21 an Dàmhair, 2016 - Dùn Dèagh - TIM ARMSTRONG
https://literarydundee.co.uk/festival/future-scotlands-tim-armstrong-matthew-fitt

seen from Germany
seen from Netherlands
seen from China
seen from Germany

seen from Indonesia
seen from China
seen from Brazil
seen from China
seen from China

seen from Indonesia

seen from Russia

seen from Spain
seen from China

seen from United States
seen from China
seen from Switzerland

seen from Italy

seen from China

seen from United States
seen from China
21 an Dàmhair, 2016 - Dùn Dèagh - TIM ARMSTRONG
https://literarydundee.co.uk/festival/future-scotlands-tim-armstrong-matthew-fitt
Mearachd agus Mealladh - Crawford MacKie san Albannach
Brath bho CLÀR
Tha e soilleir san 21mh Linn gu bheil Albannaich ann fhàthast a bhitheadh air an dòigh glan nam basaicheadh Gàidhlig.
Bu mhath le CLÀR na mearachdan – neo am mealladh, mar a thuirt feadhainn rinn mar-thà – a nochd ann an litir Crawford MacKie san Albannach a cheartachadh (20 an t-Samhain 2013). B’ e seo litir gun seadh a thug ionnsaigh – a h-aona gnothach – air Tim Armstrong, fear a choisinn duais Ciad Leabhar na Bliadhna aig Duaisean Comann Crann na h-Alba 2013 airson nobhail shònraichte, Air Cuan Dubh Drilseach.
Bha Tim taingeil a bhith air a’ Gheàrr-Liosta. Bha e air a dhòigh glan nuair a bhuinnig e an Duais, còmhla ris an sgrìobhadair Eunice Buchanan, tè a chaidh a chur an clò le foillsichear beag eile, Kettillionia Press.
Bu mhath le CLÀR meal-a-naidheachd a chur air Eunice agus Kettillionia airson sàr leabhar a dhèanamh, As Far as I Can See.
Ged a bha CLÀR mar a bha Tim, gun dùil againn ris an deagh naidheachd, gu mi-fhortanach cha d’chuir e iongnadh air duine againn, goirid as dèidh na Duaisean, nuair a nochd tuairisgeul uamhasach sa phaipear-naidheachd an t-Albannach. Ro thric, tha ionnsaighean mar seo gam foillseachadh. San 21mh Linn, 's e suidheachadh truagh a th’ ann gu bheil Gàidheil air fàs cleachdte ri mealladh anns na meadhanan.
Mar 's trice, cha chuireadh sput bho Mhackie agus a sheòrsa - uamhasach 's gu bheil na briathran aca - suas neo sios sinn. Dheanadh CLÀR gàire. Ach b’ e ionnsaigh phearsanta a bha seo: droinneadh air neach a bha gu tur neochiontach. Dh’fheumadh CLÀR deiligeadh ris.
Càit an toisich sinn le aineolas Crawford MacKie? Tha an litir aige san Albannach ag radh gun d’fhuair Tim 'funding for a sci-fi yarn in Gaelic’. Cha d’fhuair Tim Armstrong sgillinn ruadh. Gun a bhith a’ dol ann an doimhneachd (mar a tha fhios aig a h-uile duine, 's e gnothach meadhanach priobhaideach a th’ ann an cùmhnant eadar ùghdar agus foillsichear) cha robh Tim a’ sireadh airgid. Rinn a h-uile duine againn gàire nuair a smaoinich sinn air Crawford MacKie, is e a’ cumail a-mach gu bheil na Gaidheil uile grod le airgead poblach.
Tha Mgr MacKie ag radh nach eil CLÀR 'neo-eisimeileach'. Tha CLÀR cho neo‑eisimeileach 's a th’ ann. Tha smachd againn air a h-uile rud eadar airgead agus roghainn-leabhraichean. Tha sinn a' cosg ar n-airgead fhèin air na leabhraichean a tha sinn a' dèanamh. Agus coltach ri mòran foillsichearan eile (na foillsichearan as motha a tha stèidhichte an Alba nam measg: foillsichear Alexander McCall Smith ann an Dùn Èideann, mar eisimpleir) bidh sinn a’ sireadh taic bho Chomhairle nan Leabhraichean mu choinneamh cuid de na cosgaisean ceangailte ri foillseachadh.
Ge-ta, cha d'fhuair a h-uile leabhar a chaidh fhoillseachadh le CLÀR taic-airgid. Cha d' dh'iarr sinn. Agus mar a tha Tim Armstrong, bidh muinntir ChLÀR a’ dèanamh uairean-obrach a bharrachd gun aon sgillinn ruadh mun coinneamh. Beairteas-airgid ann an uine ghoirid tro foillseachadh? Seadh.
Bhon taobh malairteach dheth, tha Mgr MacKie ag innse dhuinn nach b’fhiach ‘Gaelic sci-fi’ idir. Nach ann aige a tha an sàr eòlas! Tha leabhar Tim Armstrong a’ dèanamh math, chan ann a-mhàin an Alba ach air feadh an t-saoghail.
Tha Mgr MacKie a’ cur sios air Tim Armstrong gu pearsanta. Tha e a’ cleachdadh cromagan turrach (neo quotations mar a chanas iad) air ‘research fellow’, an dreuchd a thuirt e a th' aig Tim ann an Oilthigh na Gaidhealtachd, mar nach eil an obair sin ann dha-rìreabh.
Tha MacKie a’ magadh, aon uair eile, ag radh gun d’thog Tim ‘beagan Gàidhlig’. Mar a tha fhios aig a' mhòr-chuid againn, 's e sàr neach-ionnsachaidh a th’ ann an Tim Armstrong. Cleachdaidh e Gàidhlig gu sgileil anns gach dòigh: aig obair, san dachaigh, gu sòisealta - sa h-uile aite. Bidh e doirbh do Mgr MacKie seo a chreidsinn, ach tha Tim fiu’ s comasach air Gàidhlig a chur an-sàs gus suil a thoirt air cuspairean an latha an diugh. Agus a bhith a-mach air litreachas. Smaoinich!
“Saoilidh mi gu bheil ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig deatamach. Tha teicneòlas ag atharrachadh an t-saoghail sa bheil sinn beò an-dràsta, agus an t-atharrachadh sin a’ tighinn oirnn gu cianail luath, agus tha e ag atharrachadh nàdar a’ chinne-daonna fhèin. ’S ann ann am ficsean-saidheans a thèid an saoghal ùr romhainn a dhealbhadh agus a dheasbad agus feumaidh litreachas na Gàidhlig a bhith an sàs anns a’ chòmhradh sin.” Tim Armstrong, 2013
Tha e follaiseach gu bheil a h-uile rud ceangailte ri Tim Armstrong, Air Cuan Dubh Drilseach agus Gàidhlig a’ cur uabhas air Crawford MacKie. ‘S e briseadh-dùil a th’ ann dha gu bheil Gàidhlig air a bhith soirbheachail san dòigh seo. 'S dòcha nach eil leithid Crawford Mackie deònach seo aideachadh, ach tha ginealach ùr de sgrìobhadairean Gàidhlig againn. Bidh Tim Armstong agus feadhainn eile a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig airson deagh ghreis fhathast.
Cha tug sinn guth air na doighean-‘rannsachaidh’ a bh' aig Mgr Mackie. Cha chan sin an corr.
Ann an Alba, tha e a' toirt dòchas dhuinn, mar a thuirt Jim Tough bho Chomann Crann na h-Alba san litir aige-san san Albannach (21 an t-Samhain 2013), gu bheil pailteas de foillsichearan ann a-nis. Tha Comann Crann na h-Alba rim moladh gu mòr airson na rinn iad thuige seo gus litreachas na h-Alba a bhrosnachadh anns na trì cànain againn: Gàidhlig, Beurla agus Scots. Tha na Duaisean Litreachais aca ceum air thoiseach air na duaisean litreachais eile san duthaich seo.
Chan eil CLÀR mòr. Chan eil sinn cumhachdach. Ach leanaidh sinn oirnn a' feuchainn. Foillsichidh sinn sgrìobhadh Gàidhlig a chòrdas rinn, ma ’s urrainn dhuinn agus ma bhios cothrom ann. Cha ghabh sinn ri dol a-mach Mgr MacKie agus a sheòrsa.
Meall d’naidheachd, Tim Armstrong a charaid. Tha thu airidh air gach duais a gheibh thu.
Lisa Storey
CLÀR
An t-Samhain 2013
Dealbh iongantach bho @BaddBrock Michael Brock
Leith Walk, 27/04/2013.
CLAR, Tim Armstrong agus Oi Polloi comhla.