Sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig, litir thuca
UPDATE 2020: Fhathast a’ feitheamh. Air 30/06/2015, bha e soilleir gu robh Iain Caimbeul agus Iain Aonghas MacAoidh air falbh, is sinn a’ feitheamh ri freagairt (puingean ann an litir gu Bòrd na Gàidhlig 19/01/2015) - faisg air sia mìosan as dèidh dhuinn sgrìobhadh. Cha do dh’fhreagair Ailean Dòmhnallach, an Cathraiche/Ceannard. Dh’fhalbh e. Seo 2020. Fhathast a’ feitheamh.
“Bòrd na Gàidhlig is required to exercise its functions with a view to securing the status of Gaelic as an official language of Scotland commanding equal respect to the English language through encouraging the use of the Gaelic language, and... providing advice (on request) to other persons on matters relating to Gaelic” - BNAG website
FIOSRACHADH - MAR A THACHAIR
Am Faoilleach 2015: sgrìobh sinn gu Bòrd na Gàidhlig (litir gu Ailean Dòmhnallach, ‘Acting Chair’; agus leth-bhreac gu Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard) - an litir gu h-ìseal
An Gearran 2015: fhuair sinn litir ghoirid ‘acknowledgement’ bho Iain Aonghas MacAoidh, le dà rud:
1) dearbhadh nach robh Ailean Dòmhnallach, ‘Acting Cathraiche’ Bhòrd na Gàidhlig, airson freagairt a thoirt dhuinn, seach gu robh e an-sàs ann am MNE TV agus Purple TV - a bha a’ faighinn maoineachadh [mòr] tro MG ALBA
2) ‘dòchas’ sgrìobhte gun deanadh Iain Caimbeul (an Ceannard ùr) rudeigin mu dheidhinn gnothaichean aon uair ’s gun toisicheadh e sa Mhàrt 2015
Am Màrt 2015: Dh’fhalbh Iain Aonghas MacAoidh (deireadh na mìos) mar a bha dùil. Thoisich Iain Caimbeul an dreuchd ùr aige mar ‘Cheannard’ Bhòrd na Gàidhlig
30 An t-Ògmhìos 2015: Dh’fhalbh Iain Caimbeul, as dèidh trì mìosan mar Cheannard Bhòrd na Gàidhlig. Cha robh esan deònach guth a ràdh gu poblach. ‘Internal strife’ aig ìre-stiùiridh, a-rèir An Là air BBC ALBA, 30/06/15. Chaidh Ailean Dòmhnallach (Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Stiùiriche MNE TV agus Purple TV) na ‘Acting Ceannard’ air Bòrd na Gàidhlig, thuirt na meadhanan.
Fiosrachadh: ’s iad Alasdair MacFhionghuin, Steven MacÌomhair agus Daibhidh Boag an triùir a tha ag obair aig ìre sgioba-stiùiridh taobh a-staigh Bhòrd na Gàidhlig. (Tha Màiri NicIlle-Mhaoil air gabhail ri dreuchd ùr air falbh o Bhòrd na Gàidhlig 30/06/2015)
As dèidh a h-uile rud a tha seo, tha ceist ann: mur eil Ailean Dòmhnallach, Cathraiche/Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, deònach freagairt, cò tha? Tha dleastanasan air Bòrd na Gàidhlig, mar a chì sibh gu h-ìseal.
Tha sinn a’ feitheamh freagairt coileanta fhathast - 30 an t-Ògmhios 2015
Litir gu Ailean Dòmhnallach, Bòrd na Gàidhlig, 19 am Faoilleach 2015 - faicibh gu h-ìseal.
Mar cho-theacsa, carson a bhiodh Bòrd na Gàidhlig an-sàs anns na meadhanan co-dhiu? Uill:
1. Tha "na meadhanan" nam prìomhachas do Bhòrd na Gàidhlig, a-rèir làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig
2. Tha àite oifigeil aig Bòrd na Gàidhlig air Bòrd-Stiùiridh MG ALBA
3. ’S iad Bòrd na Gàidhlig 'prìomh bhuidheann na Gàidhlig' - na faclan aca fhèin
Litir gu Bòrd na Gàidhlig 19/01/2015:
Cathraiche (interim chair suas gu 02/06/2015: Cathraiche ceart bhon uair sin; agus an uair sin, air 30/06/2015 ‘Acting Ceannard’, as dèidh do Iain Caimbeul falbh)
SIANAL TELEBHISEAN GÀIDHLIG
"Tha mi'n dòchas gun dean Bòrd na Gàidhlig srì làidir as leth nan Gàidheal gus barrachd Gàidhlig fhaighinn air BBC ALBA."
Tha mi'n dòchas gu bheil sibh gu math.
Tha mi a' tuigsinn gu bheil àite oifigeil aig Bòrd na Gàidhlig air Bòrd-Stiùiridh MG ALBA, am buidheann a tha os cionn an t-seirbheis Gàidhlig còmhla ri BBC Scotland. Tha mi mothachail gun e 'Na Meadhanan' aon dhe na prìomhachasan agaibh (làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig, 2015).
Tha e a' cur uabhas air cuid againn na th' ann de Bheurla air an t-sianal 'Gàidhlig' seo. Mar eisimpleir, anns na trì mìosan a chaidh seachad (Samhainn 2014 - Faoilleach 2015), rinn sinn sgrùdadh mionaideach air naoi diofar phrògraman air BBC Alba. Fhuireadh a-mach gun e 73% an àbhaist a thaobh guthan Beurla air na prògraman seo. Mar ghearr-aithiris, seo na figearan: 51% Beurla - Am Balach MacCuidhein - McQueen of Scots - Solus Productions/MG ALBA; 70% Beurla - Big John: Sgeulachd John Hartson - Avanti Media/MG ALBA; 96% Beurla - Mark Knopfler and Emmylou Harris: Real Live Roadrunning - Bees Nees Media/MG ALBA; 78% Beurla - Bainnsean (Weddings) Series 3 Programme 4 - PurpleTV (MNE Television)/MG ALBA; 52% Beurla - Trusadh - Series 7, Programme 5 - MacTV/MG ALBA; 80% Beurla - Lorgan Linda (Linda’s Story) - MacTV/MG ALBA; 66% Beurla - Honeyballers - PurpleTV (MNE Television)/MG ALBA; 72% Beurla - Opry an Iúir Series 2, Episode 6 - Bees Nees Media/MG ALBA; 91% Beurla - Ricky Ross - Bees Nees Media/MG ALBA.
Tha an 73% Beurla seo ga sparradh air daoine, ach chan e sin a-mhàin. Tha fo-thiotalan Beurla loisgte air a h-uile prògram airson inbhich (a bharrachd air An Là). A’ cur guthan Beurla agus fo-thiotalan Beurla còmhla, ma dh'fhaoidte gu bheil figear 73% airson Beurla car ìosail.
Cha bu chòir smaoineachadh gun e na naoi prògraman seo a-mhàin a tha 'trom air a' Bheurla'. Tha iomadach eisimpleir eile air a bhith air BBC Alba bho chionn ghoirid, làn Bheurla, leithid 'Amy Winehouse', 'Port' agus 'Na Trads' (Dubhlachd 2014-Am Faoilleach 2015). Tha e do-dheanta èisteachd ri 'Rugbaidh Beò' (MNE Television/MG ALBA) gun a bhith a' cluinntinn guthan Beurla. Chan e a-mhàin gu bheil Beurla ann aig toiseach agus deireadh geama, tha Beurla ann teis-meadhan aithris, le neach-labhairt Gàidhlig a' tionndadh gu Beurla gu tric, a' bruidhinn ri 'proifeisantach' Beurla air choreigin. Chan eil Gàidheal sam bith ann a tha deònach bruidhinn air rugbaidh? Tha seo gun ghuth air 'gluasad' eile, a' Phutan Dearg - air a bhrosnachadh a h-aona ghnothach le MG ALBA - a tha ag aobhrachadh draghan a-measg Ghàidheil.
Tha fianais laidir ann gu bheil rudeigin fada cearr a thaobh phoileasaidhean agus gnìomh ceangailte ri Gàidhlig air BBC ALBA.
Dè seòrsa teachdaireachd a tha suidheachadh mhi-chiatach mar seo a' toirt do dhaoine a chaidh tro foghlum tro mheadhan na Gàidhlig, neo daoine a dh'ionnsaich Gàidhlig mar inbhich? Ionnsaichibh Gàidhlig agus bidh saoghal mòr Beurla romhaibh? Dh'iarrainn air Bòrd na Gàidhlig - mar 'phrìomh bhuidheann leasachaidh' - barrachd gnothaich a ghabhail ris.
Chan e a-mhàin mise a tha ag ràdh seo. 'S iomadh Gàidheal - eadar fileantaich agus luchd-ionnsachaidh - a tha mi-thoilichte le gnothaichean air BBC ALBA, ge brith dè chanas 'rannsachaidhean' oifigeil an t-sianail fhein. Tha eòlaichean anns na h-Oilthighean a' toirt an aire gu feum gnothaichean atharrachadh cuideachd. Mar a tha Eithne O’Connell, Oilthigh Dublin City, a’ moladh gu làidir:
"it is absolutely legitimate, and indeed urgently necessary, to insist on a better compromise…" (gaidhlig.tv, 2015)
Tha mi'n dòchas gun dean Bòrd na Gàidhlig srì làidir as leth nan Gàidheal gus barrachd Gàidhlig fhaighinn air BBC ALBA, an uine nach bi fada.
Bu mhath leam coig prìomh mholaidhean ceangailte ri cleachdadh-cànain ann an telebhisean na Gàidhlig san 21mh Linn a chur air adhart. Dh'iarrainn air Bòrd na Gàidhlig putadh gu làidir air an son:
1. FO-THIOTALAN
Gun e fo-thiotalan Gàidhlig a-mhàin a bhios air BBC ALBA – mar roghainn do luchd-amhairc. Tha rannsachaidhean a' sealltainn cho feumail 's a tha fo-thiotalan L2 a thaobh ionnsachadh - leithid an sgrùdadh a rinn McQueen agus Mitterer (Max Planck Institute, 2009).
Tha sinn air dearbhadh fhaighinn bho Ofcom agus Urras a’ BhBC nach eil feum air fo‑thiotalan a bhith ‘loisgte’ (litir bho Ofcom air 21/12/2014 agus litir bho Urras a' BhBC 12/12/2014). Tha an gnothach an urra ri MG ALBA, an co-bhonn le BBC Scotland.
Gun dean luchd-riaghlaidh barrachd oidhirp guthan Gàidhlig a bhith air prògraman telebhisean Gàidhlig, an àite guthan Beurla. Air beulaibh camara, mar eisimpleir, dè tha cearr air cothrom a thoirt do Ghàidheil a thaobh obraichean? ‘’S e deagh eisimpleir a th’ ann an Rapal TV.
Vic Galloway - aon dhe na gaisgich againn... ann am Beurla.
A bheilear ag innse dhuinn nach eil Gàidheal sam bith ann a tha fìor eòlach air ceòl ùr mar a tha am fear Beurla, Vic Galloway (fìor chomasach 's gu bheil Vic choir)? Aithnichidh sinn 'Vic Galloway na Gàidhlig' neo dhà. 'S e roghainn a bha seo - gu soilleir - gus luchd na Beurla a thaladh.
Ma dh’fheumas aithrisean agus agallamhan ann am Beurla a bhith air an riochdachadh, mur eil Gàidheil ann, faodar coimhead ri diofar chothroman gus Gàidhlig a thoirt a-steach. Mar a thuirt Aonghas Dubh MacNeacail:
"Dè tha ceàrr air thar-ghuthan? Dhan fheadhainn a dh’abras gu bheil thar-ghuthan mì-nàdarra, feumar gabhail ris nach e goireas buileach nàdarra a tha anns an telebhisean fhéin." (an Dubhlachd 2014). Tha cothroman ùra ag èirigh.
Gum bi teicneòlas ga chleachdadh gu math na Gàidhlig - agus gu faigh Gàidheil fhèin smachd air - gus nach bi cothrom aig luchd‑amhairc, mar eisimpleir, Gàidhlig a chall le bhith ag atharrachadh gu riochd Beurla dhen t-sianal. A-rithist, tha cothroman ùra ag eirigh, mar a tha leithid Andrew Lambourne (eòlaiche fo-thiotalan) a' mineachadh dhuinn. Dh’iarrain air Bòrd na Gàidhlig bruidhinn ri MG ALBA agus BBC Scotland agus iarraidh orra cur às don 'Phutan Dearg' sa bhad.
4. POILEASAIDHEAN-MAOINEACHAIDH AGUS OBRAICHEAN
Gum mol Bòrd na Gàidhlig gum bi taic‑maoineachaidh (ceangailte ri craoladh Gàidhlig) bho leithid MG ALBA, BBC Scotland neo an riaghaltas, a’ crochadh air aonta gum bithear a’ cleachdadh na Gàidhlig aig ìre-obrach agus ann an seirbheisean ceangailte ris a’ phoball leithid stuthan‑margaidheachd neo làraich-lìn, cho tric 's as urrainn.
'S e deagh eisimpleir ceangailte ri leasachaidhean-cànain sna meadhanan a th' ann an ésAdir, an t‑seirbheis-comhairleachaidh cànain a chaidh a stèidheachadh an Catalùinia ann an 2003. San àm ri teachd an Alba, bhitheadh e feumail pròiseact a tha ag ionnsachadh bho ésAdir a chur air chois a thaobh na Gàidhlig. 'S fhada bho thoisich an còmhradh mu dheidhinn leasachaidhean corpus a thaobh na Gàidhlig agus dè an rathad as fheàrr. Tha cothrom-ionnsachaidh sònraichte ann ceangailte ri ésAdir agus pròiseactan eile air feadh an t-saoghail.
Tha e uabhasach cudromach staid na Gàidhlig a neartachadh, agus ann an 2015 tha cothrom fhathast aig na meadhanan sin a dhèanamh. Tha e math gun do chuir BBC ALBA, còmhla ri feadhainn eile, an làrach-lìn learngaelic.net air bhonn. Na’m biodh learngaelic.net air a thoirt air adhart gu mòr, mar a tha BBC ALBA ag ràdh a bhitheas e, tha fhios gun riaraicheadh sin an luchd‑ionnsachaidh, gu h-àraid aig ìre-toiseachaidh.
Dh’fhaodadh luchd-riaghlaidh a’ chuid bu mhotha dhe na prògramanan air an telebhisean fhàgail aig luchd fileanta na Gaidhlig - programan a bhiodh air an dèanamh cho Gàidhlig 's a ghabhas gun fo-thiotalan Beurla idir orra agus fior bheag ghuthan Beurla.
Dh’fhaodadh an uair sin prògraman ceart, àbhaisteach, Gàidhlig a bhith air an dèanamh agus air an cleachdadh mar bu chòir leis a’ bheagan againn aig a bheil a’ chànain 's cha bhithte a’ tilgeil oirnn gun robh sinn a’ gearradh nan truaghain sin a-mach. Tha feum air goireasan do luchd-ionnsachaidh, ach tha feum air seirbheis do na Gàidheil cuideachd.
Cha dean atharrachadh ann am poileasaidh-cànain – agus an gnìomh a tha na chois - an gnothach leis fhèin. Feumaidh prògraman telebhisean Gàidhlig a bhith a cheart cho tarraingeach ri prògraman air sianal sam bith eile. Ach gus an tig na h-atharraichean gu h-àrd, caillear fior chothrom a thaobh leasachadh na Gàidhlig. Chan urrainn dhuinn a ràdh le fìrinn gun e sianal Gàidhlig a th’ againn.
Mar sin, bu mhath leam iarraidh air Bòrd na Gàidhlig cuideachadh leis a seo. Tha mi a' coimhead air aghaidh ri cluinntinn bhuaibh.
Leis gach deagh dhùrachd,
Teicneòlas - saor - fo-thiotalan
Agus fiosrachadh eile... litir gu MG ALBA agus BBC Scotland, 2015
GWEN BOWIE, AONGHAS PÀDRAIG CAIMBEUL, AILEAN DÒMHNULLACH, LOUISE EDMONDS, MAUREEN HAMMOND, ALISON KINNAIRD, RUAIRIDH MACIOMHAIR, ROBBIE ANNDRA MACLEÒID, AONGHAS DUBH MACNEACAIL, ISHI NICILLEATHAIN, MORAG NICLEÒID, PROFESSOR ROBERT PHILLIPSON, DES SCHOLES, TOVE SKUTNABB-KANGAS, LISA STOREY
tuilleadh fiosrachaidh an seo