd, an robh mi air a bhith ’g òl.
‘Doctor,’ arsa mise ris, ‘I’m as dull a dog as you’ll see in your surgery. A glass of beer of an evening does me.’
‘Very good,’ ars esan.
‘My last few binges, years ago,’ arsa mis’, ‘my last few bayings at the moon, hastened change. The hangovers were dire, and confirmed me in my settled way,’ arsa mis’, ‘and confirmed the humble tea‑bag as my boon companion.’
Thòisich lachanaich na mhionach ’s leig e pàirt dheth a‑mach. Ach rinn mi sgàird dheth an uair sin. Dhiùlt mi na gràineanan a thabhaich e orm, cha b’ e sin ach thuirt mi ris nach robh sìon ceàrr orms’.
‘Nothing that a good nervous breakdown wouldn’t fix,’ arsa mis’.
Bha na facail gun ùidh a‑mach às mo bheul mus deach agam air an casg. Cha robh iad fiù ’s èibhinn air dhòigh sam bith, ’s thàinig an conaltradh gu ceann.
Chunna mi ’m bus a’ tighinn, bha na solais air, na bhroinn, a h‑uile gin, agus na headlights full beam, ’s e dol aig fìor astar. An oidhche cho soilleir ’s cho ciùin ri oidhche a chitheadh tu, oidhche cho soilleir ’s a thàinig.
Ghabh mi aithreachas gun d’ thuirt mi rud cho cac, cha robh e fiù ’s èibhinn . . .
Cha robh a‑nise, that was the thing, cha robh fuaim aig’ idir, cha chuala mi diorra‑bhig, ’s cha robh duine beò na bhroinn, cha robh duin’ aig a’ chuibhle.
Shaoil mi nach robh co‑dhiù, thachair e cho luath, thà, ’s gun robh sinn air ar sadadh, spìon mi chuibhle ach am faighinn às an rathad air.
‘Mo chreach‑s’’ ars is’, is grèim aic’ air a h‑amhaich, ‘for goodness sake, what’s the matter with you?’
‘Eil thu all right?’ arsa mis’.
‘Chan eil mi all right. What’s the matter with you?’
‘Am faca tu siud?’ arsa mis’.
‘De?’ ars is’. ‘Chan fhaca mise càil ach gun shad thu ’n càr a dhìg an rathaid.’
Thug i greis agus coilear oirr’. Rinn e dragh gu leòr dhomh, an cron a rinn e oirr’. Dh’fhònaig mi ’n là eile ’s thuirt i gun robh i gu math, ach cha do dh’fhuirich i glè fhada air am fòn.
Cò aig tha fios dè bhios i cantainn mu mo dheidhinn. Bidh sin a’ dèanamh na h‑uiread a dhragh dhomh cuideachd.
Thill mi thuige mus robh ’n t‑seachdain a‑mach, ’s thuirt mi ris, gun robh mi feumachadh gràineanan a bheireadh dhomh cadal. Bha e cho snog ’s a ghabhadh.
Bhithinn a’ dùsgadh uabhasach tràth. Na mo laighe san leabaidh a’ sealltainn suas a mhullach an taighe, ’s a’ tionndaidh air mo thaobh ’s a’ sealltainn ris a’ bhalla, ’s an là romham na raon farsaing.
Na bliadhnachan mòra a bha mis’ air falbh, càit an deach iad? ‘Seallaibh oirbh a‑nis,’ arsa mis’ ris na pollan mònach, a tha nis a’ dol air ais nam fèithean fàsa, ’s nam boglaichean.
Eadar mi fhìn ’s tu fhèin ’s an ursainn, tha mi air atharrachaidhean beaga dhèanamh. Cha mhothaich duine. Chan eil cus agam mu dheidhinn eaglaisean, mar as math tha fios agad, ’s cha bhi gu bràth, or I’m a Dutchman. Small observances of a private nature, though, that’s different. Kneeling comes into it. Albeit self‑consciously.
Siud co‑dhiù mar a thachair.
Gabhaidh sinn teatha.
Tha mi air cur romhan gun ceannaich mi eathar. Gheibh thu mach innt’ còmhla rium ma ghabhas tu sin ort. Mis’ aig an stiùir, cuimhnich’. Cha till. Chan è nach do smaoinich mi air.
Cha bhiodh e cho furast a‑nis, tilleadh a Shasainn. Am biodh tu coma? Chan eil fhios againne nach b’ fheàrr leat. O bhoill, ’ille, chì sinn, cha chan mi nach fhaigh thu do roghainn.
*
Copyright @ Donnchadh MacGillIosa. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! http://www.bbc.co.uk/programmes/b0859cnm
Mac an t-Srònaich, Mac an t-Sàtain le Fionnlagh MacLeòid - BBC Radio nan Gàidheal
Mac an t-Srònaich, Mac an t-Sàtain - foillsichte ann an Dìomhanas - Ùr-Sgeul/CLÀR
Èist ri seo! http://www.bbc.co.uk/programmes/b0859cnm
Mac an t-Srònaich, Mac an t-Sàtain
Ach an sgeulachd fad’ as fheàrr leam a chuireadh às mo leth . . . Tha cuimhn’ agam dè an tè, ’s innsidh mise sin dhuibh gu math sgiobalta. Bidh i toirt gàire orm gun sgur le mar a tha mi glaist’ a-staigh an seo gun faighinn a-mach. Tha . . . an tè far an robh iad gam chrochadh, ’s thuirt an duine, Carson as e naoi duine deug a mharbh thu; carson nach do rinn thu ’n fhichead dheth? Cha do mharbh na . . . Mise? Naoi duine deug. Duine nach do chuir meur air duine a-riamh, cha b’ e sin mo ghnè, ged nach creid duine agaibhse sin. Fuirich mionaid ort, thig mi thuige. Bha . . . gun tuirt mi, tha e coltach, fèar nuair a bha iad gam crochadh: Deoch, bu mhath leam deoch. ’S gun tug iad thugam searrag chrèadhadh, ’s nuair a thraogh mi i, gun tug mi dhan duine bha seo i mu mhullach a chinn ’s gun dh’fhàg mi fuar aig mo chasan e gun chrith. Cha do mharbh na . . . Nach eil mi ag innse dhuibh nach do mharbh mise duine na mo bheatha.
Na dh’inns mi dhuibh: tha mi air toirt gu seinn ’s gu rabhdan a chur ri chèile, a-staigh an seo? Bidh sin math dhomh, nach bi? ’S gan seinn àird mo chinn, nuair a tha iad air mo ghlasadh leam fhìn. Rudan mar:
Mac an t-Srònaich, Mac an t-Srònaich Ann am beanntan Ùig.
Dè do bheachd? Air fonn ‘Robin Hood’ . . . ’N dùil an leig iad mi a chòisir an ospadail?! Taigh na galladh an leig no nach leig. Siud am ficheadamh duine agaibh, ma-thà, gun tuirt mi. Leis an t-searraig, leis a’ chearraig, bumf! Fèar mu mhullach a chinn, ’s nach do gheàrr e milead. Mar a thubhairt mi, nach tubhairt? Tha mo chuimhne air a dhol cho bochd, sin an tè as fheàrr leam a chuireadh às mo leth. Bumf! Tha e coltach, ma-thà, ’s an t-searrag na mìneasg aig mo chasan, ’s esan na reothanach.
Cha robh, a dhuine, annamsa ach falbhaiche na mòintich. Seach gur ann à Siorrachd Rois a thàinig mi, bha mo chòmhradh diofraichte bho chòmhradh mhuinntir Leòdhais, mar tha fhios gum bitheadh. Chan eil fhios a’m; ’s dòcha g’ eil sibh ceart, gur e sin a chuir a’ chiad teicheadh annta. Bhithinn aig mo chàirdean, nach eil fhios gum bitheadh . . . piuthar mo mhàthar, nach b’ i bean tacadair Lìnsiadair, ’s an tèile bha gu math faisg dhomh, ann am mansa Cheòis. Cha robh càil anns an teaghlach againne ach sgoilearan is ministearan. Cha b’ ann bho dhròbh cheàrd a thàini’ mise idir, cuimhnich. Daoine geurchuiseach le deagh thoinisg . . . ’S dòcha gur ann a bha sin cus. Co-dhiù, sin mar a bha, ’s seo far a bheil mise. ’S sibhse nar suidhe a’ cur rib’ fhèin ach gu dè a nì mi dhen duine seo no dè a nì mi leis. Agus a-nise rann eile bhios mi a’ gabhail leam fhìn:
Seachd bliadhna ghlèidh thu tèaraint’ mi, A mhòinteach riabhach Leòdhais.
Math, nach eil? Tha, ’s deagh thoigh leam fhìn e. ’S e cho fìor ’s a ghabhas. Bom bom bom, a mhòinteach riabhach, bom. Ach aon rud, na leigibh dhaibh tuilleadh mo cheangal. Cha leig mise leas a bhith ceangailt. ’S e th’ ann nach eil mi a’ faighinn a-mach; a-mach a dh’fhalbh nam monaidhean – sin an aon rud a tha ceàrr orm. Nam faighinn air ais a-mach bhithinn cho math ’s a ghabhadh. Ach chan fhaigh mi sin, tha fios a’m nach fhaigh. Ged nach d’ fhuair sibh dearbhadh, ’s chan fhaigh, gun mharbh mise aon duine. Cha b’ e a bh’ air m’ aire. Fhad ’s a gheibhinn na chobhaireadh mo chridhe dhen bhiadh cha robh fèar dhomh, cha robh a dhìth orm ach sin.
Ach ’s e rinn iad, ’eil fhios agad dè rinn iad? Chroch iad ormsa na seann sgeulachdan a chleachd iad a bhith ag innse dha chèile. Sgeulachdan na Fèinne. Dhealbh iad mise mar fhuamhaire mòr a’ falbh nam fàsaichean ’s a’ cur às do dhaoine. Sgeulachd:
Aon latha thàinig Mac an t-Srònaich Chun na h-àirigh a bha seo an gleann uaigneach . . .
Tha e cho furasta ri furasta an còrr a dhèanamh an-àirde. Balach beag a-staigh leis fhèin anns an àirigh ’s e na shìneadh air a’ chaillich, ’s a mhàthair, banntrach bhochd an-còmhnaidh, aig baile le taosg clèibh de chragain bhainne, ’s am balach beag air fhàgail ’s e a’ cliopadh cnàimh. Trobhad còmhla riumsa, ghlaodh Mac an T sìos tro uinneag bàrr a’ bhalla. Nach leig thu leam gus an spiol mi ’n cnàimh, ars am balach. Mar a thuirt fichead balach beag ann am fichead sgeulachd eadar seo is tòin Èirinn. A-steach leam, tha e coltach, ’s mi a’ breith air ghoic amhaich air ’s ga thoirt a-mach ’s ga bhàthadh ann am botann.
Tha rann agam a rinneadh mu dheidhinn a’ ghnìomh oillteil a tha seo, a tha e coltach a rinn mise, ’s bidh mi a’ gabhail an fhir seo cuideachd. Nuair a bhios mi ìosal nam inntinn! Seo mar a tha e a’ dol:
An t-sùil a thug mo leanabh orm Anns a’ bhotann bhùirn,
Gum b’ fheàrr leam na na chunna mi Gun robh e air mo ghlùin.
Tha e coltach gun ghabh mi an t-aithreachas; gun d’ fhuaireas craiteachan iochd air mo sheilbhidh a dh’aindeoin nan uile. ’S bha cuideachd am balach a bha ag ithe a’ bhonnaich eòrna. Gun d’ fhuair mi grèim airsan san dòigh cheudna ’s gun bhàth mi e ann am briathlach ’s e ag èigheach rium fhad ’s a bha mi ga thumadh ’s ga thumadh gus bho dheireadh nach do dh’èirich e tuilleadh, ‘Fàg agam m’ aran-eòrna.’ Gur e sin an èighe bha na bheul gach turas a thigeadh e an-àirde, ach gun chùm mi ga shàthadh sìos air ais. Chan eil fhios a’m, chan eil cuimhn’ a’m am biodh iad ag ràdh gun dh’ith mi am bonnach mus do bhàth mi e no às a dhèidh. Chan fhaca mis’ am balach no am bonnach na mo bheatha.
Carson a bhathas a’ cur na bha seo às mo leth? Ceist mhath a th’ agaibh an sin, ach cha chanadh sibh gur mise an duine airson a freagairt. Ach tha mo fhreagairt faisg agus glè shoilleir dhomh. Oir cuimhnich gur ann bho mhinistearan a tha mise a-mach. Càil ach ministearan ’s gach dàrnacha duine aca air ceumnachadh à Colaist mhòr an Rìgh an Oilthigh Obar Dheathain, suas tro na ginealaich. An ann, gu dearbh, san oilthigh aosta sin a thug sib’ fhèin a-mach an dotaireachd? Cha robh, ma-thà, mac màthar, no idir mac banntraich, a chuireadh cas air monadh ciar Leòdhais, no idir faisg air geàrraidh uaigneach air bòrd loch, nach bithinn-s’ romhpa ann an siud, tha e coltach. Gu h-àraid ma bha pigean uisge-beatha aca air an gualainn no breacag mine ann an cliabh. Mi ga mo lìonadh fhìn, a rèir coltais, le na bha de bhainne ’s de bhàrr ’s de dh’ìm ùr am preasan na h-àirigh. Gum bithinn aig amannan gus spreadhadh le na bha ’mhin na mo bhaghaid. Codhiù no co-dheth, togaidh sinn fonn:
Mac an t-Srònaich is sròin mar chaman air Falbh na mòintich is còta glasa air.
’N dùil an-dràsta cò bha a’ dèanamh nan rabhdan sin mu mo dheidhinn? Càil ach cho dorch ’s cho brùideil ’s cho cunnartach ’s a bha mi. Càil cha robh ann an sin ach an dorchadas a bh’ air tighinn air an àite fhèin aig an àm ud.
Ach innsidh mi tè mhath eile an toiseach dhuibh. Chan eil i ach mar na sgeulachdan eile, ach bidh mi a’ ruith oirre leam fhìn. Mòinteach Àrnoil . . . tha na sgeulachdan tric gam chur air mòinteach Àrnoil, ge b’ e carson. Banntrach bhochd, mar a tha fhios, agus a h-aona mhac, a’ tighinn dhachaigh bhon a’ mhòintich. Chì mise an cliabh, mar a tha fhios, agus bheir mi èigh’ asam, Hoigh, dè th’ agad anns a’ chliabh sin? ’S gun leum mi air, ach ma leum. Gille treun, balach làidir a bha seo, a rèir an t-seanchais, ’s nach ann a leag e mi. Mach leis an sgithinn, tha e coltach: A Chaluim, a Chaluim, ghlaodh a’ bhanntrach bhochd, tha sgian aige, ach cha b’ fhada bha esan ga toirt bhuam, ’s bha i aige gus na chailleadh i bliadhnaichean mora às dèidh siud ’s iad a-muigh air an eathar. Thuirt cuideigin rium a-staigh an seo an latha eile, ’s chan fhaca tu daoine a-riamh cho breithneachail is cho fiosrach ’s a tha staigh an seo, a bhròinein, nach eil anns an t-saoghal ach mu leth-dusan sgeulachd, ’s nach eil anns a’ chòrr ach iad sin le car beag air a chur annta. Sin mar a tha mo sgeulachd-sa, nuair a smaoinicheas sibh air. Mar mi fhìn: chan eil ann ach an aon dhìom. ’S nach eil sin fhèin gu leòr!
Sin a’ rud. Nach tugadh dhomh duine a bhiodh còmhla rium. Duine ach mi fhìn, a’ falbh mar siud san dorchadas. Nam biodh iad air boireannach a thoirt dhomh, smaoinich. Chanadh iad anns an sgeula: Tha bodach ’s a bhean a’ falbh na mòintich a’ murt ’s a’ marbhadh. Seall mar a rinneadh le Robin Hood, thug iad dha caraid dòigheil, Friar Tuck. ’S cha b’ e sin a-mhain ach Maid Marian. Tà, cha tugadh gin a Mhaighdeann Mòr dhòmhsa, cha b’ e bh’ air an aire.
Mac an t-Srònaich, Mac an t-Srònaich, E fhèin ’s a Mhaighdeann Mòr.
Air fonn ‘Robin’ . . . Ach ’s fheàrr dhomh sgur dhem dhìth-cèille, mus cuirear a-steach mi! ’S e air a sgeadachadh aca an èideadh brèagha uaine le ite na aid. Daoine dòigheil a dhealbh Robin còir; daoine bochda ach daoine gun chiont, gun iargain. Gaol aig na bochdan air, ’s eagal an tòin aig na fir làsdail roimhe. B’ fheàrr leam fhìn gur e cuideigin mar Robin a bha muinntir Leòdhais air a dhèanamh dhìoms’. Ach cha b’ e, ach bodach grànda a’ falbh anns an dorch a’ dochann chloinne bige is bhanntraichean. ’S ag ithe. A’ murt ’s ag ithe. Ach togaidh sinn sèist mar bu nòs:
Mac an T, Mac an T, Nochd e anns a’ choille Le it’ aige na aid.
Mus toireadh iad ad uaine dhòmhsa le ite peucaig a’ steigeadh an-àirde aiste. Nach ann a chuir iad an lagh às mo dhèidh. Mar gur e gadaiche is reubadair na h-oidhche mi. Cò a-riamh a chuala ach mar a sgrìobh iad mum dheidhinn. Bidh mi ga sheinn ach bidh e a’ dèanamh cron orm, mise a thàinig bho shliochd cheumnaichean:
1834. July 8. Warrant to apprehend . . . Bodach no Mondach. A Moor Stalker
. . . There being a man lurking about the Isle of Lewis Who is suspected of having committed serious crimes . . . (he being armed with dangerous weapons).
Seo dhut! Sin agad mise, ’s mo chliù. Ach an tug sibh an aire . . . An tug sibh fa-near gu dè a’ bhliadhna bh’ ann? 1834. Agus cò an srainnsear mòr coirbte a bh’ air tighinn a Leòdhas fèar anns na bliadhnaichean sin? Fear millteach uamhalta a gheibheadh gu do thaobh a-staigh ’s a cheusadh tu? Fear air nach robh eòlas sam bith air a bhith aca gu ruige seo. Bha, a bhròinein, Dòmhnall Dubh, cò eile! Nochd e anns an àite mar fhiadh-bheathach a-mach à Iutharn, ’s chuir e am beag ’s am mòr, òige ’s aois, à cochall an cridhe. Innleachdan an Deamhain, cha robh seasamh-chas aca romhpa. Droch stillean an Diabhail, gam briseadh ’s gan cearbadh gus na ghuil iad bùrn an cinn. Bhathas air innse dhaibh gun robh e mun cuairt, gun robh e anns a h-uile àite. ’S nuair a chunnacas mise a’ falbh nam fiadhlaichean, thòisicheadh ag èigheachd, Seall an spùinneadair mòr, seall am murtair; chan eil air aire ach cleasan an Fhir-Mhillidh. Rinneadh an Sàtan dhìomsa, ’s rinneadh mise dhen t-Sàtan. Mise a bha cho neoichiontach ris an ionracan air an t-sliabh. Ach gun robh mi anns an àite cheàrr ’s mi na mo chonadal a’ falbh nam monaidhean. Bha mi, mar gun canadh tu, làn dhen an Diabhal, nan sùilean sin. ’S ruith mi ’s ruith mi, fon choill, ’s dh’fhalaich mi ann an còsan ’s ann am bearraidhean. Theich mi suas dha na beanntan ’s cha nochdainn ach ann an dorchadas na h-oidhche. Mar a bhios mi fhathast ag èigheach nuair a tha iad ga mo cheangal:
Ma ghleidheas mise beanntan Ùig, Gleidhidh beanntan Ùige mi.
Mise am boc-goibhre, ’s chan eil dà dhèanamh air. Air mo mhuin-sa chuir iad an luchd ciont is peacaidh a bh’ air a dhòrtadh a-steach orra fhèin le na h-uabhasan a thàinig. Bha mise, Mac an T, na mo sheasamh casa-gòbhlagain eadar dà dhualchas agus dà chreideamh, ’s le sin dh’fhàgadh orm: Aon latha chaidh an Fhèinn dhan bheinn-sheilg; aon latha thàinig Mac an t-Srònaich chun na h-àirigh. Agus cuideachd dh’fhigh iad an seanchas ùr a-steach dhan tè sin, ’s le sin dh’fhàgadh orm: Dòmhnall Dubh an donais ’s an dòlais, a thainig nar measg le uile pheacadh is dòbheart, ’s rinn e sin ann an riochd Mhic an t-Srònaich.
Ach cò-dhiù, tha mise an seo fhathast ’s chan eil coltas nach bi. Cha b’ e bàs beag a dh’fhòghnadh dhomh. Chan fhaigh mi monadh is fraoch fo mo shàil ach na fhuair, ach chì mi na mo chadal iad ’s cumaidh mi orm ag èigheachd:
Seachd bliadhna ghlèidh thu tèaraint’ mi, A mhòinteach riabhach Leòdhais.
Cha do rinn i cho dona, mo dhìon ’s mo ghleidheadh fad na h-ùine bha sin, ’s eileamaidean an t-Sàtain an tòir orm tro na bliadhnaichean. Nach eil sinn air gu leòr a dhèanamh an-diugh, dè?
*
Copyright @ Fionnlagh MacLeòid. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! http://www.bbc.co.uk/programmes/b0859cnm
Na h-Ailbhein Gaoithe - Fionnlagh MacLeòid - BBC Radio nan Gàidheal
Na h-Ailbhein Gaoithe - foillsichte ann an Dìomhanas - Ùr-Sgeul/CLÀR
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b084jzg5
Na h-Ailbhein Gaoithe
Baile beag sìtheil a bh’ ann, ’s iad an ceann an cosnaidh mar a dheigheadh ac’ air. Bha muir aca ’s bha talamh aca ’s bha adhar aca, ’s mar sin ’s e beatha nàdarrach gheàrr a bh’ aca, gun tuisleadh leibideach sam bith nan lùib ach mar a thilgeadh freastal orra. ’S e sin gus an tàinig an tè bha seo. Chualas gun robh i gu bhith a’ bruidhinn shuas am meadhan a’ bhaile às dèidh na diathad, ’s ged a b’ e fhèin latha geamhraidh a bh’ ann gum biodh e iomchaidh gach duine ac’ a bhith ann gus cluinntinn na bh’ aice ri ràdh. Seach nach robh iad idir eòlach air a leithid seo, cha robh duine bh’ anns a’ bhaile nach do dh’fheuch suas ach am faicte dè bha dol. Ged nach robh na bha sin anns a’ bhaile, bha am monmhar ’s an t-sitrich àbhaisteach nam measg, oir bha feadhainn nach robh air a chèile fhaicinn bho chionn deagh ghreis. Chan eil adhbhar ghearain – thu fhèin? ri chluinntinn thall ’s a-bhos.
Bha ise na seasamh shuas am broinn seòrsa de bhucas àrd fiodha a bha a’ cumail an uisge dhith. ’S mise, ars ise, Mòr Chiar. Cha tuirt duine diurra-bhid. Creutair beag cnapach, air nach toireadh tu an dàrna sùil, le a gruag liath, ach cha ghann sgairteil aon uair ’s gun d’ fhuair i fo leigh. Agus ’s e bha na iongnadh cho furaileach ’s a bha gach mac màthar a bha siud nan seasamh ga h-èisteachd. Mar a bha ise air rabhabh fhaighinn às leth a’ bhaile, ’s nach b’ aon uair sin ach grunn thuras. Ann an riochd sgrìobhaidh; cumhachd air toirt oirre sgrìobhadh sìos na rabhaidhean a bha seo. Gun fhios aice ciamar; gun fhios aice carson. Cha robh e buileach furasta a dhèanamh a-mach ach cò bhuaithe a bha i air am brath a bha seo fhaighinn, ach ’s e rudeigin mar Sanndaigh no Santa a bha i ag ràdh.
Le mar a bha a’ ghaoth air beothachadh, cha thogadh duine a h-uile lideadh a theireadh i. S – b’ e sin ri ràdh Sanndaigh no Santa – air innse dhìse tron sgrìobhadh a bha seo gun robh am baile gu bhith air a chur fo thuiltean nach fhacas an leithid ’s nach cualas an samhail, agus sin aig meadhan-oidhch’ air an aon-làfichead dhen mhìos a bh’ air thoiseach orra, goirid ron Nollaig.
Dh’fhaireadh tu goirseachadh a’ dol tro gach crè a bha san t-seasamh, ’s cha b’ e an aimsir leatha fhèin a bha na meadhan air, ged a bha am feasgar air tionndadh fionnar, ’s an tìde na h-ionad. Tuiltean nach do dhòirt an leithid, arsa Mòr Chiar le iolach na bu treise, a-mach à broinn a’ bhucais, ’s nach cualas an samhail. Ach . . . ars ise an uair sin. Cha robh gluasad no fiù ’s tarraing analach am measg na bha cruinn. Ach . . . steinn ise a-rithist, gu bheil S air sinne a chomharrachadh gus a bhith air ar sàbhaladh. Dhòigh ’s nach bi sinn air ar bàthadh, no air ar sgrios.
Agus bha loirean beag de dhuine air oir chùisean ’s e le seann chòta glas le roisean air earball a ghabh air èighe a leigeil às: Ciamar? Uill, fhearaibh an fhàsaich, ma leig. Bha a h-uile coltas son diog gun robh e gu bhith air a shaltairt fo na casan, esan a’ gabhail air a ghuth a thogail; gus na dh’èirich dà ghàirdean Mòr Chiar an-àirde bhos a cionn agus ghlaodh i: Ceist mhath.
Stad iad an làrach nam bonn, ’s chaidh iad nan tosd. D’ ainm? dh’èigh i ri fear a’ chòta ghlais. Feist-aige, arsa esan fo anail ’s fo na mùdan. A-rithist orra! dh’èigh an tè a bh’ ann. Feist-aige, ghlaodh esan ann an guth critheanach prò. Cha ghann ainm, thuirt ise air a socair, ’s ruith fuilmean gàire am measg dhaoine.
Tha S air rabhadh nan rabhaidhean a thoirt dhòmhsa gu bheil againn ri togail oirnn às a’ bhaile cho luath ’s a chaidh piullag oirnn. Togail oirnn càite? tha mi gur cluinntinn a’ faighneachd, ars ise, agus ’s math a gheibh sibh sin. Tha mi air fàidheadaireachd fhaighinn bho S . . . ag innse gu feum sinn imrich a dhèanamh ro mheadhan-oidhch’ an oidhch’ ud, aon uair ’s gun èirich a’ ghealach. Ach nach ann air gealach no gealach a bhios ar n-aire-ne . . . Cò air eile? ghlaodh Feist-aige, ’s e a-nise a’ tòiseachadh air a bhith bleideil agus caran làsdail, agus chan fhada gu faic sinn carson. Gu dearbh, tha e air tighinn a-steach dhan sgeulachd seo nas motha na bha mi ’n dùil; cha bhi air mura gabh e thairis bho Mhòr Chiar. Tha, labhair ise le sgairt, air rionnag an earbaill. Bha gluasad am measg nan daoine, agus rinn Feist-aige fhèin sitir gàire na mhuinichill. Ma gheibh sinn suas gu rionnag an earbaill a bhios a’ dol seachad goirid ron mheadhan-oidhche bidh sinn tèarainte. ’S fuiridh sinn shuas gus an sìolaidh an dìle. Uill, bha tòrr an seo ri thoirt a-steach dha sluagh nach robh cho cleachdte ri sin air fiosrachadh dìomhair a chnuasachadh no eadhon a bhreithneachadh. Ach cha b’ e sin dha do liagh e.
’S math a tha fhios agamsa, dh’èigh e an uair sin le sùrd is sgoinn, ciamar a gheibh sinn suas dha na niùil, gus am faigh sinn tèarmann fo sgàil rionnag an earbaill. Bha Mòr Chiar ga èisteachd mar gun robh na clachan air bruidhinn. Mar a tha fhios aig a h-uile duine, mhìnich Feist-aige, tha mise daonnan a’ togail rudan le rubair.
A h-uile gnè nì. Agus bho chionn ghoirid tha mi air grunn ailbhean rubair a dhèanamh a ghabhas an gaothadh. Cha dèan sinn idir e! dh’èigh eucorach air choreigin. Sibhs’ a nì sin, thuirt fear a’ chòta riasaich ’s e a’ cumail air, oir chan eil roghainn agaibh. Sèididh sinn an-àirde na h-ailbhein gaoithe agus faodaidh grunnan math againn a dhol air muin gach fir dhiubh agus bheir iad sinn suas dha na speuran ’s air falbh bho chunnart na dunaidh a bhith air ar bàthadh. Fuiridh sinn shuas gus an traogh an tuil.
Uill, ma bha a’ mhuinntir tosdach roimhe seo, cha robh dùrd idir aca a-nis. Chaidh a’ chlach-mhullaich a chur air cùisean nuair a dh’èigh ise: ’S e sin fèar a nì sinn! Dh’inns esan gun robh tùc am beul ’s an imleig ’s an tòin gach ailbhein gaoithe a bheireadh orra a dhol air adhart no air ais no a dhol suas no sìos. Chrom ise a-nuas às a’ bhucas agus rug i air làimh air Feist-aige, fhad ’s a bha i a’ toirt sùil air a h-oir air dìol a chòta. An sin rug a h-uile duine bh’ ac’ ann air làmhan càch-a-chèile, ’s an sin chuir iad gu lèir an gàirdeanan mu chèile ’s thog iad iolach aoibhneis. Tha sinn còmhla ’s tha sinn tèarainte, ghlaodh Mòr Chiar. Nach tug S dhomh ann an sgrìobhadh e. Gus an tèid an tuil seachad oirnn: nach robh e anns an fhàisneachd! Tha sinn mar pheathraichean is bràithrean, a’ dìon ’s a’ stiùireadh càch-a-chèile. Bha iadsan, gach duine, ga h-èisteachd ’s ga toirt fa-near. Nì sinne mar a chanas tusa, thuirt duine às dèidh duine, gus an robh an glaodh mar aon. ’S às dèidh sin cha robh an tuilleadh ri ràdh.
Bha iad furasta gu leòr an dèanamh a-mach ann an solas na gealaich. Gach ailbhean gaoithe air èirigh bhon talamh, fear mu seach. Fhathast bha buinn an casan salach le smùr na mònach, far na sheas iad aon uair ’s gun deach an gaothadh agus fhad ’s a bha na daoine a’ sreap suas air an druim le àraichean. Slaodach, sàmhach, bha iad ag èirigh an-àirde bhos cionn na talmhainn, ’s bha beagan seinn is nàdar canntaireachd ri cluinntinn am measg na bh’ air bòrd. ’S e oidhche fhèathail a bh’ ann, le soirbheas càilear gan togail air an socair. Bha grèim aig gach beag is mòr air gàirdean a nàbaidh, ’s cha robh e a’ còrdadh ri duine idir coltach ri mar a bha e a’ tighinn air a’ chloinn. Bha cuideachd a’ ghealach a’ togail nan dathan a bh’ air gach ailbhean fa leth. ’S e am fear buidhe a b’ àirde a bha, le feadhainn dhearga is uaine is ghorma a’ tighinn às a dhèidh. Feadhainn eile le gach dath, ach ’s e am fear pinc a’ dh’èirich an-àirde mu dheireadh, agus ’s ann air a dhruim-san a bha iadsan, Mòr Chiar agus Feist-aige. Mean air mhean chùm na h-ailbhein gaoithe orra a’ dìreadh suas dhan adhar gus bho dheireadh gun robh am baile shìos fodhpa a’ coimhead cho beag ri dealbh air cairt. Sileadh i a-nis, thuirt Mòr Chiar.
Chaidh iad uile balbh mar a bha e a’ casadh ris a’ mheadhanoidhche, ’s iad a’ coimhead sìos ach an robh am baile air tòiseachadh a’ dol fo bhùrn. Iad cuideachd ri faire gus boillsgeadh fhaighinn air rionnag an earbaill. Dh’fheith iad is dh’fheith iad, ’s na h-ailbhein a’ tionndadh ’s a’ tionndadh gun fhuaim gun othail anns an adhar, ’s gun deò air a’ ghaoith. Sheòl dà eala seachad rin taobh gun uimhreachd sam bith a chur orra. Thàinig am meadhan-oidhch’ is dh’fhalbh, ’s am baile fhathast cho tioram ris an spìon. ’S gun ghluasad am measg nan reul. Dè ma dh’fhàilling an fhàisneachd? ghabh cuideigin air a ràdh air a shocair. Cha ghabh sinn a bhith, thuirt cuideigin eile le sgoinn. Cha robh driog a’ tighinn às an adhar bhos an cionn, no fiù ’s càil ris an cante sgòth air sgeul, ’s cha robh soileap a’ tighinn bho dhuine. Timcheall is timcheall, air an socair fhèin, na h-ailbhein gaoithe a’ cur nan car. Tro uairean fada na h-oidhche gealaich chaidh iad mun cuairt mar sin, shuas anns na niùil, astar bhos cionn a’ bhaile. Gus mu dheireadh, ’s iad eadar an cadal ’s an dùisg, dhearc iad air briseadh an latha aig bun-speur gu ’n ear. Clòthaidh sinn sìos! thuirt Mòr Chiar an guth làidir, agus chaidh leum air na tùcan gus an teàrnadh na h-ailbhein. Cha robh ar creideas ann an S laidir gu leòr, ghairm ise. Chùm e air ais; tha aig ar muinighin ri bhith neo-thimcheall-gheàrrt’.
Laigh iad, fear an dèidh fir, cho sèimh socair ’s a dh’fhalbh iad, gun chrathadh no tulgadh ach am beag. Bha am baile mar a dh’fhàg iad e. Bha na cearcan a’ ruith mun cuairt ann am breislich, ’s bha na h-uircein a’ sgiamhail le dìth a’ bhìdh. Bleòghnaibh is biathaibh an sprèidh is thèid sinn an uair sin air ais suas a mheadhan a’ bhaile, lìbhrig Mòr Chiar.
Bha i na seasamh anns a’ bhucas, le peansail rùilig aice na làimh a bha a’ gluasad air uachdar a’ phàipeir a bh’ air a beulaibh. A làmh a’ falbh mar gum bitheadh leatha fhèin. S gar treòrachadh gus ar sgeula a sgaoileadh fad’ is farsaing. Ged nach do rinn e e fhèin aithnicht’ an turas seo, gu cinnteach gun tig e fhathast. Agus sinne a dhol a-mach a dh’fhàsaichean ’s a’ chùiltean an domhain mhòir agus iompachadh gach dream ’s gach cinneadh a tha fhathast gun eòlas pearsanta fhaighinn air comasan bith-bhuan S. Sinne a nì sin! dh’èigh iad uile, le Feist-aige air an ceann, ged a bha fiamh a’ ghàire air ga ràdh. Mar as motha a bhios againn ann, ’s ann as luaithe a thig S, bha ise a’ cumail oirre, anns a’ bhucas, leis an aon duan.
Anns na mionaidean sin dh’fhairich iad seub de dh’iomaghaothach a’ gluasad mun cuairt orra, ’s mus do sheall iad riutha fhèin bha seo air na h-ailbhein gaoithe a thogail an-àirde bhon talamh ’s air falbh leotha air ais suas dhan iarmailt. Gun duine leotha. Dh’èigh is ghlaodh is leum iad ach cha robh dad ann a b’ urrainn dhaibh a dhèanamh. Suas is suas gun lean na h-ailbhein, ’s iad a’ coimhead deàlrach is dathach an grian na maidne, ach a-mhàin gun robh bonn an casan fhathast feumach air boiseag. Nuair a bha muinntir a’ bhaile seachd sgìth a’ ruith mun cuairt am measg a chèile, stad iad far an robh iad, a’ glacadh an t-seallaidh dheireannaich air na h-ailbhein gaoithe ’s iad gu seo a’ dol a-mach à faire ann am fànas. Seall! Mura bheil mise air mo mhealladh ’s e rionnag an earbaill a chunna mi a’ dol mar roth-gaoith nam measg, dh’èigh fear dhen fheadhainn bheaga. Tha fios is cinnt gum bi an fhàisneachd air a coileanadh, fuiricheadh sibhs’ ach am faic sibh, bha Mòr Chiar ag ràdh ’s i a cromadh caran crùlainneach a-nuas às a’ bhucas. ’S chùm i oirre a-mach às a’ bhaile ’s chan fhacas a dubh no a dath a-riamh dha shamhail.
*
Copyright @ Fionnlagh MacLeòid. Gach còir glèidhte
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b084jzg5
A’ Bhò Ghlas, a’ Bhò Dhonn agus a’ Wireless - Donnchadh MacGillIosa - BBC Radio nan Gàidheal
A’ Bhò Ghlas, a’ Bhò Dhonn agus a’ Wireless - foillsichte ann am Màiri Dhall - Ùr-Sgeul/CLÀR Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b084jzg5
A’ Bhò Ghlas, a’ Bhò Dhonn agus a’ Wireless
Bliadhna no dhà às dèidh a’ chogaidh reic m’ athair a’ bhò ghlas, fhuair e còig nota fichead oirr’, agus cheannaich e wireless. Cha b’ è gur h‑e droch bhò a bh’ innt’. Cha robh i bualadh, ’s bha ’m bainn’ aice glè mhath. Ach bha i gu nàdarrach car fòdhalanach.
Chlisgeadh i, shadadh i ceann, ’s dh’fheumte leum air falbh bho bàrr a h‑adhairc.
Bha droch fhasan aice cuideachd a bhith goid an aodaich bhon t‑sreang. Dhraghadh i lèine bhon t‑sreang nam faigheadh i ’n cothrom, agus sheasadh ann an sin ga cagnadh ’s ga deocadh, ’s ga ludradh fo a casan ’s ga tarraing tron lèig. Cha b’ aithne dhuinne bò eile bha ris an aon abhaig.
Cha robh i gun fhios aic’, a bharrachd, gun robh i dèanamh an uilc. Oir nan deigheadh tu na gaoth ruitheadh i na deann sìos fad na lot, agus gùn‑oidhche no rudeigin a’ sruthadh às a beul. Ruitheadh i aig astar a beath’, ’s i sadadh a tòin ’s a casan‑deiridh suas dhan adhar gu deas is gu tuath, agus cnapan talmhainn a’ sgèith feir a cnothanan. ’S cha stadadh i gus an stadadh an gàrradh i. Thigeadh i mun cuairt ann an sin agus smùid às a cuinnleanan.
Cha robh i fhèin agus m’ athair a’ tighinn air a chèile bho riamh, ’s tha mi creids’ gun robh coire air gach taobh. Ged a gheibheadh i stràic dhen fheist tarsainn an druim dè bha sin a’ dol a dhèanamh ach ga cur buileach air bhoil.
Bha m’ athair na sheasamh a’ seanchas ri Angus MacLeod, fear an Agriculture, aig ceann an taighe, an là bha ’n seo.
‘’S dòch’ gur h‑e salainn a tha dhìth oirr’,’ ars esan.
‘’S è,’ arsa m’ athair, ‘air a neo an taigh ud nach ainmich mi, thall an Steòrnabhagh.’
Ma tha beathach crost’, mar as tric bidh i crost’ chon a’ bhreab dheireannaich. Tha e cho math do dhuine giùlan leatha mar a thà i air a neo a bhith cuidhteas i buileach.
’S e sin a thàinig às, ma-thà.
Feumas a bhith gun d’ thuirt e ris fhèin, là dhe na làithean, ‘Fòghnaidh na dh’fhòghnas.’
Tràth air madainn geamhraidh, ’s an là gun a thighinn ach ma làimh, chuir Ailig Dan deireadh na làraidh ri sean tobhta Chaluim.
Agus chaidh a’ bhò ghlas a tharraing ’s a shàthadh a‑steach na broinn ’s a ceann a cheangal ris na ransaichean a bha gu cùl a’ chab.
Madainn dhorch a bh’ ann agus gaoth ghearrt’ ann bhon ear a‑thuath a bheireadh am bonaid dhìot ’s an uair sin na cluasan, agus a rannsaicheadh cùl d’ amhaich ann am broinn diog.
Madainn uamhalt, air dòigh air choreigin, agus solas an taigh‑sholais a’ tionndadh air a’ ghob ud thall.
’S a’ deàlradh oirnn a h‑uile ceann sreath, ’s a’ sguabadh a‑mach roimhe ma uachdar na fairge.
Thug taigh Sheonaidh agus An Tom bhuam an làraidh agus a’ bhò ghlas a bha i giùlan, ’s cha robh ’n còrr agam dhiubh. Lean mi solas na làraidh suas tro Lìonail gus na chaill mi i ’n ceann‑shuas Thàboist.
Reic m’ athair a’ bhò ghlas agus leis an airgead cheannaich e KB wireless. Wireless mhòr, bhòidheach agus guth domhainn, cumhachdach aic’, a bhiodh na seasamh air bòrd beag san oisean. Cha robh againn an uair ud ach i fhèin ’s an gramafon, agus h‑abair gun robh fèill oirr’, agus uaill oirnne leatha.
Bha searmonan is pìobaireachd a’ sruthadh aiste, amhrain Ghàidhlig is ceòl a’ mheileòidian. Cha robh ach aon wireless eile sa chreaga, ’s bhiodh daoine tighinn a‑steach ga h‑èisteachd. Gu h‑àraid gu balla‑coise agus bogsaigeadh.
Tha cuimhn’ agam Bruce Woodcock a bhith feuchainn ann a Freddie Mills.
Ach bha sinne nis gun bhò‑bainne.
Bha làn dhùil againn bò fhaighinn bho muinntir Mhurchaidh. Ach nuair a thàinig e gu aon ’s a dhà nach ann a dhiùlt m’ athair a gabhail. Thuirt e riums’ os‑ìosal nach gabhadh e i ged a gheibheadh e i ’n-asgaidh. Cha robh e air a son a‑muigh no mach. Nuair a chuireadh m’ athair rud na cheann cha b’ e ’m fàsach a thoirt às. Bu cho math dhut a bhith bruidhinn ris na bruthaichean bàna. Mar a chitheadh duine, cha robh sìon ceàrr air a’ bhoin.
Ach fhuair esan mar‑a‑bhitheadh air choreigin innt’. Rud a bu shàraichte dheth chan innseadh e dè chuir air. ’S dòch’ gum fac e frionas innt’. ’S dòcha gun sheall i ris is sgèan na sùil, cò aig tha fios.
Dh’fhàg sin sinne gun bhò‑bainne eadar geamhradh is foghar, rud nach cualas a‑riamh a leithid.
Bha e rudeigin nàr leamsa nam bhalach a bhith tilleadh dhachaigh às àiteigin, gu dàrnacha là, le làn siligean a dhèanadh an teath’ dhuinn, no le bainne ann an dòlas de chanastair‑sioraip. Gu ìre, mu dheireadh, ’s nach deighinn idir air a thòir.
Cha robh e na annas an uair ud, nam biodh bò a dhìth ort, tè a lorg shuas air an Taobh Siar.
Agus sin, ma-thà, far an d’ fhuair sinn a’ bhò dhonn, ann an Siadar a’ Chladaich.
Chùm m’ athair às an sgoil mi.
‘Canaidh sinn gun robh feum ort a’ togail bhuntàt,’ ars esan. Dh’fhalbh sinn air bus na naodh, agus aig càch ri dhol dhan sgoil.
’S e taigh‑dubh dhan deacha sinn a‑steach. Tha e air a dhol às mo chuimhne dè chante ris a’ chaillich. Ach bha i fhèin ’s a bhò dhonn ’s na cearcan ’s an coileach a’ cadal ’s a’ dùsgadh fo na h‑aon chabair.
Bha corra thaigh‑dubh ann a Siadar le teine ’m meadhan an làir.
Madainn shàmhach chiùin a bh’ ann agus ceò ghorm nan taighean a’ dol suas dìreach dhan iarmailt.
Bhathas a’ losgadh barran a’ bhuntàt’ air cuid dhe na lotaichean agus bha a’ cheò sin cuideachd nam chuinnlean.
Chuir a’ chailleach tumailear an duine de bhainne air ar beulaibh, agus aran-corc. Bha e na fhaochadh dhomh nach b’ e bainne‑blàth bleoghain na madainn a bh’ againn. Bha sin a‑riamh ga mo chur gu gòmadaich. Ach gu fàbharach ’s e thug i dhuinn ach bainne fuar na fhionnairidh. Thàinig i an uair sin le sgonaichean, is gruth is bàrr, agus rinn i teatha.
Siud am bainne bha blast’. Bainne bhiodh a’ goirteachadh ’s a’ tiughachadh, ’s a dh’èireadh na leacan air an spàin.
B’ ao‑coltach e ri bainne ’n là ’n‑diugh: an àite dhà goirteachadh ’s ann a bhios e dol grod agus fàileadh a’ choin bhradaich dheth.
‘Chan e bainne tana, gorm a th’ aig an teo ud,’ ars ise, ‘agus nam bithinn-sa mar a bhà mi cha charaicheadh i à seo.’
Chuairtich sinn gu cùl an taighe agus chunnaic sinn ann an sin na laighe ’s i cnàmh a cìre, bò dhonn nach robh beag ’s nach robh mòr. Le a h‑adhaircean cruinne crùbach a bha tighinn a‑mach os cionn a maoil.
‘Seall,’ arsa m’ athair rium, ’s e ga slìobadh, aon uair ’s gun deach i air a casan.
‘Seall mar tha ’n donn a’ dol na dhubh air a h‑amhaich ann an sin sìos gu a bus. ’S comharr’ sin air deògh bhoin,’ ars esan.
‘Tha brod na bà againn ann an seo mura h‑eil mis air mo mhòr mhealladh.’
‘Nis,’ ars a’ chailleach, ‘gabhaibh mo leisgeul, cha tig mise mach idir nuair a dh’fhalbhas sibh leatha.’
Ach thàinig i mach, agus sheas i san doras ’s i air a cràidh. Dh’fhalbh sinn leis a’ bhoin, ach an ceann greis, mun àm a bha sinn a’ trèigsinn còraichean Shiadair, thòisich i ri stad ’s ri diùltadh.
Thòisich m’ athair ga bòidheanachd ’s ga slìobadh ’s ga clapan, agus e bruidhinn rithe ann am briathran a bha mìn, milis agus seòlta.
‘Siuthad thusa nise, siagan . . . siagan bochd . . . chan fhaca sinne bò a‑riamh, ’s chan fhaic, a tha cho snog riut. B’ fhada a thug sinn a’ lorg bò cheart agus bu tusa sin. ’S mura tig thu dhachaigh còmhla rinne gu dearbh cha dùraig dhuinn nochdadh às d’ aonais. ’S dìomhain dhuinn ar n‑aghaidh a chur air dachaigh mura lean thu sinn.’
Agus an ceann greis thàlaidh m’ athair i le ciùineachd, ’s cha deach na bu mhiosa na sin dhuinn.
Ghabh sinn sìos tro na bailtean leis a’ bhoin dhuinn a bha riamh solt agus stòlta, ’s a thigeadh suas chon a’ gheat, bho ceann shìos na lot, a chur fàilt orm.
Sìos tro Bhorgh choisinn sinn, ’s tro Ghabhsann. Cha robh teàrr fhathast air an rathad eadar Nis is Steòrnabhagh.
’S e morghan ruadh, tioram a bha fo ’r casan.
An seòrsa là bh’ ann, chluinneadh tu coin a’ comhartaich à ceàrnaidhean eile dhen an sgìre, agus slacadaich ùird air sail, agus an fhaoileag a’ glaodhaich sa chladach, mìle dh’astar.
Agus faisg dhuinn, air na gàrraidhean is air na cruachanmònach: dùrdail is bìogail nan druid ’s iad a’ mealtainn an là.
Mar a bha sinn a’ tighinn sìos tro Dhail bho Dheas chluinneadh sinn na daoine cho brèagha ri càil, a’ còmhradh ’s ag èigheachd a‑staigh air lotaichean na h‑Àirde, ’s a’ lachanaich nam measg fhèin.
Bha m’ athair a’ faighinn fàilteachadh sa h‑uile baile. Arsa mise rium fhìn, ‘Cha chreid mi g’ eil duin’ air druim na sgìre, sean no òg, nach aithnich e.’
Aig sgoil Chrois bha na balaich ’s a’ chlann‑nighean a‑muigh a’ cluich agus cha robh m’ fharmad riutha, cuibhricht’ ann an siud. Ghabh sinn seachad. Thàinig feadhainn chon a’ ghàrraidh a shealltainn cò bha seo le boin. Cha do dh’aithnich mi aon duin’ ac’.
’S e coiseachd mhòr, fhada bh’ againn ach ghabh sinn air ar socair e.
Corra chàr a chitheadh tu air a’ rathad. Bha e againn dhuinn fhìn.
Chuir Murchadh Chaluim fàilt oirnn an Suaineabost, e fhèin agus cù cuagach le bus glas. Bha Murchadh an càirdeas dhuinn.
‘Mo chreach‑sa thàinig bheannaicht’, ars esan. ‘Càite ’n fhuair sibh a’ bhò, ’s gun innt’ ach na cnàmhan ’s na cnothanan. Tha e cho math dhuibh ur n‑anail a leigeil, air a neo geallaidh mise dhuibh nach ruig am beathach sin dhachaigh beò.’
‘Seadh,’ ars esan. ‘Seo am balach . . . o cha chreid mi gur h‑ann rinne chaidh thu idir . . . chan eil thu coltach ri d’ athair idir . . . ’s ann a chaidh thu ri muinntir Eòrabaidh.’
‘Tha call an sin,’ arsa mise rium fhìn, ‘nach deach mi ribhse agus sròin ort mar conocag.’
Chuir sinn a’ bhò air bacan is fhuair i deoch.
Clachair a bh’ ann am Murchadh Chaluim bho riamh. Bhiodh mo sheanair ag ràdh gun cuireadh clachair sam bith eile troigh a dh’àird air a’ bhalla fhad ’s a bhiodh Murchadh Chaluim a’ tionndadh aon chlaich, ’s ga cur air thaobh, ’s ga feuchainn a‑rithist air a beul fòidhp’.
Chaidh mise gu math stùirceach ris, co‑dhiù, bhon a ghabh e air cantainn nach robh mi col’ach ri m’ athair fhìn, a leanainn tro pholl ’s tro bhoglaich ’s tro dhubh na h‑oidhch’.
Ged a bha mi gus mo tholladh leis an acras, dhiùlt mi lof is bàrr.
‘O tà,’ ars esan, ‘chan fheum thu bhith mar sin ri do chàirdean . . .’ ‘Dè bhleidrigeadh a bh’ air an duin’ ud?’ arsa mis’ nuair a ghabh sinn sìos romhainn.
‘Tiud,’ arsa m’ athair, ‘’s e bh’ aig’ ach dibhearsain.’
‘H‑abair dibhearsain!’
‘Ist,’ arsa m’ athair.
‘Chan ist.’
‘O rinn e chùis ortsa, co‑dhiù,’ ars esan, ‘fair and square.’
Bhuannaich sinn dhachaigh.
’S tha cuimhn’ agam gun tàinig Murchadh Beag a‑steach air an fhionnairidh.
Bha e dà bhliadhna na b’ òige na mi fhìn; bhiodh e suas ri ochd bliadhna dh’aois aig an àm.
‘Chuala mi gun d’ fhuair sibh bò,’ ars esan ri m’ athair.
‘Fhuair.’
‘Co às?’
‘À Siadar.’
‘Tha sin fad’ às.’
‘Thà . . . dh’fhalbh sinn air bus na naodh agus thill sinn leath’ air bus na seachd.’
‘Cha do thill!’
‘Thill. Cha robh dòigh air ach sin. Bò mhath a th’ innt’, ach gu leibideach chan eil oirr’ ach trì chasan.’
‘Chan e!’
‘Ge‑tà ’s è, agus ’s ann tha mi nis a’ gabhail an aithreachais as motha gun ghabh mi idir i.’
‘Faic mi i?’
‘Cha chreid mi gun cuir sinn dragh oirre tuilleadh a‑nochd.
Seach gur h‑e trì‑chasach a th’ innt’,’ arsa m’ athair ris, ‘chan eil e cus ro fhurast dhi èirigh no laighe, gu h‑àraid èirigh, agus sgìos air a closaich a‑mach air an sin.’
Thug m’ athair a mhòinteach e mar sin, agus dh’fhalbh e dhachaigh agus dh’innis e dha athair fhèin an seòrsa beathachmairt a bha sinn air fhaighinn, fìor ablach gun fheum, ’s gun robh sinn dha-rìribh duilich gun ghabh sinn a’ bhò idir, agus duilich gun leag sinn ar sùil a-riamh oirr’.
Bheirte rudan a chreids’ air Murdaidh.
Tha facal ann a tha ’g ràdh. ‘Bheireadh tu mhòinteach e le beum suatht’.’
Co‑dhiù bha m’ athair gu math plausible. Ma bha e airson do charadh, mhionnaicheadh tu ’n-dràst’ nach robh aig’ ach an fhìrinn, an tul fhìrinn agus an fhìrinn a‑mhàin.
Ach mus robh Murchadh mach às an sgoil bheireadh e am mionach à car, ’s bhiodh e aige na chèile ro bheul‑oidhch’ agus durghan brèagha, dòigheil aige fo a làimh.
Larna‑mhàireach cò nochd ach Dòmhnall Beag, athair a’ bhalaich. Cha chluinninn ceart dè bha e cantainn ri m’ athair, ach thog mi gun robh e glè dhiombach gun robhas air culaidh‑mhagaidh a dhèanamh de Mhurchadh.
Dh’iarr m’ athair mathanas air, mas math mo chuimhne, agus shìolaidh an rud air falbh agus chaidh e gu làr.
Bha a’ bhò dhonn againn bliadhnachan nam bliadhnachan.
Bha i solt agus bha i dàimheil. Cha leigt’ a leas buarach ris a’ bhleoghan. A’ tighinn dhachaigh à pàirc na Slugaid, agus a’ tighinn dhachaigh feir na mòintich, dhèanadh i a slighe fhèin, agus sinne ’s na cuileagan ga leantainn.
Bò ghlic a chùm bainne rinn nam èirigh suas, làn peile moch is anmoch. Bò a thug dhuinn laoigh. Bu bhochd an là an là a dh’fhalbh i. Làimhsich sinn i is chaidh sinn mun cuairt oirr’ mar chiontaich is mar pheacaich, ar sùilean leagte sìos.
Thall am baile Steòrnabhaigh choisich sinn air falbh bhuaith’ ’s cha do sheall sinn air ar n‑ais.
Às dèidh na bà glaise, cha robh cus caoidh. Ach às dèidh na bà donna cha b’ ann mar sin a bhà. ’S ann cianail, falamh a bha ’n lot againne às a h‑aonais.
Bha e trom oirnn nach cluinneadh sinn a nuallan a chaoidh tuilleadh.
Arsa m’ athair rium agus sinn sa chlòbhar a’ ràcadh, ‘Eil thu fhèin ag ionndrainn na bà donna?’
‘Thà,’ arsa mis’.
‘Thà agus mi fhìn,’ ars esan.
A’ bhò dhonn a thigeadh a dh’ilmich mo làimh bho ceannshìos na lot nuair a nochdainn às dèidh na sgoile. A teanga cho garbh ’s cho greòsgach ri gainmheach na h‑aibhne.
Bò nan adhairc cama.
Bò nan adhairc cruinne, crùbach.
Bò air nach gabhadh luach cur.
*
Copyright @ Donnchadh MacGillIosa. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b084jzg5
Mr Noakes - Donnchadh MacGillIosa - BBC Radio nan Gàidheal
Mr Noakes - foillsichte ann am Màiri Dhall - Ùr-Sgeul/CLÀR Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b0844x11
Mr Noakes
Thàinig am bodach a‑mach à Tesco, feasgar, leis an dà bhaga, ’s thug e sùil timcheall. Là fuar a bh’ ann ’s a’ ghaoth ga geurachadh fhèin mu na h‑oiseanan. Là fuar a bha cho glas ri ciabhag bodaich. Sheas e fon overhang ’s na bagaichean slaodte ris, ’s chunnaic e nach robh sgeul air balaich nan leabhraichean. Bha iad air na bùird a phasgadh ’s air falbh dhachaigh. Fon overhang bha stòr Tesco agus shìos pìos, Greggs, am bèicear, Nicolas off‑licence, agus Flowers by Jane.
Air beulaibh nam bùithtean sin, air cabhsair a bha trang is leathainn, bhiodh Sidney Noakes a’ reic leabhraichean. Bòrd no dhà aige ’s iad làn leabhraichean.
Cuirm dhìobh. Leabhraichean dhe gach dath is seòrs’. Agus air a thaobh‑shìos bha Jerry le a chuid leabhraichean fhèin. Bhiodh trì bùird aig Jerry. A h‑uile seòrsa leabhair air an smaoinicheadh tu.
Bha feusag bheag air Jerry, is speuclairean, agus h‑abair thusa cròg nuair a bheireadh e air làimh ort. Iùdhach a bhiodh a’ dol dhan t‑sinagog, uaireannan, còmhla ri mhàthair, air sgàth na sìth.
Shuidheadh esan còmhla ris na fir, agus dheigheadh is’ air leth còmhla ris na mnathan.
Bha Sidney rudeigin sàmhach gu nàdarrach, agus bha Jerry gu math còmhraideach.
Uisg’ ann no às bha fasgadh aig na balaich a‑staigh fon over-hang,
ach o daingead, nan tigeadh uisg’ is gaoth, ’s a’ ghaoth
a’ tighinn a-steach timcheall, dh’fheumte dìon a chur air na
leabhraichean. Nan tigeadh an aimsir gu bhith salach cha robh air ach na leabhraichean a shadadh am broinn nam bucais, teoba na croich, ’s an t‑uisg’ a’ gabhail dhaibh mu na h‑iosgaidean. ‘What’s the difference between a member of the Mafia and a gangster from Glasgow?’ arsa Jerry ris a’ bhodach, bliadhna no dhà air ais.
‘Give up,’ ars esan.
‘One makes you an offer you can’t refuse and the other makes you an offer you can’t understand.’
‘Ha‑ha,’ ars am bodach. Chòrd e ris. Agus nam biodh e chaoidh tuilleadh aig pàrtaidh agus glainne uisge‑bheatha aige na làimh, dh’innseadh e seo do chuideigin.
‘Càit’ an deach do thogail, càit’ an robh ’n teaghlach agaibh?’ ars am bodach ri Sidney Noakes.
‘Kent‑Sussex border,’ ars am fear eile. ‘Happy days.’ ’S cha d’ thuirt e ach sin, ’s cha do leudaich e air a’ ghnothaich.
Bha leabhraichean aig Sidney agus aig Jerry nach robh ’m bodach ag iarraidh gus fhosgladh.
Bhiodh e breith orra ’s gan cur gu ’n dàrna taobh. Mar eisimpleir:
Pictorial Guide to Modern Home Needlecraft, 1952 Rug‑making for Beginners Quadratic Equations Made Easy Elements of Jurisprudence, by Simont and Simont, 1927. Vol 2 Teach Yourself Lithuanian, agus fear eile air na ghlèidh e cuimhne, Decorating your home from scrap materials.
‘Ach dè mu dheidhinn seo?’ arsa Sidney ris. ‘The Four Quartets, T.S. Eliot, Faber and Faber. Bargan math. Dà not.’
‘Aah, no thanks,’ ars am bodach.
‘We are the hollow men, we are the stuffed men,’ dh’aithris Sidney Noakes. ‘Leaning together, headpiece filled with straw. Alas.’
‘Very true,’ ars am bodach.
‘The Hollow Men, 1925,’ arsa Sidney.
‘Here we go round the prickly pear, at five o’clock in the morning.’
‘Dè phrìs tha seo?’ dh’fhaighnich am bodach dheth, agus e togail leabhar mòr, trom mu dheidhinn Robert Mitchum.
‘Ceithir notaichean.’
‘Dè mu dheidhinn dà not?’
‘Trì,’ arsa Sidney.
‘Two pounds fifty,’ ars am bodach.
‘Done’, arsa Sidney. ‘You’re a hard man.’
Dh’fhosgail am bodach an leabhar a‑rithist agus chunnaic e seo: ‘I have two styles of acting,’ said Mitchum, ‘with and without a horse.’
Ach an‑diugh cha robh sgeul air Sidney, ’s cha robh Jerry ri fhaicinn.
Bhiodh iad air falbh dhachaigh bho chionn fhada. An là cho fuar, ’s cha b’ fhada gu ’m biodh an oidhch’ ann.
Choisich am bodach suas seachad air Walter Purkis and Sons, High Class Poulterers and Fishmongers.
Bha na bagaichean plastaig gu math trom. Aran, bainne, marmalade, ìm agus annlan eile.
Choisich e suas seachad air Walter Purkis agus air Cancer Research UK.
Choisich e le baga ’s gach làimh agus e ri rolaigeadh, na h‑uiread, bho thaobh gu taobh. Coiseachd ghiagach na sean aois. Bha siataig a‑staigh na ghualainn agus air a dhol suas an cùl a chinn.
Chunnaic e ’n uair sin gun robh na poileis air Crouch End Hill a dhùnadh. Bha ròpaichean aca tarsainn an rathaid, agus, ann an sin, aig na solais, chunnaic am bodach fuil air an rathad.
Fuil a’ deàrrsadh air an t‑sràid, ann an ciaradh an fheasgair.
Eadar National Westminster Bank agus The King’s Head a bha thall ma choinneamh.
Sheall am bodach ach an robh dà chàr air bualadh na chèile ach cha robh dad dhen a sin ri fhaicinn.
Aig an àm s’ dhen a’ bhliadhna bha na craobhan mòra lom de dhuilleach thall ’s a‑bhos.
‘Càit am beir mi air a 41 agus Crouch End Hill dùint’?’
‘Gabh sìos chon an stop eile,’ ars am poileas. ‘Eil thu faicinn an Clock Tower?’
‘Tha fios agam, tha fios agam,’ ars am bodach, agus dh’fhalbh e.
Air Disathairn’ chuir e fàilt air Jerry.
‘An cuala tu mar a thachair dha Sidney?’ arsa Jerry ris.
‘Cha chuala.’
‘Bhuail càr ann. Ghoirtich e cheann is amhaich.’
Thug iad greis sàmhach.
Reic Jerry dà leabhar.
‘Cuine?’
‘Diluain. Bha e tilleadh às a’ bhanc.’
Choisich am bodach suas agus sheas e aig solais an trafaig ri taobh a National Westminister.
Là glas eile agus oiteag fhuar mu chluasan.
‘’S beag a bha dh’fhios agam gur tusa bh’ ann,’ ars esan ri Sidney, nach robh faisg mìl’ air, ach a bha na laighe san ospadal agus cèids mu cheann, ga chumail gun ghluasad. Cha robh sgeul air an fhuil ged nach robh uisg’ air a bhith ann. Bha cuibhleachan nan càraichean air falbh leis. Bha na ceudan ’s na mìltean de chàraichean ’s de làraidhean ’s de bhusaichean a’ ruith tro Crouch End a h‑uile là, ’s cha robh tàmh orra fiù ’s air an oidhch’.
Chaidh e air ais gu Jerry.
‘Càit’ a bheil Sidney a’ fuireachd?’ arsa Jerry. ‘Archway,’ ars am bodach.
‘Bhoill, sin agads’ è. Tha e sa Whittington. Cha do chaill e bheath’, taing do Dhia,’ ars an t‑Iùdhach.
Rug am bodach air a 41 agus thill e dhachaigh gu Turnpike Lane.
An ath là, Là na Sàboinnd, dh’èirich am bodach agus rinn e deiseil.
Bha fios aige gun robh e dol a dhèanamh coiseachd mhòr, fhada. Agus a‑rithist, tron t‑seachdain, dheigheadh e shealltainn air Sidney.
Bha bonaid clòimh’ ma cheann. Bha seacaid bhlàth air, agus long johns fo bhriogais. Na phòcaid bha botal beag de bhranndaidh.
Bha e rudeigin slaodach an toiseach. Choisich e suas Turnpike Lane agus suas tro Crouch End. A’ toirt an aire air fhèin bho na càraichean ’s iad a’ dol aig peileir am beath’. Suas Crouch End Hill at a steady pace.
Seachad air Christ Church le a stìopall àrd. Thog e shùilean suas thuice.
‘ ’S ann co‑cheangailt ris an fhacal ‘Crois’ a tha Crouch End,’
arsa Sidney ris uaireigin. ‘Agus gu cinnteach bha crois mhòr fhiodh na seasamh an àiteigin ann an seo bho chionn fhada.’
‘Bhoill,’ ars am bodach, ‘fancy that now.’
Suas Hornsey Lane ghabh e, ’s e nis air blàthachadh ’s air fàs supail.
Bha na sgòthan glasa nan tiùrr air feadh an adhair gu lèir, ’s bha corra spriotag a’ bualadh air an aodann aige.
‘Tha mi ’g iarraidh air falbh às an àite s’,’ ars esan ris fhèin. ‘Nam bithinn na b’ òige thogainn orm a dh’Astràilia ’s cha tillinn.’
‘Perth, Western Australia. Panning for gold in the outback. Coming in now and then for a bit of tucker and the odd hello. No ’s dòcha gun deighinn taobh Argentina, ’s gun ionnsaichinn Spàinnis. Mexico, ’s dòch’. Mar-thà, tha beagan Spàinnis agam: mesa, hombre, mañana, siesta, hacienda, caramba, gringo uh . . . uh . . . conquistador, cojones, Diego Maradona, hasta la vista . . . agus . . . agus . . . caballero, lariat, sierra . . . sierra . . . an d’ thuirt mi siud mar-thà? agus iomadach facal eile.
Shuidhinn còmhla ris na fir eile, ann an teas bruthainneach an là, agus na sombreros mar ceann.
Nar suidh ag innse sgeulachdan ’s a’ sadail smugaidean ’s a’ gabhail ealla ris na senoritas a bhiodh a’ riaghladh dhuinn biadh is deoch, am falt aca cho dubh ’s cho lainnireach ri it’ an fhithich.’
Tarsainn air drochaid mhòr, iarainn Archway Road, a thogadh ann an linn Victoria. Drochaid bhom biodh corra dhuine ga shadadh fhèin sìos gu bàs. Shìos fòidhpe bha na càraichean a’ sruthadh gu deas is gu tuath.
‘Not me. Not ever. No matter what,’ ars esan ris fhèin.
Suas roimhe gus na ràinig e an eaglais mhòr Chaitligeach air an robh St Joseph, le a mullach àrd, cruinn, copar.
Biast mhòr de dh’eaglais ri taobh Waterlow Park. Ann an seo bha trì sgìreachan a’ coinneachadh.
Haringey, Islington agus Camden.
Thug e sùil suas gu Highgate agus chùm e air tron phàirc, far an robh a’ ghlasach cho gorm ri feur an t‑samhraidh. Agus far an robh na craobhan dorcha sìor‑ghorm, dùr‑ghorm a bhiodh ga tharraing thuca. A’ chraobh chuilinn bhiorach agus an t-iubhar dorch, cruaidh nach robh a’ saoilsinn dad dhen a’ gheamhradh, ged a thigeadh sneachd is reothadh teann, ged a shèideadh gaoth a ghoideadh an anail bhuat.
Thòisich e smaoineachadh a‑rithist air a pheinnsean agus mar a chaill e a’ chuid mhòr dheth, eadar a làmh ’s a thaobh. Agus leig e ràn beag às. Leig e ghuth a‑mach.
‘Na bleigeardan, o na bleigeardan, cò riamh a shaoileadh, nam bitheadh an òig’ agamsa shiùbhlainn, o shiùbhlainn mar an gobhlan‑gaoith ’s cha bhiodh siud aca dhìom.’
Sìos Swain’s Lane, seachad air Highgate Cemetery, far an robh na ceudan ’s na mìltean gu bràth sìnte nan cadal. Nam measg bha Karl Marx.
Air là samhraidh, uaireigin, fada mus deach e na bhodach, chaidh e shealltainn air an uaigh aige.
‘Bha Karl Marx cho bochd,’ arsa Sidney, ‘e fhèin ’s an teaghlach, nuair a bha iad a’ fuireachd ann a Soho, ’s nach robh ac’ ach aon sèithear, fear le trì chasan.’
Na inntinn chunnaic e Karl Marx agus an sèithear a’ tuiteam gu làr for the umpteenth time.
‘Uh-huh,’ ars am bodach ri Sidney. ‘’S carson nach deach e mach a dh’obair, ’s an cothrom sin aige.’
Thòisich Sidney a’ sitrich ’s a’ glocadaich ’s chaidh an aghaidh aige dearg.
Sìos Swain’s Lane far na phòg e Lizzie Jenkin ri solas na gealaich, bho chionn fhada. Cian nan cian bho thachair sin.
‘Tha mise falbh dhachaigh,’ ars ise ris, ‘mura dèan thu rudeigin.’
Nighean gun athair. Rest in peace.
Sìos an rathad gus am fac e Pizza Paradiso. Tarsainn an rathaid agus suas gu Parliament Hill.
‘Cha tèid mise a‑chaoidh nas fhaide na seo. Hampstead Heath, ’s i cho fosgailt ’s cho brèagha, ’s na Ponds cho snog a gheamhradh ’s a shamhradh.’
Chaidh e seachad air corra dhuine, cuid le coin, ach cha tug e ’n dàrna sùil orr’. Chùm e dol agus suas leis gu mullach a’ chnuic, agus stad e aon uair, sin uireas.
‘Tha mise gu math fallain,’ ars esan ri craobh daraich lom air an robh corra dhuilleag bhochd ruadh.
‘ ’S math nach do chuir mi riamh cus blonaig orm.’
Bha na starragan a’ spàgail timcheall air a’ ghlasaich, ’s iad gu math bragoil, ’s iad a’ toirt corra leum ast’ is corra bhuic. Agus a’ tadhal air craobhan loma geamhraidh ’s a’ placadaich nam bàrr. ‘An còrr, an còrr,’ bha iad ag èigheachd, ‘chan fhaigh sibh ’n còrr.’
Bhuail glag. Leth‑uair an dèidh ceithir. Ann am baile Highgate. Bha na sgòthan glasa lìonadh an adhair gu lèir.
Bha Highgate thall bhuaithe air a thulach fhèin, agus stìopall a’ dol dhan adhar. Parish Church of St Michael.
Na h‑eaglaisean sin a bhiodh a’ toirt togail‑inntinn dha ged nach robh iarratas aige dhol nam broinn. Nuair a bhiodh e muigh a’ coiseachd thogadh e a shùilean suas agus mholadh e ’n cumadh a bh’ orra, agus mholadh e na daoine tùrail a chuir clach air a’ chlaich ’s nach do chaill am misneachd.
Gu chùlaibh bha ghrian a’ dol fodha. Os cionn Hampstead, NW3, bha dathan dearg agus buidhe na grèin’ a’ sruthadh a‑mach, ’s i dol sìos.
À sin choisich e dhachaigh an dearbh shlighe thàinig e. Mus deach e steach an taigh’ bha a’ ghealach chruinn na h‑àirde, agus na rionnagan a’ sgeadachadh nan nèamhan, ’s iad deàlrach, dathach ’s air mhire.
Aig a dhoras fhèin chunnaic e luchag a’ dol mu oisean balla ghàrraidh, is cabhaig oirr’.
Bha a chorp teth. Thilg e dheth a sheacaid ’s rinn e teatha. Agus gun cus dàil sgrìobh e sìos a’ bhàrdachd rann bho rann.
Tha Sidney na shìneadh, na shìneadh, na shìneadh, tha Sidney na shìneadh, chan fhaic sinn e gu chionn greis.
Tha Sidney bochd san ospadal, san ospadal, san ospadal, tha Sidney bochd san ospadal, chan fhaic sinn e gu chionn greis.
Bhuail an càr ann ’s cha do stad, cha do stad, cha do stad, bhuail an càr ann ’s cha do stad, chan fhaic sinn e gu chionn greis.
An fhuil air an rathad chunnaic mi, chunnaic mi, chunnaic mi, an fhuil air an rathad chunnaic mi, chan fhaic sinn e gu chionn greis.
Cha do reic e leabhar an‑diugh no ’n‑dè, an‑diugh no ’n‑dè, an‑diugh no ’n‑dè, cha do reic e leabhar an‑diugh no ’n‑dè, chan fhaic sinn e gu chionn greis.
‘Dè mu dheidhinn an leabhar sa?’ arsa Sidney.
‘Doves and Pomegranates – Christina Rossetti – poems for young people – in mint condition.’
‘Uh‑huh,’ ars am bodach.
‘In the bleak mid‑winter,’ ’s ise sgrìobh sin,’ arsa Sidney, ‘earth as hard as iron, water like a stone.’
‘Dà not?’
‘Seadh.’
‘One pound fifty.’
‘No can do,’ arsa Sidney. ‘It’s a hardback and in very good nick.’
‘You’re a hard man, Mr Noakes,’ ars am bodach, agus shìn e null an t‑airgead.
*
Copyright @ Donnchadh MacGillIosa. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b0844x11
An Dachaigh - Fionnlagh MacLeòid - BBC Radio nan Gàidheal
An Dachaigh - foillsichte ann an Dìomhanas - Ùr-Sgeul/CLÀR Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b0844x11 An Dachaigh
Ged a bha gu leòr ri dhèanamh a-staigh, bha iad tric nan suidhe air beulaibh an taighe a’ coimhead sìos taobh a’ chladaich. Dhèanadh ise cofaidh, ’s ma bha càil idir air an latha dheigheadh iad a-mach ’s shuidheadh iad a’ coimhead mun cuairt fhad ’s a bha iad ga ghabhail. Cha b’ e gun canadh iad mòran ri chèile; ach a-mhain cho do-chreidsinneach ’s a bha an sealladh. Bha cnuic ghorma na sgìre nan sìneadh am blàths na grèine; na lotaichean fada, bàna ri cliathaich a chèile; na bailtean beaga a’ ruith ann an sreath a chèile, sìos cha mhòr gu bàrr a’ chladaich; ’s gun ghluasad air a’ mhuir, fiù ’s eathar.
Cha mhòr gun creideadh an sùilean maise na tìre dhan robh iad air tighinn, an taca ris an estate comhairle air iomall Sheffield anns an robh iad air a bhith, fad nam bliadhnaichean bho phòs iad. An-dràsta ’s a-rithist chuimhnicheadh iad air an fheasgar a bha siud, nuair a dh’èigh e oirre ’s e air dealbh an taigh sa a lorg le turchartas air an eadar-lìon. Mus robh ceann na mìos ann, bha iad na bhroinn. Iad air a cheannach ’s air gluasad le na bh’ aca: cha deach aigesan air a thighinn ga choimhead gus an latha a rinn iad an imrich. Mìos eile a-nis bho thàinig iad. Simon agus Ethel Byetheway.
’S ann airsan bu mhotha a bha de chabhaig cìs fhaighinn air na bha ri dhèanamh am broinn an taighe. Bha an t-àite na chorra-lòid ’s iad air a bhith a’ togail a h-uile mìr carpet anns gach rùm. Fon sin bha pìosan wax a bha air a dhol ciar is pronn. Bha smùid air a bhith air feadh an taighe ’s e a’ sgùradh bùird an làir le inneal dealain ’s e an uair sin gan dèanamh faileasach le varnish. Bha ise air duilleagan sean phàipearan-naidheachd a bh’ air a bhith sgaoilte fon wax a chruinneachadh, a’ chuid bu mhotha bho na 1950an. Ach cha mhòr gun deigheadh aice air an dèanamh a-mach le mar a bha an sgrìobhadh air a dhol fann ’s am pàipear fhèin air a dhol glas-bhuidhe. Cha tug esan fiù ’s sùil orra; bha teine math aige a’ dol a-muigh air cùl an taighe ’s cha robh air aire ach an taigh a ghlanadh a-mach gus am faigheadh e air a dhreach fhèin a thoirt air.
Cha mhotha a thug e sùil air an dealbh. Ann an oisean, eadar na pàipearan fon a’ wax, bha ise air an dealbh a lorg. Chan eil fhios cò iad, bha ise a’ faighneachd dhi fhèin. B’ fheàrr leatha gu faigheadh i a-mach cò iad, oir ’s iongantach mura h-iad a bha fuireach anns an taigh uaireigin. Anns na 60an, ’s dòcha. Ach cha robh dòigh aice air faighinn a-mach. Cha bhiodh fhios aig duine cò iad. Ma bha, cha robh lorg aicese orra. Chuir i an dealbh an taca leòs na h-uinneig. Dh’fheumadh sinn piseag fhaighinn sinn fhìn, smaoinich i, nuair a gheibh sinn rian air na tha seo.
Rinn iad tòrr gàireachdainn a’ reubadh a’ bholt bhon a’ bhalla. Dith às dèidh dith. Dath às dèidh dath. Am balla craobhach uaine son mionaid; an uair sin builgeanach glas. Am facas a leithid sin a-riamh air balla, a bh’ aigesan. Ach dith mar a nochdadh, bha ise barrachd a’ smaoineachadh air a’ bhoireannach a chuireadh suas e, ’s cho moiteil ’s a bhiodh i air a bhith. Air aon bholt anns an rùm-cadail shìos an staidhre bha tòrr dhealbhan air an dèanamh le peansail, mar gum b’ e sin am balla a bha ri cùl na leapa. Gàireachdainn na cloinne; an gal ’s an èigheachd. Sguiribh dhen a sin, cò aig’ tha fios nach tuirt am màthair, no thèid ur h-athair às a chiall nuair a chì e e. Esan an-dràsta a’ reubadh sìos: stiallan mòra dathach dhen h-uile seòrsa bolt, ’s e dèanamh dùn dheth am meadhan an làir. Gus bho dheireadh gun nochd na bùird lìnig: a’ v-lining, ’s e fhèin le dithean peant. An leth àrd aon dath ’s an leth ìosal dath eile. Le srianag eatarra. An ath rud air am feumadh e tòiseachadh: ga sgrìobadh ’s ga ruspaigeadh, gus an tigeadh e chun an fhiodh ghlain. Sgealban beaga peant dhe gach dath nam fras aig a chasan.
Simon, dh’èigh i, trobhad ach am faic thu seo. Bha i anns an àradh ’s i tilgeadh mu leth-dusan leabhar mòr bog sìos chun an làir. Leabhraichean tiugha; gun chùl orra. Oir nan duilleag faileasach le peant òir. Iad a’ toirt clab air an làr. Bha ise a’ ruigheadh a gàirdein a-steach eadar na sailean, dhan bheàrn
a bha eadar lobht na lobaidh agus làr nan rùm àrd. Thog esan aon dhiubh ’s dh’aithnich e gur e Bìobaill a bh’ annta. Ged nach deigheadh aige air facal dhiubh a leughadh. Thog e iad nan ultach na ghàirdeanan ’s dh’fhalbh e a-mach leotha ’s chuir e a mhullach an teine iad. Carson fo Dhia, thuirt e rithe nuair a nochd i, a bhiodh duine sam bith a’ gleidheadh dùn shean Bhìoball a-staigh eadar na sailean. Sheas ise a’ coimhead atach nan leabhraichean; an teine a’ ruith mar fhuil air an duilleagan, ’s beag air bheag iad a’ dol dubh.
Anns an diog sin chunnaic i an dealbh a’ tighinn ris, mar a bha na duilleagan a’ gabhail. Bhuail i am Bìoball sin gu aon taobh le a bròig ’s thog i an dealbh, teth ’s gun robh e. Cha chòrdadh e ris-san i bhith cumail nan dealbh mar seo. Cha mhotha bha fhios aice fhèin carson a bha i ga dhèanamh.
Bheireadh i a-steach e còmhla ris an fhear eile. Bha rudeigin mar Comann Eachdraidh shuas an sgìre: ’s dòcha gun toireadh i an sin iad ’s gu fàgadh i aca iad. Cò aige tha fios – nach maite gun aithnicheadh cuideigin iad. Uaireigin. ’S maite.
Bha e air geamhlag a lorg air cùl an taighe ’s bha sin aige a’ spealgadh nan àitichean-teine às a chèile. Air cùl nan teintean taidhle thàinig e air pilearan air gach taobh dhen gholaig, agus iad a’ ruith suas gach taobh dhen t-similear. Bha e air a dhòigh le seo: gum biodh teintean fosgailte aca, aon uair ’s gu faigheadh e air loinn a thoirt orra. Bha ise a-mach ’s a-steach le làn nam peileachan de chnapan saimeant is de thaidhlichean briste. Am measg gach seòrsa trealaich aodaich is eile a bha i a’ slaodadh a-mach às a’ chlòsaid am bàrr na staidhre, thàinig i air teip-reacòrdair. Thug i sìos e ’s chuir i am plug dhan a’ bhalla. Phut i am putan ’s thòisich na ruidhlichean a’ cur char. Sean fhireannach a’ seinn ann an guth tiamhaidh: cha robh na briathran a’ dèanamh ciall sam bith dhaibh, ’s bha an t-seinn fhèin coimheach nan cluasan – chan e gun robh esan a’ buadraigeadh ri èisteachd. Bha fhios aicese gur e Gàidhlig a bhiodh ann. Thalla leis a’ ghleadhraich sin, a thuirt esan, ’s cuir a-mach dhan teine e.
Chaidh i suas air ais ’s chruinnich i na bucais dhathach eile; a h-uile h-aon le teip shia-òirlich nam broinn ’s iad ann an cèis. Thug i leatha iad fhèin ’s an teip-reacòrdair ’s thilg i dhan teine iad còmhla ris a’ chòrr. An ceann greis dh’fhaireadh iad a-staigh fàileadh a’ phlastaig a’ losgadh. Bha esan a’ liacradh saimeant air na pilearan le cùl na triubhail.
Bha iad air an glùin a lùbadh, a’ gabhail an anail air a’ bheing a-muigh. Bha iad toilichte gun robh iad air a’ bheing a thoirt suas leotha. Ach an dùil an robh ainm air an rubha sin, bha ise ag ràdh, cha mhòr rithe fhèin. Air aon taobh dhen chladach bha an rubha a dh’ainmich i, ’s bha dìreadh àrd air an taobh eile. Cha robh lorg aca air ainm àite bha sin, no air àite sam bith eile a chitheadh iad sìos chun a’ chladaich, fhad ’s a bha iad nan suidhea’ gabhail cofaidh na maidne. Tha mi creids’ gun thachair gu leòr shìos mun chladach sin, chùm ise oirre ’s i a’ ruith a sùil air a’ bhàgh; ’s beag tha dh’fhios nach deach daoine a bhàthadh a-muigh an sin. Cha do leig esan air ma bha e ga cluinntinn. ’Sann ann a tha an latha, thuirt e ris fhèin; ’s ann orm fhìn tha an fhadachd gus am bi an taigh deiseil ’s am faod mi cuairt a ghabhail air feadh an àite; seall air an rubha ghorm tha sin shìos bhos cionn a’ chladaich.
Shuidh iad ann an sin greis eile: a’ coimhead na tìre a bha gun ainm, ’s na mara a bha gun sgeul. Bha an taigh ùr aca sàmhach air an cùlaibh; cha robh càil aige ga ràdh. Bha a chlachan is fhiodh balbh, mar a bha iad bho thùs; cha robh iad a’ giùlain ach iad fhèin. Tà, ars esan ’s e a’ seasamh, mus cruadhaich an saimeant orm.
*
Copyright @ Fionnlagh MacLeòid. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b0844x11
Air an Rathad - Fionnlagh MacLeòid - BBC Radio nan Gàidheal
Air an Rathad - foillsichte ann an Dìomhanas - Ùr-Sgeul/CLÀR
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b083gzr7
Air an Rathad
A’ dèanamh adhartas. Aon slaodadh eile. Na cruachan fada mònach air gach taobh dhith, an oir an rathaid. ’S math an turadh. Cho tric tha i drùidhte fliuch, ’s an iris ga sgiulladh. Bha dùil aig Murchadh each is cairt fhaighinn nuair a thilleadh e, ach cha b’ ann mar sin a bha. Nas truime air a druim an turas seo na bu chòir. A’ mhòine dhubh cho math gus an taigh a theasachadh mus èirich iadsan. Ceum air cheum air a casan luirmeach, ach g’ eil an rathad nas fhasa an seo le smùr air. A’ mhòine air a stèidheadh, àrd bhos cionn beul a’ chlèibh. Corrfhad bàn na fhìor mhullach, ’s an sìoman ga chumail na àite. Anail throm an-dràsta ’s a-rithist, mar leth-osann. An còta striop na dhronnaig air caol a droma, ’s na h-osanan mu a casan. I crom fon eallach, a’ dèanamh air an dachaigh, ceum bho cheum, aon uair eile. Lùb às dèidh lùib, cuairt an deidh cuairt, mar gum biodh gun fhiosta dhi. A h-aire air teicheadh fad’ air falbh; air ais aig Murchadh ’s an ùine bho chaill i e. Gun aithne air càite no ciamar. An Òlaind. Chan eil fhios dè cho fada air falbh ’s a tha sin. Air taobh thall a’ chuain co-dhiù. Dh’inns Aonghas na h-uiread. Mun acras. An latha mus do thuit Murchadh gur ann ann an òcraichean a bha iad a’ cladhradh, airson duilleagan càil.
Am blàr beagan astair air a cùl ach i ùine mhòr bhon bhaile fhathast. Chan eil sgeul aice air duine air an rathad ach i fhèin. I air falbh tràth, mus èireadh iadsan, ’s gum biodh i air ais leis an lite aice deiseil ris an teine mus cuireadh i an-àirde iad. Cabhaig is ùpraid mar as abhaist gam faighinn a-mach às an taigh ’s sìos an rathad nan deann, fadalach, air an casan luirmeach, le an leabhar piullach fon achlais. Ach am mìorbhail gun shàbhail iad bhon treamhlaidh a thug air falbh an fheadhainn bheaga. Buille air nach d’ fhuair Murchadh a-riamh seachad. ’S e mar a chaill sinn a’ chiad theaghlach a liath mo cheann. ’S an uair sin Cogadh a’ Cheusair, ’s aige ri falbh. ’S cha do thill. Gun fhios càite. Màiri bheag a’ chiad tè, ’s cha robh an dithis eile fada às a dèidh. An dithis air an adhlacadh am broinn cèis na seachdanach.
An rathad morghain nas cruaidhe ach gu bheil boinn a casan air cruadhachadh leis a’ chleachdadh. A’ ghrian nas àirde a-nise bhos cionn na mara, ’s dreach an t-samhraidh air an raon mun cuairt. Nan tigeadh Peigi le pìos beag èisg nuair a thilleadh e fhèin bhon eathar. Bheil càil idir ann ach ìm ’s buntàta? Tha, ghràidh, bha Peigi thall le simid truisg. Bhiodh sin math. Cuairt is cuairt eile. Ceum is ceum eile. A’ tighinn beag air bheag.
I ga fhaireachdainn ri a taobh. A’ dol an rathad còmhla rithe. Ach nach eil i cinnteach an e th’ ann. Uaireannan tha e mar gur e leanabh a th’ ann. I fhèin na leanabh. Chan eil i a’ sealltainn, ach tha fhios aice gu bheil cuideigin a’ falbh ri a taobh. A taobh deas an-còmhnaidh. Chan eil i a’ smaoineachadh gur e Màiri bheag a th’ ann idir. No an dithis eile. Gur e i fhein a th’ ann. No esan. A’ coiseachd socair balbh còmhla rithe. A-nis chan eil duine ann. Thig e ’s falbhaidh e mar seo. A h-uile madainn. Chan eil e a’ cur annas no athadh sam bith oirre, ’s chan eil e a’ fàgail fiosrachadh
aice. Na cruachan-mònach a’ dol seachad, ’s i tighinn air a slighe. An ceann crom ’s a’ choiseachd dian, ’s na meuran a’ rais air na bioran.
Ri dol a dh’fhaighinn làd bùirn cho luath ’s a ruigeas i.
A’ chiad rud a nì esan nuair a dh’èireas e, ’s e dhol suas le deoch bhùirn fuar gu a màthair. An e nach robh thu fhathast idir anns an tobair? I a’ faothachadh an eallaich air cùl a dà shlinnean. Truimid na mòna duibhe. Chan fhada gus am bi na balaich mòr gu leor son a dhol dhan tobair. Le dà pheile chaol, mus tèid iad dhan sgoil. ’S a’ bhò. Chan fhada gus am faod iad a dhol a chur a-mach na bà. ’S a h-atharrachadh aig tràth-diathad. Na balaich bheaga a’ fàs mòr. Tha thu air am milleadh a chanas m’ athair. Na mo latha-sa . . . Nach fhada bhon dà latha sin? Agus tha fios aige fhèin air a sin.
Tha i a’ tighinn gu poll àrd an oir an rathaid. A’ dol sios a bhroinn a’ phuill ’s a’ socrachadh a’ chlèibh na shuidhe air an druim. A’ gabhail anail, na seasamh an sin, ’s an iris fhathast mu a guailnean. An fhighe ri a taobh airson mionaid. Nam biodh deoch agam. Pìos mìr le sgait fhuar. Deoch fhèin. A’ mhòine na sgaoilteach air na puill mun cuairt oirre. Tha ise nas tràithe leis a’ mhòine seach nach leig esan fois dhi. Cuin tha dùil agad a dhol a-mach ga rùsgadh? Thìd’ a cur air tìr. A sùil a’ laighe air dreathan na ruith a-mach ’s a-steach à rùdhan. A-mach ’s a-steach. Le bhodhaig bhig dhuinn ’s le earball. A bheatha air uachdar a’ phuill . . . son greis. Gun fhios carson. Ach g’ eil e ann.
Tha i air ais air an rathad, ’s a h-aghaidh air an dachaigh. Caora na h-aonrachd anns an dìg. Mar a bha am fiadh an latha eile. Na sheasamh ga coimhead. Beathach mòr le cròicean. Cha
mhath an comharr, a bh’ aig a h-athair nuair a dh’ainmich i e. Coma leam dhen teachdaireachd a thug an taobh s’ e. Cho fada bho innis àbhaisteach. Cha robh a nàbaidh Aonghas air a bhith deònach mòran a ràdha, nuair a thill e fhèin dhachaigh. ’S ann ri farchluais a chuala i e ag innse dha h-athair gur ann le beugaileid a chaidh Murchadh a mharbhadh. Ri thaobh. An òcraichean na h-Òlaind. A fradharc air a dhalladh airson mionaid le fliuichead a sùilean. I a’ dol air an rathad, ceum bho cheum, gun fhiaradh gun innealadh. Am baile a’ nochdadh roimhpe.
Beagan ga dhèanamh ris an taigh ach chan eil m’ athair air a shon. Glèidh do chuid gun fhios dè tha romhad. Chan e seo àm dhut a dhol a thogail gèibhil no eile, ’s do mhàthair air an leabaidh, ’s do theaghlach fhathast maoth. Nach do rinn an teine a’ chùis dhuinn fhìn mar a tha e, ’s carson a ghluaiseadh sinn a-nise e. Chan fhac’ i sgillinn aice fhèin a-riamh gu seo. Ma thig airgead Mhurchaidh. Togaidh e a’ chlann dhut, ’s cha bheag sin fhèin. Carson nach fhaigh thu agh a bhios agad còmhla ris a’ bhoin? Àite gu leòr shìos air an todhar an siud. ’S chan e pàipear craobhach ga chur air balla is lobht. Dìomhanas gun fheum. A’ cheò na mallachd gu mo liathadh. An dachaigh mar a tha i. An lampa àrd a fhuair mi am bùth Ted ann a Wick, ’s na bobhlaichean ’s na truinnsearan gorma anns an dreasair. Pheant mi e ’s cha do sguir e a ghearain. Air a slighe a-steach an rathad. An cliabh làn a’ falach a leth àrd mar a tha i a’ dol nas fhaide air a slighe. Boireannach òg air nach eil a coltas.
Nan tigeadh ise a-nall le pìos èisg. Mura tig ’s dòcha gu lorg mi ceile chàil ma tha tè air fhàgail shuas an surrag na h-àthadh. Liath-ruisgean an earraich le an ganntar. Buntàta na sluic, iad fhèin gu ruith a-mach, ach gu feumar annlan a dhèanamh orra.
’S iad air a dhol cho bog. Ach gu faigh sinn math an laoigh. ’S e Aonghas a dh’fheumas a dhèanamh dhomh, ’s cha mhòr an cuideachadh a thèid agams’ air a thoirt dha. Tha taisealachd anns an fheòil ach chan e sin seasamh a’ coimhead e bhith ga mharbhadh. Gus am faigh mi crochait air spàrr e. A chlosaich fhalamh a’ tionndadh ’s i fhathast blàth fo mo làimh. Am bàs a’ coimhead cho aognaidh.
Mòine an ath-bhlàir a tha seo. Puill mhath fhada a’ ruith leis an leathad. Bha mo sheanair air ùr-phòsadh ’s aige ri blàr ùr a thoirt dha fhèin. Thug mo sheanmhair dhachaigh air a druim a h-uile fàd, a h-uile bliadhna. Mo mhàthair an uair sin, a’ ruith a rèis fhèin. Turas bho thuras, cliabh bho chliabh. Bho dhruim a’ phuill. Cha robh de thalamh ann na chumadh each, ’s càite co-dhiù an robh càil a dheigheadh na choinneamh. An t-uallach gu lèir a’ tuiteam ormsa. Cò-dhiù bho ghais ise ’s bho chaill esan a chlì. Ach nach do leig e às a ghreim, ’s cha leig. An teine ann an siud am meadhan an làir, agus bithidh. ’S an tughadh sùithe ga thoirt a-nuas airson an talamh bhuntàta ’s an eòrna. Gun chaochladh air an àbhaist. Am buntàta a’ dèanamh na sreath ’s chan fhada gus am feum iad am priogadh ’s a’ chiad fhliodh a thoirt asta. Ged a bheirinn croman dhan fheadhainn bheaga cha bhiodh agam ach call na làrach. Gàire a’ briseadh air a h-aodann fon eallach. Mar a’ chiad uair a thug esan dhomh an speal. Cha bhi air mura caill daoine na casan, a thuirt e fhèin. Ag aotromachadh an latha.
Am baile a’ tighinn nas fhaisg’. Chan eil faochadh bhon eallach fad’ às. Làd bùirn, ’s an lite dhaibhsan. Greis anns a’ chùlaist còmhla rithese, ma bhios facal aice. Iomnaidh dha mo thaobh-s’ bho chaidh esan às an rathad. Boireannach gun taic,
boireannach gun chompanach. Banntrach cogaidh le dilleachdain. Ruithean còmhraidh leatha fhèin. Na leth-shuidhe anns an leabaidh-dhùinte ’s an lùireach mu a h-uachdar. Feuch gun ith iadsan rudeigin mus fhalbh iad dhan sgoil. An gabh sib’ fhèin càil leis an teatha? Chan fhaca, duine beò bho dh’fhalbh mi. Sgìth; an aon sgìths. Nach e sin a th’ air a chur a-mach dhuinn, a ghràidh. Claoidh is mulad. Is call. Thèid mi ’s dòirtidh mi ur teatha. Esan air an teine a thogail ’s an fhàrdaich air lìonadh leis a’ cheò. Cluinnidh mi e shìos aig a’ bhoin. A’ suidhe an tac an teine. An stòl a bh’ aig mo mhàthair romham. ’S aig a màthair roimhpese. ’S mar sin air ais. ’S mar sin air adhart. Ceum air cheum. Cuairt air chuairt. Gu ruig an ceann-uidhe.
*
Copyright @ Fionnlagh MacLeòid. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! http://www.bbc.co.uk/programmes/b083gzr7
Sealladh - Donnchadh MacGillIosa - BBC Radio nan Gàidheal
Sealladh - foillsichte ann am Màiri Dhall - Ùr-Sgeul/CLÀR
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b083gzr7
Sealladh
Bha na sùilean aige deàlrach, soilleir ach bha e mar bhalach sam bith eile gus na thòisich e ’g innse nam breug. Ag innse nam breug gu math tric, ’s bha sin na mhasladh ’s na bhriseadh-dùil dha athair ’s dha mhàthair, oir ’s e bh’ annt’ ach daoine diadhaidh agus daoine ceart. Gu h‑àraid seach nach robh ac’ ach e fhèin. Agus seach gun robh aca ri feitheamh cho fada ’s cho furachail mus d’ fhuair iad e. Agus droch eagal orra nach fhaigheadh iad leanabh idir.
Bha iad fada gun phòsadh. Bha iad fada gun phòsadh ’s cha robh an uair sin leanabh a’ brath air a thighinn. Bha iad cho moiteil às a chèile, mar as minig a bhios fear is bean ’s iad air ùr phòsadh. Bha iad cho moiteil às a chèile, ’s gann gun creideadh iad gun robh e ceadaichte dhaibh a bhith cho dòigheil. Bho dhaoine diadhaidh a thàinig iad, air gach taobh, ’s bha iad fhèin gu math cùramach, faiceallach, ’s an cogais air a toirt beò gach là is oidhch’ tre ùrnaigh is adhradh.
‘O, a Sheònaid, a Sheònaid,’ chanadh e rithe, ’s iad sìnte còmhla, ’s an cùirtear craobhach dùinte mun leabaidh ac’, sa chonnlach chùbhraidh a bha fòdhp’ air a caisleachadh as ùr gach madainn air dhaibh èirigh. ‘O, a Sheònaid,’ chanadh Coinneach os ìosal rithe, ’s iad sìnte còmhla ’s iad leoth’ fhèin san leabaidh dhùint’ is cùirtear brèagha timcheall orr’, ’s iad air leth bho chàch. Iad leoth’ fhèin san leabaidh bhlàth, chòmhnard, mo chreach, ’s iad fhathast cho òg ’s cho ullamh.
‘O Choinnich, a Choinnich,’ chanadh i na chluais, mus cluinnt’ i, ‘a Choinnich, a Choinnich,’ ’s iad cho sòlasach, slàn.
Cha robh leanabh no leanabh, ge‑tà.
Thàinig e steach orr’ gur h‑ann a bha iad ro dhòigheil, ’s gun robh e na pheacadh. A cheart cho dòch’ gur h‑è sin bu choireach. Gur h‑è iad fhèin bu choireach.
Bha teaghlaichean eile thall ’s a‑bhos a’ faighinn leanabh bho
leanabh. Cha robh aig Dòmhnall Bàn ach ri priobadh air Anna ’s bhiodh i rithist air turas‑chloinne. Cha robh aig Murchadh Buideal ach sealltainn ri Mòr agus deàrrsadh na ghnùis, ’s bhiodh i torrach sa bhad.
Bha ’m muir mòr a’ cur air tìr tiùrr bho thiùrr de dh’fheamainn, agus sin ac’ gus mathachadh na talmhainn.
Bha na h‑èisg a’ lìonmhorachadh, na h‑ainmhidhean gun smuain a’ sìolachadh a h‑uile taobh a shealladh iad, eadar crodh is caoraich is cearcan is eunlaith nan speur. Bha ’n talamh a’ toirt a‑mach a thoradh. Mu Bhealltainn bha a’ chopag ghorm ìosal, iriosal a’ nochdadh a h‑aiseirigh.
Agus iadsan a‑mhàin bochd, seasg, neo‑shoirbheachail. Aidh. Seadh, iadsan nan aonar gann, seasg, gun ghineal.
Thuirt Coinneach ri Seònaid gur h‑ann a bha iad air a bhith a’ glòireachadh ’s a’ mealtainn a chèile, ’s gun robh an dòighealachd mar sin togt’ air dhroch bhonn gainmhich.
An sin, chailleadh esan a chomas mun anmoch. Dh’fhàs ise tana, tre bhith cnuasachadh air a cor.
Ach mu dheireadh thall, an ceann trì bliadhna, bha Seònaid torrach, ’s chaidh iad sìos air an glùinean. Chaidh leatha, is rug i balach coileant, fallain air an tug iad Murchadh.
Mus robh e ceithir no còig ghabhadh daoine ealla ris na sùilean aige, sùilean deàlrach, soilleir, uaine.
Balach sàmhach, modhail a bh’ ann dheth, ’s cha robh cus adhbhar ghearain ac’ air dhòigh sam bith gus an robh e mu sheachd bliadhna dh’aois.
Nuair a bha e mu sheachd bliadhna dh’aois thug iad an aire gun robh am mac gràdhach air toirt gu breug is ràbhart. An seòrsa teaghlaich a bha ’n seo, bha a’ bhreug gu math dubh dhaibh, ’s iad a’ làn‑chreids’ nach ceannaicheadh òr no airgead an fhìrinn ghlan, phrìseil.
Bha iad fo mhulad ’s fo thùrs, ’s cha ruigeadh ceòl no còmhradh air, oir bu lugh orr’ a’ bhreug na ’n sùich.
Bu mhios’ i na radan san arbhar.
Beag ’s mar a bhà i, thigeadh i eadar thu ’s do bheatha mhaireannach. ’S ann leatha a mhill an t‑Àmhailtear gàrradh Eden bho thùs.
‘Sguiridh tu dheth, tà, mus sguir mis’ dhìots,’ ars athair ris.
‘Ma bhuaileas tu cù no balach, buail gu math e,’ deir an seanfhacal, ’s tha ’n Fhìrinn bheannaicht’ ag ràdh, ‘Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs.
Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn.’ Dh’fheumte seasamh aige cuideachd seach gun robh e cur mì‑chliù air fhèin ’s air an teaghlach.
Mar sin bha làmh Choinnich trom air Murchadh a mhac, ach a‑mhàin air an t‑Sàboinnd.
Nam b’ è ’s gun ciontaicheadh e air Didòmhnaich, dh’aomadh Coinneach a cheann ris, thigeadh cruas is teannachd na aodann. Agus air Diluain a’ Bhreabain, mus suidheadh iad aig an Leabhar, gheibheadh am balach a dheògh bhualadh le breaban na bròig, ’s gu dearbha cha robh pian is deurach a mhàis an an‑fhios dha.
Dhearbhadh Murchadh air am bus gum faiceadh esan bhon
lot aca fhèin cò iad a bha ’g obair thall air lotaichean a’ Chnuic Àird, tarsainn air Loch Stiapabhat.
Thòisicheadh e gan ainmeachadh ’s e ri caogadh a shùilean uaine.
Cuideachd chunntadh e na cearcan a bhiodh a’ dol mun cuairt thall an sin, is dh’innseadh e dhaibh cia mheud ac’ a bha breac no geal no dubh, agus dè na dathan a bh’ ann an stiùir a’ choilich. ‘Ist dheth a‑nis,’ chanadh athair, ’s chanadh a sheanair.
‘A sglèibeire bhig,’ ars a sheanair ris, turas, agus air dha Murchadh seo a chluinntinn thuit e air an imir’ is pian na chliabh mar gun robh bior air a dhol domhainn ann, is b’ fheudar a thogail a‑steach an taigh. Cha robh dol aig’ air carachadh, ach a dhà ghàirdean uime fhèin, is seadhan air is luaths‑analach.
Mun àm sa thòisich e air an abhaig ris na lean e: a’ dol a‑mach a chadal dhan t‑sabhal. No a chotan nan uan. No a thaigh an eich.
Bha e dearbhadh orra, là, gun robh esan a’ faicinn ceò às na taighean thall air Tìr‑Mòr. Gun robh e a’ faicinn, tarsainn a’ Chuain Sgìth, fada fad’ às air fàire, a’ cheò às na similearan sin a’ dìreadh suas dhan iarmailt ri fèath. Bha Murchadh a’ faighinn a smachdachadh, oir ’s fheàrr an fhìrinn na ’n t‑òr.
Ach ged a shaoileadh tu uaireannan nach robh ann ach an gog ’s an dà shlinnean, ’s e bh’ ann am Murchadh ach balach làidir, righinn. Ri linn peanasachaidh is cronachaidh thàinig beag no mòr a stadaich na chòmhradh, ’s cha robh uiread de chòmhradh a‑nis aige ’s a chleachd.
’S bha athair ’s a mhàthair a’ tòiseachadh a’ tuigs’, iad fhèin ’s a dhà sheanair agus an aon seanmhair a bh’ aige, gur h‑e bha ’n seo ach cùis dhuilich ’s nach b’ ann na b’ fhasa bha i fàs.
Leis an fhìrinn inns’, cha robh fios aca dè fon ghrèin ghil a ghabhadh dèanamh ris. No dè a rinn iad, no nach do rinn, a bha gam fàgail ann an leithid a staid.
Bha cridhe Mhurchaidh cho cruaidh ri caoran‑dubh, cha ghabhadh ceannsachadh air, sin beachd athar. Bha ’n fhàrdaich mar bu tric troimh‑a‑chèile ’s fo bhuaidh na brèige. Dhòigh ’s gun robh Coinneach gus cantainn mar a thuirt an t‑òran:
‘Fuirich, fuirich fada bhuam, dhe d’ aghaidh tha mi sgìth.’
‘Dhìot fhèin sgìth, ’s dhe d’ aghaidh sgìth, ’s dhe do shùilean uaine sgìth is seachd sgìth. ’S dhe do bhreugan sgìth, ’s nach urrainnear dùrd a chanas tu a chreids’.
’S tu ’g èirigh às do leabaidh tron oidhch’ ’s gun fhios againn càit am bì thu, bheil thu beò no marbh no leth‑mharbh.’ Air lost mar a bha ’n taigh an-còmhnaidh na bhreisleach, ’s air lost mar a bha Murchadh a mhac.
An cadal rian an duine, ach bheireadh Coinneach a‑nis greis air uilinn, greis air a dhruim, greis air a bheul‑fodha, bhiodh e greiseag na shuidhe ris a’ cheann‑adhairt. Dhùisgeadh ise ’n uair sin, Seònaid, ’s bhiodh iad an sin a’ caithris còmhla, ’s esan a’ lùigeachdainn gun caidleadh i, gun fhios nach fhaigheadh e fois. Bho chionn bliadhna no dhà a‑nis bha ’n taigh air a bhith na choire‑teth.
Cha b’ e a‑mhàin gum biodh e sgrùdadh aodann a mhic airson ceilg, is làmhan a’ bhalaich gu tric a’ sgèith suas gu aodann ga dhìon fhèin, a dhà làimh a’ sgèith suas mar dà chalman os cionn a dhà shùil.
Cha b’ e sin a‑mhàin ach gun robh a h‑uile breug bheag a dh’innseadh e fhèin, is Seònaid, is athair is athair‑cèile, a‑nis romhpa.
Cha robh taobh a shealladh e nach robh a’ bhreug roimhe. Bhite gan cluinntinn a’ trod. ‘Nach ann orra fhèin a tha ’n trod an‑diugh,’ chanadh nàbaidh no banabaidh, ‘teaghlach a chleachd a bhith cho rèidh.’
’S fhasa do dhuin’ a chliù a chall na chosnadh: ’s fhada bho thuirteadh sin. ’S gu deimhinn ’s fhasa dha a chall na fhaighinn air ais.
O bheul a’ bhreugadair cha chreidear an fhìrinn ged a bhiodh i ri deàlradh a‑mach ’s i cho deàlrach ri bonn airgid.
Thòisich Murchadh a’ briseadh rudan a bha luachmhor. Bhris e le òrd‑chlaich clach‑bhràth a sheanar.
‘An tusa rinn e?’ ars iadsan ris.
‘’S mì,’ ars esan.
’S a‑nis chreid iad e.
Le sgian gheàrr e na dà leth buarach na bà.
’S a‑rithist chreid iad e, cha do chuir iad aon teagamh ann.
Air dhaibh faighneachd dheth carson a dhèanadh e an leithid a rud, cha tug e freagairt dhaibh.
Dhiùlt e dhaibh a ghlùinean a lùbadh aig an Leabhar. Nuair a bha càch ag èirigh bho bhith nan suidhe, ag èirigh ’s a’ tionndadh gus a dhol sìos air an glùinean, ’s ann a dh’fhuiricheadh Murchadh na shuidhe, na rag‑shuidhe.
‘Dè ’n ar‑a‑mach aingidh a tha seo?’ arsa Coinneach ris, ’s e dol air a chasan, ’s bha na sean daoine ag èirigh ’s a’ feuchainn ri èirigh mar a leigeadh an siataig dhaibh, ’s a’ tionndadh ’s a’ feuchainn ri tionndadh ’s ri cromadh mar a b’ fheàrr a b’ urrainn. Agus sin an cruth a bh’ orr’ nuair a ghabh Coinneach dhà leis na dùirn.
Leum am bodach a‑steach eatorr’, fhuair e fhèin dòrn no dhà,
’s na buillean a’ frasadh ma chluasan. ‘Sguir, sguir,’ ars esan, ‘marbhaidh tu ’m balach.’
Sin nuair a thuig iad gun robh ’n teaghlach gu lèir air a dhol chon na bochdainn.
Cha deach an ùrnaigh sin a dhèanamh, shuidh iad ann an sin, ’s thuirt Coinneach, ‘Bu cho math leamsa bhith fon a’ chliabhchlaich na bhith ’n ceann an teaghlaich sa.’
Cha deach an ùrnaigh a dhèanamh, ’s mus d’ rinneadh an ath altachadh theich Murchadh ’s thug e ’m monadh air. Far nach robh aig’ ach crònan nan allt, ’s am muir a’ bualadh ’s a’ taomadh shìos bhuaithe sa chladach.
Bha ’n teaghlach, ’s am baile, a‑muigh ga lorg. Ach bha ’n ceum‑toisich aig’ orra. B’ fhasa dhaibh a’ chearc‑fhraoich a lorg na Murchadh. B’ fhasa dhaibh an iolair gheur‑shùileach fhaicinn mus dearcadh is’ orrasan, ’s cha bhreug sin.
Ghabh Murchadh ealla riutha ’s iad a’ sgaoileadh a‑mach romhp’ ’s ag èigheachd, ’s thug e ’n aire dhaibh a’ toirt suas, ’s a’ gabhail a‑steach dhachaigh mu fheasgar.
An ceann seachdain ghabh a sheanmhair a‑mach na h‑aonar. Shuas far an robh e, faisg air Loch Bacabhat, chunnaic e i ri smèideadh ’s a gàirdean a’ dol.
Astar mìle air falbh, chunnaic e na deòir air a dà ghruaidh, agus thàinig e sìos far an robh i ’s chaidh iad a‑steach còmhla gu baile.
An‑earbs a‑nis a bha riaghladh an teaghlaich. Ars an t‑seanmhair rithe fhèin air a socair, ‘Crìosd ar Slànaighear a thuirt nach seas an taigh a tha roinnt’.’
Agus air dhi nochdadh bho bhith greiseag air a glùinean leatha fhèin san t‑seòmar, thuirt i rithe fhèin, ‘Tha làn‑thìd’ agams’, ’s
fhada bho bu chòir dhòmhsa a bhith air rudeigin a dhèanamh, ’s chan ann ron mhithich a tha mi togail mo ghuth.’
Creutair amharcach, ciùin a bh’ innte riamh, nach canadh mòran. Bhruidhinn i mu dheireadh thall, is dh’innis i dhaibh dè bha na rùn.
Dh’fhalbh i ’s thug i leatha corra rud ann am broinn poca beag, chuairtich i timcheall ’s chaidh i shealltainn air a càirdean sa Chnoc Àrd, bha i cho sgìth ri sean chù, cha robh cnàmh dhith, cha robh fèith dhith air a bhith aig fois fad iomadach là is oidhch’, bhuail e thuice gu làidir gun robh i cho sgìth ’s cho leth‑mharbh ri sean chraidhneach de dh’each.
Sheas i ’n ceann greis air lot a càirdean is thog i ’n‑àird is thaisbein i meuran às a bucas fuaigheil, faochag bhuidhe às a’ chladach, curran beag ’s am bàrr air.
Thall am baile Lìonail, tarsainn Loch Stiapabhat a dh’ainmich na Lochlannaich, ainm a tha ciallachadh loch chaol fhada, stiap de loch, thall am baile Lìonail, mu choinneamh a sheanmhar, dh’ainmich Murchadh dhaibh na rudan, rud bho rud. ’S cha robh e fada ceàrr ach gun tuirt e clach bheag bhuidhe an àite faochaig.
‘Dè nis?’ ars ise nuair a thill i, is dh’innis iad dhi.
‘O, nach math sin,’ ars is’, ‘nach math agus nach bochd sin.’ Dh’fhalbh i an làrna‑mhàireach, sheas i thall an siud is nochd is thaisbein i duilleag na copaig ’s i cho dearg ris an fhuil, ìne crùbaig is sabh na mara dhith, tarrag mheirgeach a bha ’n doras an t‑sabhail.
Thall thairis dh’ainmich Murchadh dhaibh na rudan, rud bho rud.
‘Dè nis?’ ars ise nuair a thill i, is dh’innis iad dhi.
‘Seadh,’ ars ise.
Dh’fhalbh i ’n treas uair agus thog i ’n‑àird gu follaiseach broidse dhearg a màthar, it’ à sgiath na circe bric, bad de fhraoch geal.
Am baile Lìonail, tarsainn air Loch Stiapabhat nan eala bàn, guile, guile, dh’ainmich am breugadair dhaibh na rudan, rud bho rud, a chunnaic e le shùilean fhèin.
Cha robh facal aig an t‑seanmhair. Agus a‑nis chunnaic iad sgìths na caillich na h‑aodann. ’S gun robh i air teiche bhuap, ’s air a dhol na h‑aonar, ’s gun robh i gu fìor air a dhol gu ionad fàsail air leth.
’S dòch’ nach biodh cus an còrr aca dhith an tràth sin no rithist.
An sin thuig is chreid iad gun robh tàlant neònach, tàlant neo‑chumant’, air a bhuileachadh air Murchadh, tàlant a bh’ air cosnadh dha buillean agus bùirt‑as.
Cha robh e fhèin a’ saoilsinn cus dheth a‑riamh.
Nuair a bhiodh dùil ri eathar Shùlaisgeir dh’fhalbhadh iad leis a‑mach a dh’Àird Adabroc feuch am faiceadh e i, ’s i cho fad’ air falbh, ’s cho ìosal leis na bhiodh ac’ innt’ de ghugannan.
Ach ’s buaine na gach nì an nàire, ’s cha robh Murchadh a‑nis tuilleadh cus ro dheònach air dad dhen t‑seòrs’.
Co‑dhiù, fiù ’s mus deach e null thairis bha ’n tàlant beag, mìorbhaileach ud, beag is beag air a thoirt bhuaithe, ’s chan fhaiceadh e ach mar a chì duine fradharcach sam bith.
Choinnich feadhainn dhe na balaich ris turas ann an Duluth, a tha faisg air Lake Superior. ‘Who did we meet in Duluth on Labor Day,’ arsa fear aca nuair a sgrìobh e dhachaigh, ‘but Murdo Morrison from Lionel: Ragaidh Choinnich Bhàin.’
Chunnaic cuideigin eil’ e, turas, ann am Buffalo.
*
Copyright @ Donnchadh MacGillIosa. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b083gzr7
An Cluaisean - Fionnlagh MacLeòid - BBC Radio nan Gàidheal
An Cluaisean - foillsichte ann an Dìomhanas - Ùr-Sgeul/CLÀR
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b08302lc
An Cluaisean
Cha robh an Cluaisean ach mar bhalach sam bith eile. Dol dhan sgoil . . . ri cluich ball-coise nuair a thigeadh e aiste . . . agus a’ coimhead an teilidh mar a leithidean eile. Ach anns a’ gheamhradh bhiodh e bhon an sgoil uair is uair le amhach ghoirt. A h-uile fuachd a gheibheadh e, ’s ann na amhaich a stadadh e. Agus air pleatha-mòr an t-samhraidh an latha às dèidh a bhirthday, naoi bliadhna, chaidh e dhan ospadal a thoirt às nan tonsils.
Cha do chuir seo iomnaidh sam bith air a’ Chluaisean. Chaidh a mhàthair chun an ospadail còmhla ris, ’s cha robh gruaimean sam bith air nuair a dh’fhàg i e, na shuidhe stobach anns an leabaidh. Chaidh na tonsils a thoirt às a’ Chluaisean am feasgar sin. Thug iad sùil air na h-adenoids aige fhad ’s a bha e aca air a’ bhòrd, ach cha robh de dh’adenoids anns a’ Chluaisean na b’ fhiach bruidhinn air, ’s mar sin cha do chuir iad làmh orra.
Cha do dhùisg an Cluaisan gu fhionnairidh. Mhothaich a’ bhanaltram gun robh e a’ tighinn timcheall ’s chaidh i os a chionn. Bha beul a’ Chluaisein a’ fosgladh ’s a’ dùnadh. Thug i dha deoch bhùirn a-mach à poit-teatha. Bha copain gu leòr aca, ach bha fios aice gum biodh e na b’ fhasa dhan Chluaisean òl a-mach à srùp na poit. Laigh e air ais ’s chaidil e greiseag eile.
Dhùisg e an ceann greis ’s a’ bhanaltram ri sàthadh poit a-steach fodha; tè gun shrùp. Shuidh an Cluaisean oirre ann an sin mar bhanrigh, gun smid. Nuair a dh’fhaighnich i dheth dè mar a bha e, cha deach aige air a freagairt idir. Bha amhach a’ faireachdain neònach dha-rìribh ’s gu math goirt. Cha b’ fhada gus an tàinig na dotairean timcheall: an fheadhainn a bh’ air na tonsils a thoirt às a’ Chluaisean na bu tràithe. Tharraing tè dhe na banaltraman an t-aodach bhon an leabaidh ’s bha an Cluaisean aca na laighe ann an sin mar a rugadh e. Dè mar a tha thu a’ faireachdainn, dh’fhaighnich an dotair anns a’ Bheurla, ’s e a’ bualadh failmhean a’ Chluaisein le òrd beag rubair. Leum cas a’ Chluaisein an-àirde ach cha tuirt e smid. Cha deigheadh aige air. Chaidh a bheul fhosgladh, ’s thòisich na dotairean a’ goraireachd sìos dhan amhaich aige. Dh’fhairich e dèireach na chluais dheis.
Bha na dotairean a’ brunndail ri chèile, ’s ri toirt sùil an-dràsta ’s a-rithist ann am beul a’ Chluaisein. Thuirt fear dhiubh ris a’ bhanaltram mura tigeadh a chòmhradh chun a’ Chluaisein ro mheadhan-là i fios a leigeil thuca. ’S dh’fhalbh iad. Nuair a thill iad aig meadhan-là cha robh diurra-bhid air a thighinn bhon a’ Chluaisean, ged a bha a’ bhanaltram air a bhith ga cheasnachadh anns a’ Ghàidhlig, ’s ag iarraidh air bruidhinn. Cha b’ urrainn dhan Chluaisean ach a cheann a chrathadh. Dh’fhalbh na dotairean is iad rudeigin iomnach. Cha bu chòir dha bhith air a ghuth a chall mar seo. Feasgar, thàinig na càirdean a shealltainn air, ’s cha mhòr gu faiceadh tu an Cluaisean fo na bha siud de dh’ùbhlan, bananas is grapes air a leabaidh. ’S thug piuthar a mhàthar thuige am People’s Friend.
’S ann anns a’ mhionaid sin a thàinig a chòmhradh air ais chun a’ Chluaisein. Am Beano. Sin a’ chiad rud a thuirt e . . .
Am Beano. Às dèidh seo cha ghabhadh casg a chur air. Ag innse dha mhàthair mun opairèisean, ’s an sgàthan mòr cruinn a bha os cionn bòrd a’ theatre. Shaoil a mhàthair gu robh guth a’ Chluaisein air a dhol rudeigin neònach, ach bhiodh dùil agad ri sin ’s an truaghan air tilleadh bho bhith fon sgithinn.
Nuair a dh’fhalbh aunties is màthair a’ Chluaisein chuir a’ bhanaltram fios chun nan dotairean gun robh a chòmhradh air a thighinn air ais. Thàinig na dotairean a shealltainn air. Bhruidhinn iad ris anns a’ Bheurla ach cha fhreagradh an Cluaisean dùrd. Thuirt a’ bhanaltram ris anns a’ Ghàidhlig carson nach robh e a’ freagairt nan dotairean. Thuirt e nach robh e gan cluinntinn. Gu faiceadh e na lipean ac’ a’ gluasad ach nach robh e a’ cluinntinn smid a bha iad ag ràdh.
Fhad ’s a bha an Cluaisean a’ bruidhinn mar seo ris a’ bhanaltram, chaidh an dithis dhotair os a chionn ’s cha mhòr gun creideadh iad an rud a chunnaic iad. Bha an Cluaisean a’ bruidhinn a-mach tro chluais dheis. Cha robh a lipean a’ carachadh. Sheall an dithis dhotair ri chèile le uabhas. Dè bha iad air a dhèanamh? Bha rudeigin air a dhol ceàrr anns a’ theatre mus robh seo mar seo. Bha an Cluaisean a’ dalladh air, a’ còmhradh ris a’ bhanaltram.
’S ann às na Hearadh a bha ise, ’s cha tug i an aire gu robh sìon ceàrr air a chòmhradh. Ach bha an dithis dhotair ga dheargchoimhead. Thug iad an Cluaisean dhan theatre am feasgar sin a-rithist, ach an anach càil a b’ urrainn dhaibh a dhèanamh dha. Ri linn toir às nan tonsils bha iad air gearradh annasach a dhèanamh air sgòrnan a’ Chluaisein, ’s air a chòmhradh a chur a-mach air a chluais. Chùm iad seachdain eile anns an ospadal e, ’s na dotairean
ga thaosnadh ’s ga chinicneadh, ach cha do dh’atharraich staid a’ Chluaisein. Cha chluinneadh e ach Gàidhlig ’s cha labhradh e ach Gàidhlig . . . ’s i sin a’ tighinn a-mach air a chluais dheis. Chuir iad dhachaigh an Cluaisean anns an ambaileans, ’s abair gun chòrd sin ris. Ach thuirt iad ri mhàthair gu feumte a chur a Ghlaschu mura tigeadh a shubhailcean thuige cunbhalach ro dheireadh na mìos.
Thill an Cluaisean dhan sgoil ’s cha ghann nach d’ rinneadh greadhnachas ris. Agus anns a’ chanteen an latha sin fhèin thug fear ‘An Cluaisean’ mar fhar-ainm air. Mar a tha fhios, cha chluinneadh an Cluaisean no duine eile mòran Gàidhlig anns an sgoil, ’s mar sin cha chuala e càil a bha dol. ’S cha tuirt e facal. Nuair a bhiodh càch ag ionnsachadh duilleagan de Leabhar Aithghearr nan Ceist cha robh gin aig a’ Chluaisean ach gur e Dia a ghlòrachadh crìoch àraid an duine. ’S cha robh sin buileach furast’ dha a dhèanamh . . . tro chluais.
Chaidh ceala-deug seachad mar seo. Aig an taigh cha robh an Cluaisean a’ cur mòran umhail air fhèin, oir chluinneadh is thuigeadh e a h-uile dùrd, ’s bhruidhneadh e tro chluais gun thrioblaid sam bith. ’S ann a bha e a’ coimhead na bu tighe, dreachail na bha e bho chionn fhada, oir b’ fheàirrde e na tonsils ghrànda a thoirt às. Fhuair e slàint’ is càil dha bhiadh ri linn. Ach bha e a’ fàs sgìth dha-rìribh dhen sgoil, ’s a’ faireachdainn a thìde fada. Aon fheasgar nach ann a dh’fhalbh an cadal leis. Bha dùil aige an toiseach gur ann na chadal a bha e a’ cluinntinn an tidseir a’ bruidhinn anns a’ Bheurla. Dh’fhosgail e a shùilean. Cha b’ ann. Bha e ga cluinntinn. Chuir e suas a làmh ’s dh’inns e dhan tidsear gun robh a chlaisneachd air tilleadh. Agus ’s e seo an rud . . . ’s ann anns a’ Bheurla a dh’inns e seo dhan tidsear.
Chaidh ise na trotan a-null gu far an robh an Cluaisean na shuidhe, ’s i a’ bruidhinn anns a’ Bheurla mar a bha i a’ dol. Sheas i a’ coimhead a-steach a chluais dheis a’ Chluaisein . . . a’ chluais a bha air a bhith a bruidhinn chun a seo. Thuirt i ris anns a’ Bheurla gu dè an ceathramh Àithn’. Bha i a’ cluinntinn guth a’ Chluaisein ga freagairt, mar gum biodh fad’ às. Ach cha b’ ann pioc a-mach air a chluais àbhaisteach a bha e a’ tighinn. ’S i Catrìona bheag dhubh a bha na suidhe air taobh eile a’ Chluaisein a dh’inns dhan tidsear gun robh còmhradh a’ Chluaisein a-nis a’ tighinn a-mach air a chluais chlì.
Làrna-mhàireach chaidh an Cluaisean a rotadh a Ghlaschu, gus am faigheadh na dotair mhòra an làmhan air. Thug e seachdain a-staigh mus cualas an còrr. Ach air feasgar Diardaoin chuir an t-ospadal a-mach bulletin air a’ Chluaisean agus leig iad dhachaigh e às dèidh na diathad. ’S i piuthar a mhàthar ann am Partaig a chaidh ga iarraidh chun an ospadail. An ath Dhiardaoin bha bulletin an ospadail air fad anns a’ Ghazette. Agus cha robh duine againn nach do leugh gu furaileach e. Dh’inns an Gazette mar a thachair dhan Chluaisean. Ri linn opairèisean tarraing nan tonsils thachair rudeigin a choisinn do mhodh-labhairt agus do chlaisneachd a’ Chluaisein a bhith an urra ri a chluais dheis. Mar sin ’s e aon taobh na h-eanchainn aige a bha ri dol. Ri linn ’s nach robhas a’ cleachdadh na h-eanchainn air fad, sheac am ball a bha a’ ceangal dà thaobh na h-eanchainn ri chèile. Mar sin cha robh aig a’ Chluaisean ach leth clì na h-eanchainn, agus cha tuigeadh agus cha chanadh i sin ach Gàidhlig. Nuair a fhuair taobh deas na h-eanchainn seachad air a’ chriothnachadh a fhuair i leis an opairèisean, thàinig a mothachadh thuice an ceann an fhichead latha. Ach cha robh cainnt air a seilbhidh ach a’ Bheurla.
Thuirt sgrìobhaiche a’ Ghazette fhèin gun robh e a’ tuigse gum biodh seo doirbh dhan luchd-leughaidh a leantainn. Ach ann a dhà no thrì fhacail, gur e seo mar a bha. Nach robh corpus collossum a-nis anns a’ Chluaisean. Mar sin, bha dà thaobh eanchainn air leth bho chèile. Bruidhinn Gàidhlig mar sin ri cluais dheis a’ Chluaisein ’s bruidhnidh i sin riut air ais anns a’ Ghàidhlig.
’S mar sin le a chluais chlì . . . ach Beurla.
Mun do dh’fhàg an Cluaisean Glaschu bha e aca air an telebhisean . . . agallamh anns a’ Ghàidhlig ri chluais dheis agus anns a’ Bheurla ri a chluais taisgeil. Bha an Cluaisean ann an sin na shuidhe cho dòigheil ’s a’ coimhead timcheall, ’s fhreagair e gu coileanta na chaidh a chur air. Thuirt na craoladairean gur e leasachadh a bha seo do phrògaman Gàidhlig. Leasachadh, ars iadsan, air a bheil cruaidh-fheum againn agus ris a bheil sinn air a bhith a’ feitheamh bho chionn fhada. Chaidh obair a thabhach air a’ Cluaisean anns a’ bhad . . . a’ leughadh nan naidheachdan Gàidhlig leis an dàrna cluais agus an fheadhainn Bheurla leis an tèile. Bha iad airson audition a thoirt dha ach thuirt an Cluaisean nach robh tìde aige . . . gum biodh a theatha deiseil gu seo aig piuthar a mhàthar ann am Partaig.
Anns a’ chunntas a chuir na neurosurgeons dhachaigh an cois a’ Chluaisein bha iad ag innse gun robh e dualtach dha-rìribh gu seacadh a-nise bann sam bith a bha eadar dà shùil a’ Chluaisein. ’S ann Latha an Trasgaidh a mhothaich fear de shrainnsearan nan òrduighean gun robh an Cluaisean a’ leughadh Last Exit to Brooklyn leis an t-sùil chli agus Carmina Gadelica leis an tèile. Cha robh sgeul air optic chiasma a’ Chluaisein. Bha e air searg mar gun cuireadh tu lastaig air rùda.
Thug an tidsear greis mus do mhothaich i nach robh fhios aig an dàrna taobh dhen Chluaisean gu robh an taobh eile idir ann. Oir nuair a bhruidhneadh a chluais chlì Beurla cha chluinneadh a’ chluais eile smid dheth. Mar sin, bha aig an tidsear ri innse dha mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dhi. Co-dhiù, ars ise ri cluais chli a’ Chluaisein anns a’ Bheurla, ’Eil fios agad g’ eil d’ eanchainn na dà leth. A bheil? ars esan. Tha, ars ise. Ciamar tha sin? ars esan.
Tha, ars ise, na tonsils. Na tonsils? ars esan. Seadh, ars ise. Bha mi a’ smaoineachadh sin, ars esan. Robh? ars ise. Bha, ars esan, uaireannan nuair a bhios mi son cadal cha leig mi dhomh fhìn a dhol dhan leabaidh. ’S bidh mo làmhan ri dèanamh rudan leotha fhèin . . . a’ tighinn thugam le leabhraichean nach eil mi a’ tuigs’. Leabhraichean Gàidhlig, ars ise. ’N e? ars esan. ’S e, ars ise. Ach cha deigheadh aicese no aigesan e fhèin air tuigse an staid anns an robh an Cluaisean.
Chaidh a chur na shuidhe air oir anns a’ chlas gus am biodh cluais na Beurla ris an tidsear, oir cha bhiodh feum sam bith air a’ chluais Ghàidhlig. Aon mhadainn ’s an clas gu lèir, agus cluais taisgeil a’ Chluaisein nam measg, a’ gabhail Our Father, ’s ann a thug cluais dheas a’ Chluaisein srann air ‘Ceanag Mòr’. Cha do thuig a chluais chlì fhathast carson a bhathas ga chur chun a’ mha’-sgoile.
Cha b’ fhada gus an tàinig fear beag odhar a ghabhail IQ a’ Chluaisein. Mar a bha dùil, bha IQ cluais chlì a’ Chluaisein na b’ àirde na a chluais dheis. Abair gun chuir seo daoine air bhoil. Bhathas a’ tighinn à Eirinn ’s às a’ Chuimrigh ga cheasnachadh, ’s rinneadh tràchdas air a’ Chluaisean. Bha na tidsearan air an dòigh dà IQ a bhith aige. Thòisich iad ag iarraidh dà IQ a thoirt dhan h-uile leanabh . . . gum cumadh e uiread eile còmhraidh
riutha anns an staffroom. Nuair a chuala an t-oilthigh gur e a dhol air bàt’-iasgaich a bh’ ann an rùn a’ Chluaisein thabhaich iad àite air, nuair a bhiodh e còig-deug, gu Joint Honours a dhèanamh, Beurla is Gàidhlig, cluais is cluais. ’S gun tugadh iad dha an ceum inbheil a bhios iad a’ toirt do dhaoine a nì sin. ’S thabhaich iad an uair sin a chur a Chambridge a dhèanamh ard thràchdas air an t-snaidhm a chuir Fionn air na coin.
Ach b’ e fear-stiùiridh a’ Chomuinn Ghàidhealach a bha buileach toilicht’ leis a’ Chluaisean. Seo, ars esan, a bha sinne a’ sireadh bho chionn bhliadhnaichean. An dà chànan a chumail air leth bho chèile, ’s air an aon stèidh. Cha robh sinne a-riamh ag iarraidh cur às dhan Bheurla. Biodh a cluais fhèin aice . . .’s a cluais fhèin aig a’ Ghàidhlig. Agus tha mi son innse dhuibh, ars esan, g’ eil mise mi fhìn a’ dol a-steach a Raigmore a thoirt asam mo thonsils . . . agus ri dol gan gleidheadh ann an sileagan ann an rùm air leth an àrd-oifis a’ Chomuinn. Agus cò aige tha fios, ars esan, ’s dòcha nuair a chì sibh a-rithist mi gum bi mi leis a’ Bheurla air an dàrna cluais agus a’ Ghàidhlig air an tèile. Cha do thachair càil cho sealbhach dhan Ghàidhlig ri toirt asainn nan tonsils. Tha an Cluaisean a’ sealltainn gur e na tonsils a bha a’ cumail na Gàidhlig air ais. Ga cumail ceangailte ri, agus fo smàb, na Beurla. Mar sin, tha an Comunn a’ tairgse còig notaichean a chur gu gach duine a chuireas a thonsils thugainn ann an sileagan. Seòlaibh na sileagain gu àrd-oifis a’ Chomuinn agus cuiridh sinn thugaibh not nan còig notaichean. Agus nuair a bhios rùm nan tonsils làn gu bheul, thèid sinn le na tonsils ann am bàta a-mach bhon Bhuta Leòdhasach. Dòirtidh sinn an luchd tonsils air uachdar na mara ’s cuiridh sinn teine riutha.
’S bidh an teine-èiginn sin na shuaicheantas dhan t-saoghal gu bheil a’ Ghàidhlig beò. ’S cumaidh sinn ri cur tonsils ùr air an teine. ’S cha tèid teine nan tonsils bàs fhad ’s a bhios a’ Ghàidhlig air ar bilean.
An ath bhliadhna nochd bàta nan taighean-solais a-null mun Charbh le cargu thonsils anns na tuill aice. Thaom i iad air uachdar na mara. Ach gu mì-fhortanach bha na sùlairean gam pràbladh mus fhaighte air teine a chur riutha. ’S mar sin bha na tonsils air ais ann an goile nan Leòdhasach an ath fhoghar. ’S cha do sguir a mhàthair a thoirt a’ ghuga dhan Chluaisean gus am faiceadh i an tigeadh e thuige fhèin. ’S dh’fhàg mise ann an sin e . . . Spòg dhubh ceathramh-deiridh a’ ghuga na làimh, ’s e a’ seinn ‘Hi ri rì’ le a chluais dheis agus a’ feadalaich a’ ‘Yellow Submarine’ air an tèile.
*
Copyright @ Fionnlagh MacLeòid. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b08302lc
Trì Dàin - Donnchadh MacGiIllIosa - BBC Radio nan Gàidheal
Trì Dàin - foillsichte ann am Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile - Ùr-Sgeul/CLÀR.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b08302lc
Trì Dàin
Fhuair Dòmhnall Iain Bhiastaidh litir à Glaschu uaireigin agus cha robh na broinn ach pìos bàrdachd, gun ainm gun urra. Sheall e dhà no thrì thurais, agus ruith e chorrag tron chèis ghil a‑rithist, ach cha robh litir no litir. Nuair a leugh e a’ bhàrdachd cha robh a’ chùis a’ còrdadh ris a‑muigh no mach.
Cha b’ e na dh’òl thu, cha b’ e do ghòraich, ach na breugan a dh’innis thu dhòmhs’.
Cha b’ e do chuid daoraich a ghoid mo shaorsainn, ach na breugan a dh’innis thu dhòmhs’.
Cha b’ e do dhroch bheul rium ged bu mhòr am beud sin, ach na breugan a dh’innis thu dhòmhs’.
Cha b’ e sin bu mhotha dh’fheuch mi, no gun thòisich thu ri ’g eudach, ach na breugan a dh’innis thu dhòmhs’.
Cha b’ e gum fac a’ chlann thu a’ tuisleadh ’s a’ sleamhnadh, ach na breugan a dh’innis thu dhòmhs’.
-
Dh’aithnich e le buille dhe shùil, ’s eadar dà bhuille dhe chridhe, gur h‑e boireannach a chuir seo, s’ an làmh‑sgrìobhaidh cho cruinn ’s cho còmhnard.
Aig an fhìor àm ’s bha botal mòr White Horse falaicht’ aig Dòmhnall Iain Bhiastaidh shuas air an lot, agus leth‑bhotal Bells air falach ann an gàrradh an Rubha‑muigh, agus leth‑bhotal eile san t‑sabhal.
Ged a bha e ga chleòcadh glè mhath, ’s e bh’ ann ach duine sgèanach, bochd, an‑amharasach.
An rud bu mhiosa dheth, bha ’m Plaosgan air falbh, ann an Èirinn.
Dh’òl e dà chopan teatha, ’s chaidh e suas an sgìre leis a’ chàr, ach cha robh fear Dhail a‑staigh. Bha e nis air a phianadh ’s air a dhorranachadh, ’s thug e greis a’ guidheachan leis fhèin fo anail, ach mu dheireadh chunnaic e ceann an àigh a’ tighinn. Agus am broinn an taighe, an tac an teine, rùisg e ris rùn a chridhe.
‘Theab mi tuiteam,’ ars esan ri ’charaid.
‘Tha ’n creutair sa, ge ’s bith cò th’ innt’, ag iarraidh thugam. Cha chanainn nach eil fhios aic’ mu dheidhinn na botail a th’ agam air an lot. Tha mi ann an cunnart. Tha seo cunnartach.’
‘Tha fios aig a’ phoball mhòr, eadar seo agus Bragair is Siabost, gum bi thu cruinneachadh bàrdachd is eile,’ arsa fear Dhail, ‘agus ’s e sin a bhios ann.’
‘Chan eil fhios a’m.’
‘Thòisich thu nad òige,’ arsa fear Dhail, ‘a’ cruinneachadh ’s a’ càrnadh ’s a’ glèidheadh.’
Nuair a bha Dòmhnall Iain ceithir bliadhna, ’s e gabhail sìos tro bhaile Lìonail, air làmh a mhàthar, thug e ’n aire gun robh dà shean choire ann an lèig dìg an rathaid. Thuirt e ri mhàthair gum feumadh iad an tarraing às an lèig ’s an toirt dhachaigh. Air dhi diùltadh, chaidh e ann an corraich, ’s cha sguireadh e ghal ’s a dh’èigheachd ’s a bhreabail gus an tug i a h‑aont. Agus chaidh na coireachan salach, brist a thoirt dhachaigh ’s a chur an cùl na h‑iodhlainn còmhla ris an fheadhainn eile.
‘Chan eil i ’son innse cò th’ innt’, co‑dhiù, ge ’s bith cò ì,’ arsa fear Dhail bho Dheas.
An ath sheachdain a‑rithist thill Dòmhnall Iain an insurance ’s thuirt e, ‘An diabhal, chan eil e còrdadh riums’ ro mhath gun thachair siud dhòmhs’.’
Bha fear Dhail air a bhith falbh nan cladaichean. An Togha Mòr, Crois a’ Mhargaidh, Cladach Dhìbidil. Agus bha ’n t-aodann aige gu lèir dearg agus purpaidh, gu h‑àraid an t‑sròin aige.
‘Siuthad tarraing dhìom mo bhòtannan,’ ars esan.
‘Rud a chomhairlichinn dhutsa,’ arsa fear‑siubhail nan gleann ’s nam frìth, ‘gun thu bhith briseadh do chùlagan a’ cagnadh air. Cuiridh mi geall nach cluinn thu ’n còrr bhuaith’ gu bràth sìorraidh tuilleadh, amen.’
Agus rinn e an uair sin meuran mòr agus sheall Dòmhnall Iain Bhiastaidh a‑mach air an uinneig gus nach biodh aige ri bhith sealltainn a‑steach dhan a’ bheul aige.
A’ bhliadhna sin fhèin, no co‑dhiù mun àm sin, thug banntrach Sport dha dà phìos bàrdachd a bha i air a lorg am bonn drathair am measg sean dheilbh is sean phàipearan. Dè bha seo ach rudan a rinn Tormod Norrie alias Tocasaid ’Ain Tuirc na òige. Bàrdachd air nach robh sgeul no cuimhne ach dìreach fiar chuimhne fad’ às.
Chailleadh Norrie air H.M.S. Forfar faisg air toiseach a’ chogaidh. Mar sin chailleadh e mus do rugadh Tormod a mhac. Na clachan a thug Norrie às a’ chuaraidh laigh iad far na laigh.
Bàrdachd a h‑Aon
Cha robh thu ann, ann an àm an t‑sùgraidh, nuair a b’ fheàrr a bha ceòl is còmhradh, cha robh thu ann is bu chall sin dhòmhsa.
Cha robh ann dhìot ach dealbh air balla, corra rud èibhinn a bhiodh tu ’g ràdha, is litir no dhà ann am bonn drathair.
Cha robh thu ann am measg na fir, b’ e sin, arsa mac na banntraich, a dh’fhàg car goirt agus gann mi.
Cha robh thu ann nuair bu mhoth’ bha feum ort, Cha robh thu ann ’s na taighean‑cèilidh, Cha robh is bhà, oir bha iomadh sgeul ort.
Cha robh ann dhìot ach dealbh air balla, litir no dhà a bha eirmseach, geur, is dùn mòr chlach a’ dol fodh’ ann am feur.
Sin an dùn chlach a bha gonadh na Tocasaid fad iomadach là is oidhch’, agus fad iomadach bliadhna.
Bho thàinig neart idir na dhà ghàirdean, mus robh e cho àrd ris a’ gheamhlaig leis an robh e ’g obair, ’s ann a’ dùsgadh nan clachan sin a bhiodh am balach, ’s a’ dèanamh dùintean ùra dhiubh.
Thuirt e ri sheanair gun robh esan a’ dol a thogail taigh.
‘Mà, ’s tu fhèin a thogas,’ ars a sheanair ris.
‘Tha mi ’g iarraidh gun cuir sibh ceann‑shuas na lot dhomh air feu.’
‘Tha thu ro òg.’
‘Cuiribh e an ainm Màiri piuthar mo sheanmhar. Thuirt i rium nach robh dragh aic’.’
‘Cha chuir.’
‘Cuiridh.’
‘Cha chuir.’
‘Cuiridh, ’s cha diùlt sibh.’
‘Cha chuir.’
‘Cuiridh ’s cha ghabh sibh ’n t‑aithreachas.’
Agus sin mar a fhuair Tormod a dhòigh fhèin leis, ’s mar a fhuair e air tòiseachadh air an taigh chruinn. An taigh cruinn, ìosal. Agus air na ballachan a tha cur dìon air an taigh, an àrd Adabroc, o gach stoirm a thig.
B’ e sin na ballachan dèante.
Ballachan dèante, sean‑fhasant’ a bha sìoladh na gaoith mòire. Cha mharbhadh na ballachan a’ ghaoth ach mhùchadh iad i gu ìre. Cha tugadh iad oirre laighe, ach leagadh iad a ceann.
Mus do thog e ’n taigh bhiodh e greiseagan a’ fuireachd còmhla ri Coinneach bràthair athar.
Bha Coinneach ’Ain Tuirc pòst aig Eighrig ’s cha d’ fhuair iad fhèin clann a‑riamh.
Bha Tormod mu dheich bliadhna dh’aois is làn dhùil aige dhol gu banais na Beugaileid Big’, an ceann shuas na sgìre.
Thuirt Eighrig ris nach robh e dol a‑mach air toll dorais. ‘Oir,’ ars ise, ‘eil thu faicinn an oidhch’ a th’ ann!’
Bha ’n aimsir air a dhol gu stoirm. Gòrach a’ chearc a bhiodh fhathast air sitig, ’s an oidhche cho nuarraidh.
Bha ’n taigh a’ crithneachadh gu a bhonn.
‘Cha tèid thu mach à seo.’
Bha ’n aghaidh aice geal, iuchair an taighe aice na làimh. Banais‑taighe bha ’n seo, ’s bha casg leanna gu bhith ac’ san t‑sabhal.
Bha Tormod fhèin gu bhith cluich a’ mheileòidian.
Chaidh Tormod dha ’n rùm, agus a‑mach leis air an uinneig. ‘Tha airgead agam fhìn,’ ars esan ri sheanair, nuair a bha e dusan bliadhna.
‘Cuiribh an talamh ud air feu dhomh. Dèanaibh e air mo sgàth‑sa, agus air sgàth m’ athar nach d’ fhuair an teans.’
Bhiodh Eighrig tric le ceann goirt. Bhiodh an t-aodann aic’ a’ dol geal. Dh’fhalbhadh i suas dhan rùm bheag leatha fhèin, ’s bhiodh i ann fad trì là.
Bha fàileadh TCP agus Germolene bho Eighrig fhèin, ’s bho na tubhailtean, ’s bhon aodach, ’s bho Choinneach agus bho Thormod. ’S bha ’m balach air fàs cho sgìth dheth ’s a ghabhadh sgìth a bhith. Chaidh e dh’fhuireachd còmhla ri sheanair ’s ri sheanmhair.
Air a’ bhalla ann an rùm Thormoid bha rud mu dheidhinn athar. Cèis air, is glainne. Os cionn na bha sgrìobht bha leòmhann is unicorn.
Bha na bha sgrìobht air aig Tormod air a theanga.
‘This scroll commemorates Seaman N. Macleod, Royal Naval Reserve, held in honour as one who served King and Country in the World War of 1939‑1945 and gave his life to save mankind from tyranny. May his sacrifice help to bring the peace and freedom for which he died’.
Dè rinn Tormod, bliadhna, ach seo a thoirt a‑mach às a’ chèis agus tòiseachadh a’ sadadh darts air, gus an robh e cho làn thuill ri criathar, shuas air a’ bhalla.
Choisinn seo buaireadh eadar e fhèin is Coinneach. ‘Nach è bha furast’ dhaibh,’ arsa Tormod. ‘Rinn iad na mìltean dhiubh.’
Cha robh Tormod a’ tuigs’ dè bhiodh Coinneach is Eighrig a’ cantainn ri chèile ’s iad còmhla fon phlaide.
Ghabh na bliadhnachan seachad.
‘Dè bhiodh iad ag ràdh?’ arsa Tormod ris an tè bhrèagha dhubh còmhla ris an robh e.
Thug tè a’ mhàis bhòidhich greis mhath sàmhach mus do fhreagair i.
‘A ghràidh, agus a ghràidh mo chridhe, ’s iongantach leams’,’ ars ise.
Thòisich Tormod ’s e na bhalach a’ cur nan leacan biorach an sàs a thug athair à cuaraidh Bheirgh. Leacan ruadha oiseanach.
A‑nis an dàrna pìos bàrdachd a rinn e ’n uair sin.
‘’S ann mu dheidhinn Eighrig a bha seo,’ arsa banntrach ‘Sport’ ri Dòmhnall Iain an insurance, ‘ach na can sin ri duine.’
Bàrdachd a Dhà
Tha leabaidh aig Ealasaid a bh’ aic’ bho h‑òige nuas, tha leabaidh aig Ealasaid ’s an rùm bheag ud shuas.
Bobhstair de ghaoist an eich, faire, faire, cairt is crann, bobhstair de ghaoist an eich, chan eil nas fheàrr idir ann.
Bòrd is lamp’ is ruga is bolta brèagha craobhach, bòrd is lamp’ is ruga cuibhrig de clòimh’ na caorach.
Air leth leatha fhèin gun tèid i oidhche rionnagach reothaidh, air leth leatha fhèin gun tèid i là balbh ceothaidh.
Suas dhan t‑seòmar bheag sin gun tionndaidh i a ceum, suas dhan t‑seòmar bheag sin nuair a bhios i na fheum.
*
Copyright Donnchadh MacGillIosa. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b08302lc
www.clar.online
Donnchadh MacGillIosa - Bèicear Thàboist - BBC Ràdio nan Gàidheal
Bèicear Thàboist - foillsichte ann am Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile - Ùr-Sgeul/CLÀR.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b082kn0n
Bèicear Thàboist
Chan fhaigheadh e air e fhèin a stòlaigeadh, agus iomadach là ’s e an‑fhois an acrais a bh’ air a’ bhalach. Bu tric e san tràigh‑mhaoraich, bu tric e san tràigh‑shìol. Bhiodh e tadhal air cladaichean cho fada muigh ri Cuile. Gus am biodh math a’ chladaich aige dha fhèin, ’s gus nach biodh duine gocamanachd os a chionn am bàrr na creig’, a bheireadh an leithid an naidheachd a‑steach gu baile.
Chaill e mhàthair ’s e òg, maoth. Gun e fhathast seachd bliadhna.
Thàinig cnatan oirr’, an uair sin an grèim‑mòr, ’s fhuair i bàs obann. Bhitht’ ag ràdh mu a deidhinn gun ghais i ’s gun dh’fhuiling, gun dh’fhuiling i ’s gun dh’eug, eadar dà sholas shlàn na gealaich. An toiseach, seadh ’s cnap de dh’ùine às a dhèidh, bha seòrsa de dhòchas aige gun tachradh e rithe staigh an lot, ’s gun ruitheadh e thuic’, mar bu mhinig a ruith. No an cùl na h‑iodhlainn, no a‑muigh sa bhlàr‑mhònach.
’S gun canadh i, ‘Seo mi, ghràidh, chan fhalbh mi ort tuilleadh.’
An ceann bliadhna ’s ràith phòs athair bean ùr.
Eadar am balach ’s a mhuime thàinig fìor dhroch rùn, dh’fhosgail sloc nach gabhadh lìonadh.
Thòisich e diùltadh a’ bhidhe bhuaich, rud gòrach, loma‑làn de chunnart.
Cha tigeadh e nuair a bhiodh dùil ris, cha tigeadh e nuair a dh’èight’ air. An t‑iasg bruich, a’ phrais buntàt’ air a taomadh, ’s esan gun sgeul air.
No air a shocair chanadh e rudeigin, ’s chluinneadh i pàirt dheth. ‘Cò tha ’g iarraidh do chuid brot.’
’S i aige, mar sin, air a cur air a faiceall agus as ùr air a h‑aineol. Mìos mar a thigeadh bu dorra dhi na meanbh‑chuileag a‑staigh na sùil, bu lugh oirr’ na pronnag smùir a‑staigh fo na rasgan, na greiseagan a bha ’m balach na fianais.
B’ fheàrr leatha gum falbhadh e, gun tàrradh e às a dh’àiteigin, cha robh diofar càit’, a‑mach às a sealladh: a ghoic, a ghrùig ’s a cheum brònach, dubhach.
‘Càite a bheil e?’ dh’fhaighnicheadh athair.
’S chanadh is’, ‘Chan fhaca mi dalladh dheth an‑diugh no ’n-dè.’
‘Bèicear Thàboist a chùm beò mi,’ chanadh e rithist, an corra uair a bhruidhneadh e air.
Lof no briosgaid a bha cam, no nach do dh’èirich buileach ceart, gheibheadh am balach iad sin dha fhèin.
Nam biodh taois aige chòrr chruthaicheadh am bèicear beathaichean beaga, ’s a‑steach leotha dhan àmhainn. Fo na làmhan eòlach aige nochdadh cat le cluasan stobach. Cuilean is earball an-àird ’s car beag na cheann. Easgann caol. Cnòdan a’ chinn chnapaich. Duineachan le ad, is putanan sìos ma bhroilleach.
’S bu dùraig dhàsan a thighinn tràth, ’s na rionnagan fhathast a’ danns ’s a’ mire ’s a’ priobadaich.
Bheireadh e steach às a’ chruaich de mhòine‑dhubh na chumadh an àmhainn a’ dol fad seachdain. Agus làd bho làd às an fhuaran, ’s a’ ghrian ag èirigh às an fhairge, ’s an tobar cho dorch na broinn, tè de chùiltean dorch Mhic Talla, uamh bheag, bheò a’ bhùrn‑èirigh.
Le iarann fada tharraingeadh am bèicear à broinn na h‑àmhainn, is ceò dhiubh, lofaichean is briosgaidean, iasgan nach fhaca cuan, bodaich nach do rinn iasgach, coin nach dèanadh comhart, piseag nach beireadh air luch.
Shuidheadh bèicear Thàboist còmhla ri charaid, chromadh e cheann ri facal altachaidh, chluinneadh am balach monmhar dòigheil, goirid agus amen. Dh’itheadh am bèicear fhèin, ’s dòcha, cuilean air a dheagh dheasachadh. Agus am balach, ’s mathaid, piseag air a deagh ghrèidheadh, agus dà ugh bruich. ’S iad sin cho sòlasach, blast’, ’s an t‑ìm a’ leaghadh orr’. Agus bainne fuar aca leis, copan de bhainne fuar bho ’n-dè.
Bha ’n taigh‑solais ùr na fhìor annas ’s na mhìorbhail. Cò chunnaic a leithid. ’S è b’ àird a bha ’m Breatainn. Bhiodh na balaich aige a h‑uile là ’s gu dàrnacha là. Cha robh guth ac’ air sgoil. Cò bha dol gan cròthadh?
Dhen a’ bhreige chruaidh a bha ’n taigh‑solais dèant’, bha e biastail garbh ma bhonn, ’s bha e ruighinn suas dha na nèamhan mar tùr Bhàbel nam mìle cainnt.
Thuirt mac Mhurchaidh na Sùist, a bha mu dhusan bliadhna dh’aois, gun sadadh esan clach suas seachad air, air cho àrd ’s gun robh e. Bha neart na ghàirdean a bha coimheach.
Sgèith a’ chlach suas, clach chaol chruinn, ’s rinn i gaoth a chrath dosan fear dhe na bha ’g obair shuas na bhàrr. Chrom fear dhe na fir sìos. Chrom e sìos am broinn an taigh‑sholais, sìos an staidhre sin a bha dol timcheall ’s timcheall. Chan fhaca iad a’ tighinn e gus an robh e ac’.
Bha ’m balach an làthair. Cha robh brògan air duin’ ac’.
Thurchair fear a bhith ann à baile Eòrabaidh aig an robh liut air a’ Bheurla, ’s e air a bhith greis an Glaschu. Bha aodann an duine-s’ a chrom an staidhre mhòr, fhada air bòcadh leis an ainmein. Bha pàirt dhen amhaich aige air a dhol cho dearg ri gàilleach èisg, ’s pàirt eile nach robh.
’Eil fhios agad dè tha e ’g ràdh?’ arsa fear Eòrabaidh ri mac Mhurchaidh na Sùist.
‘Chan eil,’ ars esan.
‘Tha e cantainn gun cuir e na moileanan dhìot, agus an uair sin an ceann. Ma nì thu tuilleadh e gun tèid falbh leat ann an cairt, do làmhan ceangailt’ air do chùlaibh le ròp. Gum faigh thu prìosan fada ann an Inbhir Nis. Far nach bi agad gu do bhracaist ’s gu do shuipear ach brochan tana, lom air a dhèanamh de luath ’s de chlòimh‑liath. Agus air an oidhch’ gun tèid na gòbhlagan a‑steach na do chluais.’
Dh’innis am balach do bhèicear Thàboist mar a thachair. Ro ceann na seachdaineach rinn am bèicear, leis na corran, bò bheag is laogh, agus taigh‑solais beag. Dh’ith e fhèin a’ bhò mar a bhà i, dh’ith am balach an laogh, ’s dà bhriosgaid, le pailteas de dh’ìm, agus an uair sin le copan de bhainne fuar bho ’n-dè, dh’ith e ’n taigh‑solais le gruth is bàrr.
Bha cuid dhe na sean daoine airson gum faiceadh iad a’ chulaidh‑uabhais. Dh’fhalbh Alasdair Bàn à baile Lìonail le sgioba dhiubh, cha b’ aon uair sin, bodaich is cailleachan, sop connlaich fo am màs ann am bucas na cairteach, gus nach deigheadh an crithneachadh ’s an ciùrradh. Iad a’ tarraing à càch‑a‑chèile, ’s an t‑each gan toirt ceum air a’ cheum gu fìor cheann a-tuath Eilean Leòdhais, àite lom, fosgailt ri ’n cuimhnesan.
‘Chaidh againn air cromadh,’ arsa tè dhe na bh’ ann, ‘air àra beag, goirid a bh’ aig Alasdair. Agus h‑abair tàbharnadh de rud!
Sheas sinn ann an siud ag amharc air, ’s ag amharc suas air, agus grèim againn air a chèile leis na bh’ oirnn dhen an luairean.’
Bhruadair am balach gun thuit an taigh‑solais a‑steach air muin nam bailtean. Feadh an là. Mhothaich e do rudeigin. Ruith e gu cùl claich. Dh’fhalaich e aodann.
Bhuail an taigh‑solais an talamh le clab sgriosail. Chrithnich an sgìre. Dhen bhreige chruaidh a bha e dèant, ach ’s e bha ’n seo ach fàdan mònach, na ceudan ’s na mìltean dhiubh, a’ leum ’s a’ bualadh ’s a’ cur car a’ mhuiltein, a’ gabhail roimp’ turrach air tharrach, ’s a’ dol nan dùintean fada, fiar suas tro Lìonail is tro Thàbost.
Ghabh e air a cheann a thogail. Stùr is dust na mònach na shròin is na shùilean. Chunnaic e greigh eich, eich a’ bhaile, nan deann ruith a‑staigh air a’ mhachair, iad a’ dèanamh gu deas ’s an caoch orr’.
*
Copyright Donnchadh MacGillIosa. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b082kn0n
www.clar.online
Fionnlagh MacLeòid - A’ Chùil - BBC Ràdio nan Gàidheal
A’ Chùil - foillsichte ann an Dìomhanas - Ùr-Sgeul/CLÀR.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b082kn0n
A’ Chùil
Tha e air greis mhòr a thoirt shìos ann an sin anns a’ chladach, an duine tha seo. Na shuidhe air palla a’ coimhead na mara a’ ghluasad sèimh ri oir na tràghad ’s eadar na creagan, ’s feamainn a’ sluaisreadh air a socair fhèin, na tiùrr. Duileasg is feamainn chìreanach ’s feadhainn mar sin. Tha e a’ coimhead greis latha, an duine, ach chan eil e air tuiteam bhuaithe ann an dòigh sam bith. Meadhanach tana, le glainneachan, ’s a’ ghrian air a bhith a’ faighinn gu a chraiceann. Aodach soilleir air, ach brògan làidir, ruadha, a tha a’ coimhead caran trom son na tìde seo dhen bhliadhna. Na shuidhe le aghaidh air a’ mhuir, ’s am muir a’ tighinn ’s a’ falbh, a-mach ’s a-steach, gun mhòran gluasaid sam bith air. Cha dèan thu a-mach dè tha an duine sa a’ smaoineachadh na shuidhe an sin, no idir dè fàth a thurais.
Ach sin a dh’fheumas mi fheuchainn ri fhaighinn a-mach dhomh fhìn ma thèid agam air.
Seo e, ge-tà, tha e air seasamh agus tha e a’ tighinn suas tarsainn na tràghad. Chan eil mi cinnteach ’eil e air m’ fhaicinn ach tha mi a’ dol na choinneamh co-dhiù. Nach eil sin cho math dhomh? Tha mi ga choimhead ’s e a’ togail slige bheag shoilleir bhon tràigh.
‘Chan eil aon chàil a dh’fhios a’m dè an t-ainm a th’ air an t-slige bhrèagha sin,’ tha e ag ràdh rium sa ghuth-shàmh, mar gun aithnicheadh e mi bho linn cogadh nan con.
‘Maothalag,’ dh’inns mi.
‘Maothalag?’ ’s e gham ghrad-choimhead. ‘Ciamar tha fhios agad air a sin?’
‘Rinn sinn pròiseact mu dheidhinn a’ chladaich mus do dhùin an sgoil,’ arsa mi fhìn.
‘Well, I never,’ tha esan ag ràdh, ’s an t-slige bheag bhìodach a tha seo aige na bhois. ‘Maothalag,’ tha e ag ràdh a-rithist, ’s an uair sin, ‘Tha mi far an cuala mi e.’
‘’S e srainnsear a th’ annaib’ fhèin air an astar sa,’ arsa mi fhìn. Tha mi cho toilichte cuideigin mar esan a choinneachadh air an tràigh. Mar as trice chan fhaic thu duine.
‘Srainnsear eòlach,’ aigesan.
Chan eil mi a’ tuigse sin. Srainnsear eòlach. Tha mi far an cuala mi e, mun canadh e.
‘Dè an aois a tha thu fhèin?’ thuirt e ’s gun càil a dhùil a’m ris.
‘A h-aon-deug gu leth,’ arsa mi fhìn.
‘Mise Murchadh,’ thuirt e an uair sin, ’s e a’ breith air làimh orm.
‘Mise Tony,’ dh’inns mise, ‘no Anthony.’
‘Dè as fheàrr leat?’
‘Anthony.’
‘Anthony it is.’
Nise, ged a bha mo mhàthair ag àithne dhomh gun mi air mo bheatha bhuan bruidhinn ri coigreach nam bithinn leam fhìn, seo mi nise ga dhèanamh. Bheir mi sùil ach a bheil i aig an ròpaodaich, ach chan eil.
’S nach eil am baile shuas an sin ri ar taobh co-dhiù.
‘Anthony dè?’ thuirt e an uair sin.
‘Causley,’ thuirt mi. ‘Anthony Causley.’
‘A Dhia, glèidh mi, chan ann às a’ Chùil a tha thusa le ainm mar sin.’
‘Thàinig mo phàrantan ann nuair a bha mi beag. Bha sinn ann an Arcaibh an toiseach ’s thàinig sinn an uair sin an seo. Ach ’s ann às a’ Chòrn a tha sinn bho thùs.’
‘Dè an t-àit’ tha sin?’
‘Cornwall.’
Chrath e cheann ri sin, ’s e a’ dèanamh gloc-gàire.
‘’S tha a’ Ghàidhlig agad?’ thuirt e le rudeigin mar iongnadh na ghuth.
‘Dh’ionnsaich mi i sa chròileagan ’s anns an sgoil. Well, bho Pheigi Matheson.’
‘’S tha i aig do phàrantan?’
‘Chan eil aon smid.’ ’S an uair sin tha mi gam fhaighinn fhìn ag ràdh, ‘Agus dè an cinneadh a th’ agaib’ fhèin?’
‘Cinneadh? Tha . . . Tomhais . . .’
‘Dòmhnallach?’
‘Try again.’
‘Mac . . . rudeigin?’
‘. . . Leòid.’
‘Murchadh MacLeòid?’ dh’fheuch mi.
‘Correct every time.’
‘’S cò às a tha sibh?’ mi a’ gabhail orm faighneachd, ’s mi fàs beagan dàna.
‘Às a’ Chùil.’
‘À seo?’ tha mi ag ràdh ’s mo ghuth ag èirigh mar a bhiodh dùil agad, oir chan eil mise air an duine sa fhaicinn a-riamh ’s gun anns a’ bhaile ach sia taighean. ‘À seo,’ ars esan. ‘Number 4 Cùil. Sin sinne.’
‘’S e tha sin ach “Dachaigh Ùr”. Far a bheil na Murphys.’
Chan eil fhios a’m fhathast na ghlac e siud, oir cha tàinig deamadh bhuaithe.
‘Cha chuala mi riamh MacLeòid air daoine anns an taigh sin,’ chùm mi orm.
‘Chan eil thu ach òg, Tony.’
‘Anthony.’
‘Anthony.’
‘Bha latha eile aig fear na mònach,’ arsa mi fhìn ’s mi slaidhdigeadh; ach ma thubhairt, thòisich esan a’ lachanaich ’s cha mhòr gun deigheadh aige air sgur.
‘Tha thu gu math òg son seanfhacail a bhith tighinn bhuat,’ chaidh aige air a ràdh ’s e fhathast a’ glocadaich.
‘Rinn sinn pròiseact air seanfhacail,’ dh’inns mi dha
Mi toirt an ath shùil suas ach a bheil sgeul oirrese, ach chan eil i ri faicinn idir, ’s is math dhòmhsa nach eil, no bhiodh mo mhì-shealbh thugam.
‘Can fear eile,’ thuirt e. ’S e duine mear, dibhearsaineach a th’ agam an seo. ‘Miann a’ chait san tràigh, ’s cha toir e fhèin às e,’ labhair mi.
‘Well, I never,’ aigesan. ’S iongantach mur e seo fear dhe na rudan a bhios e ag ràdh. Tric. Feumaidh mi feitheamh ach an cluinn mi.
‘Chan eil mi a’ coimhead duine a’ gluasad mu na taighean,’ aige, ’s e a’ coimhead suas taobh nan taighean am bàrr na bruthaich gainmhich ’s nan creagan nach eil àrd sam bith.
Baile beag sgrothach ann an seòrsa de leth-chearcall. Triùir againn a’ dol dhan sgoil às. Eleanor is Robbie ’s mi fhìn. ’S b’ e sin an triùir. Mise anns a’ Ghàidhlig ’s iadsan anns a’ Bheurla chruaidh Shasannach, mar a theirear. Tha mi ag innse seo dhàsan fhad ’s a tha sinn a’ coiseachd suas chun a’ bhaile, ach chan eil e a’ toirt na tha sin de dh’aire dha puingean mar seo. Tha e mar gun robh e ann an saoghal eile air choreigin, chan eil fhios a’m. Co-dhiù, tha mise a’ cumail orm, seach gur e sin mo dhòigh, mar a tha sibh a’ faicinn.
‘Tha mi glè mhòr leam fhìn,’ seo mi a’ fosgladh cuspair eile, ‘le nach eil duine anns an teaghlach ach mi fhìn. Ach ’s ann thall aig Peigi Matheson as tric’ a tha mi, oir chan eil duine eile ann ris an urrainn mi bhith ga bruidhinn. ’S gu dearbha chan eil duine aicese nas motha ris am bruidhinn i i ach mi fhìn.’
Tro na bha seo, chum mo liagh air a’ coiseachd ri mo thaobh, ’s e cho sàmhach ri balbhan. Ach chan eil sin ag ràdh nach robh e a’ ruith air gu leòr na eanchainn, chan eil fhios agams’. ‘Sin taigh nan Crawfords, a’ chiad fhear. Ach tha iad air falbh an-dràsta. Robbie am balach aca.’ Chan eil mi a’ faighinn aon soileap bhuaithe.
Tha mi ga chluinntinn ag ràdh ‘Taigh Alasdair Tharmoid’ fo anail, ach chan ann riumsa tha a ghnothaich, mur eil mi air mo mhealladh. Ach tha e a’ tionndadh thugam a-nis ’s ag ràdh, ‘Alasdair Tharmoid, ’s e greusaich’ a bh’ ann. Tric a’ cur leth-bhoinn air ar brògan.’ ’S mise tha sàmhach a-nis, oir chan eil mi cinnteach càit a bheil e ag ionaltradh an ceartuair. ‘’S a bhean, Catrìona, bean Alasdair, bhiodh i a’ briseadh sìos gun sgur. Rud a bha sin a bh’ annta.’ Cha dèan mi mo bhiadh de chàil dhen seo nas motha. Uaireannan chan eil mi ga fhaighinn cho furast’ ri sin a leantainn, na rudan a bhios e tighinn a-mach leis. ’S cha ghabh mi orm sin a ràdh ris, no ’s ann a tha mi dualtach m’ fhaighinn fhìn ann an tamhain às nach teid agam air mi fhìn a shaoradh.
‘Agus seo far a bheil Eleanor a’ fuireach,’ tha mi ag innse le guth togarrach, gus an tuilleadh lèig-chruthaich a sheachnadh. ‘’S ann aig a màthair a tha Oifis a’ Phuist agus ’s i cuideachd a tha a’ ruith a’ chròileagain ged nach eil mòran Gàidhlig mar sin aice. Mura bitheadh gu bheil Peigi Matheson, à Cròbost shìos, ga cuideachadh. Ach ’s i Martha, màthair Eleanor, a tha bhos a chionn, mar gun canadh tu. ’S i bh’ ann nuair a bha mi fhìn anns a’ chròileagan ach ’s e Peigi Matheson a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig dhomh, ged nach deigheadh aice air a sgrìobhadh ach mu làimh. Ach fhuair sinn troimhe air dhòigh no dhòigh air choreigin, ’s tha sinn an seo fhathast. Tha Peigi Matheson greis latha an-diugh, ged nach saoil duine sin oirre.’
Tha e a’ gàireachdainn mar as àbhaist ga mo chluinntinn, ’s tha e air sgur a bhrunndail mun bhean a bh’ aig Alasdair Tharmoid, ’s taing do shealbh airson na h-uiread sin. Bidh mi ag iarraidh gu falbh dhachaigh nuair a bhios e a’ tòiseachadh air an duan ud, e fhèin is bean Alasdair Tharmoid ge b’ e cò i when she’s at home, mun canadh e fhèin. Chan e g’ eil e air ‘Well, I never’ a ràdh bho chionn ghreis a-nis. Tha mi ’n dòchas nach eil e air a leigeil seachad uile-gu-lèir, oir ’s e th’ ann ach deagh chur-seachad a bhith a’ feitheamh ri leithid siud.
‘Bhiodh teaghlach mòr agaib’ fhèin?’ ’s mi a’ leigeil cuideam air ‘mòr’.
‘Sianar.’
‘Ach chan eil iad an seo?’ ’s mi leigeil cuideam air ‘iad’.
‘Chan eil.’
Tha sinn a’ cumail oirnn, a’ tighinn nas fhaisg’ air na taighean. ‘Seall, tha B&B an sin,’ tha e air mothachadh dhan àite aig Alison Cubitt, far am bi i a’ gabhail dhaoine as t-samhradh. ‘An Caladh’ a th’ aice air.
‘Cha robh i air a dòigh idir, Alison Cubitt, bho nach d’ fhuair i ceithir rionnagan am-bliadhna,’ tha mi a’ dèanamh inneas dha, ‘seach gun d’ fhuair Geoffrey Sudby shìos ann an Cothair na ceithir.’ Thug na bha seo fiamh a’ ghàire air a ghnùis.
‘Tha mise a’ coimhead son B&B son a-nochd,’ thuirt e. ‘Cò ris a tha an Alison Cubitt a tha seo coltach?’
‘Bitear ag ràdh g’ eil i dèidheil air na fir, gun iomradh aic’ air George bochd, an duine aic’, nach eil buileach ann gu lèir,’ ’s mi leigeil cuideam air ‘ann’. ‘Gu bheil i an dòchas fear a choinneachadh air an eadar-lìon no ann an “Ann Kala”, mun tuirt i fhèin.’
‘Gu sealladh nì math orm,’ a th’ aige fo anail. ’S thuirt e an uair sin tè nach robh mi air a chluinntinn a-riamh gu seo fhèin, anns an sgoil no fiù ’s aig Peigi Matheson, ’s fuirich ach an cluinn thu i:
‘’S fheudar dhan èiginn beart-èiginn a dhèanamh.’
‘Beat that one,’ thuirt e an uair sin, ach cha tèid agams’ air grunnachadh nuair a tha am muir-cùil a’ tighinn orm mar seo.
Beart-èiginn, a dhuine bhochd. Saoil thusa ach am bi i sin aig Peigi Matheson. Feumaidh mi cuimhneachadh a feuchainn oirre an ath thuras a bhios mi shìos aice. Canaidh i, ‘Ò, Anthony Causley, cò ris a-nis a tha thu air a bhith a’ clabadaich, fo ghrian nan speur?’ Tha i cho laghach, Peigi Matheson.
‘Cha bhi a’ Ghàidhlig aice?’ tha e a’ faighneachd.
‘Chan eil na. An ann aig Alison Cubitt? Càit, a bhròinein, am biodh a’ Ghàidhlig aig a leithid siud. Chan eil no aig feadhainn as ionnan ’s na i. Aig aon duine chan eil i air druim a’ bhaile tha seo ach agamsa.’
Stad e cruaidh.
‘Chan e an fhìrinn a tha sin.’
‘An tul-fhìrinn onarach,’ ’s mi ga thoirt dha an clàr an aodainn, ged a bha deagh fhios agam gum biodh a dhìol aige gabhail ris.
‘Mise, mi fhìn, mun canadh am measan, ’s chan eil an còrr,’ ’s mi a’ bualadh na tarraig a-steach cho fad’ ’s a dheigheadh i. ‘Aon lideadh. Aig beag no mòr. No fiù ’s aig an aon chù th’ anns a’ bhaile.’ ’S tha George Cubitt e fhèin ann, ged nach do thòisich e buileach air comhartaich fhathast.
‘Chan eil a-rèist duine air fhàgail anns a’ chreaga ach coigrich?’
‘Mar a tha sibh ag ràdh. Coigrich is conadail. Bho thùs etc.’
Sin mar a chuir mi e, ’s shaoil leam gun robh e agam air a lìbhrigeadh glè loinneil. Sgeilmeil, gu dearbha. Mura bitheadh Peigi Matheson, cha mhòr gun deigheadh agamsa mi fhìn air dà fhacal dhith a chur an ceann a chèile, agus seall orm an-diugh. Cò ris a bhios tu coltach aig fichead? a bhios aice rium. Mi fhìn is Peigi Matheson, ’s cò th’ ann ach sinn.
Tha e fhathast na chruaidh-stad – ma tha a leithid sin a ghnàthas-cainnte cothromach. Saoilidh mi nach eil e a’ riuth bho mo theanga buileach cho siùbhlach ’s a dh’iarrainn. Cruaidh-stad. Ach nì e an gnothaich, agus ’s esan dha-rìribh a dh’fheumas sin, oir chan eil mise pioc a’ dol ga atharrachadh an-dràsta. Ach tha an duine seo a’ cur beagan iomagain orm a-nis. Tha e air mullach mì-choltais a ghabhail. An dèidh sin ’s na dhèidh, nach e sin crannchur an eilthirich, ’s tha h-uile coltas nach b’ ann an-dè no bhòn-dè a chuir e seo a chùl ris a’ Chùil. Chan e gu bheil mise a’ dol a ghabhail a chraicinn-anam orm càil mar sin a thogail ris, ’s gu leòr air a làmhan mar a tha.
Tha mi air innse dha gu bheil agamsa ri dhol dhachaigh a-nis gu mo theatha, ’s tha e air soraidh slàn a leigeil leam ’s e gam ainmeachadh air m’ ainm, ’s shaoil leam gun robh briseadh na ghuth a’ dèanamh sin.
‘Cha bhi sibh a’ fuireach fada?’ tha mi gam fhaighinn fhìn a’ faighneachd, ’s mi leigeil cuideam air ‘sibh’.
‘Cha bhi.’
Cha d’ fhuair mi an còrr às, ma-thà. Seo mi a’ cumail mo shùil air, ’s e a’ falbh mar neach air an allaban, no mar am Mac Stròdhail, mun canadh Peigi Matheson a’ toirt dhuinn Bìoball, ’s e a’ coimhead an-àirde ri na taighean ’s gun duine a’ nochdadh a-mach asta dhan aithne e. Tha e na stad a’ coimhead suas ri gèibhil taigh Jacque Pomperie far a bheil 1939 sgrìobhte air a’ cheann-simileir, ge b’ e cò a sgrìobh no a thog càil dhen a sin. Tha mi a’ glacadh a’ bhoillsgidh mu dheireadh dheth ’s e a’ dol a-steach staran ‘Ann Kala’, ’s e nise na sheasamh ’s air am putan a bhruthadh a th’ air ursainn an dorais. ‘Well, I never’ tha mi creids’ a th’ aige, a’ coimhead ‘An Caladh’ sgrìobht’ ann an glainne an dorais. Cha chreid mi gu bheil mi ag iarraidh fhaicinn a’ coinneachadh ’s a’ dol a-steach an taigh còmhla ri Alison Cubitt, ’s co-dhiù bidh mo theatha a’ feitheamh orm gu seo, ’s nach math gum bi. Ach tha e a’ cur smaoineachadh gu leòr orm an dèidh sin, am Murchadh MacLeòid seo, ’s tha fhios a’m gun cuir, ’s cò aig’ tha fios nach dèan mi pròiseact air aon uair ’s gun tèid an sgoil air ais. Ainmichidh mi e dha Peigi Matheson.
*
Copyright Fionnladh MacLeòid. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo! Aig http://www.bbc.co.uk/programmes/b082kn0n
www.clar.online