tapadh leat airson mo fhreagairt, agus duilich ceist eile a chur ort, ach chan eil mi fhathast a tuigsinn - ciamar nach eil Gàidheil geal? chan eil mi idir ag iarraidh ràdh gu bheil a h-uile Gàidheal geal, ach tha a' mhòr cuid air a bheil mi fhèin eòlach. cò fon ghrian a tha ag ràdh nach eil "còir aig daoine geal a bhith a' bruidhinn Gàidhlig"?? no a bheil rudeigin eile ann nach eil mi a' tuigsinn idir? duilich a-rithist, tha mi dìreach ag iarraidh tuigsinn.
tha e coltach gu bheil rudeigin ann nach eil thu a’ tuigsinn: ’s e a thachair gun robh cuideigin ris an robh crogall-airgid a’ bruidhinn a’ dearbhadh nach eil Gàidheil na h-Aba (mar shluagh/ethnicity) geal — ach, a rèir coltais, gu bheil na h-Èireannaich (.i., gu bheil Gàidheil na h-Èireann) geal. mar sin, bha an neach seo ag ràdh nach bu chòir do luchd “geal” (.i., daoine nach eil nan Gàidheil Albannach) a bhith ag ionnsachadh/a’ bruidhinn na Gàidhlig. tha mise agus crogall-airgid (agus tusa) ag aontachadh gu bheil na Gàidheil geal (san fharsaingeachd — tha thu làn-cheart nach eil a h-uile Gàidheal no a h-uile neach-labhairt na Gàidhlig geal, dìreach a’ chuid as motha).
tha cuid de Thùsanaich ann an Amaireaga a Tuath, m.e., a tha dhen a’ bheachd seo (.i., nach bu chòir do dhaoine taobh a-muigh na coimhearsnachd a bhith ag ionnsachadh nan cànanan aca), agus tuigidh mi sin sa cho-theacsa ud, gu h-àraid leis a’ ghainneid ghoireasan agus airgid airson teagasg agus ionnsachadh chànanan Tùsanach a-bhos an seo.
ach ged a thachair mi air daoine nach eil a’ creidsinn gu bheil Gàidheil na h-Alba geal, cha do thachair mi riamh air daoine a bha a’ creidsinn gu bheil sgaradh, mar, cinnidheach eadar Gàidheil na h-Alba agus Gàidheil na h-Èireann (agus Gàidheil Mhanainn? cò aige tha fios) — chan eil mi idir a’ tuigsinn siud.
agus cha do thachair mi riamh, gu pearsanta, ri Gàidheal nach robh a’ cur fàilte air luchd-ionnsachaidh. tha mi ’n dùil gu bheil iad ann, ach mar as trice tha a’ choimhearsnachd gu math fosgailte do luchd-ionnsachaidh in good faith, mar gum b’ eadh.