Simon Brooks - aiste
Seo 2022 - agus tha na briathran seo iomchaidh fhathast.
Fiosrachadh ’S e sgoilear Cuimreach agus neach-iomairt cànain a th’ ann an Sìm Brooks. B’ àbhaist dha a bhith os cionn na h-iris cùisean an latha Cuimreach, Barn (Beachd). Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh. ’S e rinn, còmhla ri co dheasaiche, aon dhe na sgrùdaidhean as mionaidaiche ceangailte ri stàid na Cuimris ann an Cunntas-Sluaigh 2011. Tha an leabhar aige, Pam na fu Cymru, foillsichte le Clò Oilthigh na Cuimrigh, a’ toirt sùil gheur air an iomairt airson neo-eisimeileachd anns a’ Chuimrigh. Tha an t Ollamh Sìm Brooks a’ fuireach ann an sgire far a bheil a’ mhòr-chuid a’ bruidhinn na Cuimris, an iar-thuath na dùthcha. Tha e trang sa choimhearsnachd, far a bheil e na chomhairliche-baile.
Tha na leanas eadar-theangaichte le Lisa Storey, le cead Shìm Brooks
-
“Feumaidh sinn sabaid an aghaidh seo. Faodaidh sinn ionnsachadh bho càch a chèile ann am mion-chànain eile, leithid an iomairt a tha a’ dol an-dràsta an aghaidh fo-thiotalan Beurla loisgte air BBC Alba. Mo bheannachd air na luchd-iomairt.” - Sìm Brooks
“Gu dearbha, nì fo-thiotalan Beurla loisgte barrachd cron na feum. Tha iad dìreach a' cur an cuimhne luchd na mion-chànanan gu bheil iadsan fhathast fo chois luchd na Beurla.” - Sìm Brooks
-
Fo-thiotalan TBh agus bàs annasach na Cuimris
Sìm Brooks
Chan eil ann an telebhisean ach teicneolas. Tha na tha a' tachairt leis an teicneolas sin - co-dhiù 's ann air S4C, TG4 no BBC Alba - na sgàthan air na tha a' tachairt sa choimhearsnachd. 'S urrainn an dòigh tha cànan ga cleachdadh ann an telebhisean cuideachd sealltainn cò feallsanachd shònraichte a tha a' riaghladh.
Nuair a chaidh S4C a stèidheachadh ann an 1981, thachair e an dèidh strì a mhair deich bliadhna sa Chuimrigh. Cha robh ach mu cheithir sianailean ann aig an àm, uile air an ruith leis, no le cead bho an Stàit, agus bha prògraman gan tabhann ann am Beurla no ann an Cuimris.
Bha sin a' sealltainn mar a bhathar a' faicinn dà-chànanas aig an àm. B' ann le ‘dà-chànanas’ a bha an Stàit a' toirt còirichean cànain dhan t-sluagh aig an robh a' mhion-chànan.
San t-seagh seo, bha dà-chànanas air a thogail air bunait làidir agus bha e na chuideachadh dhan mhion-chànan. Bha e a' ciallachadh gum biodh cuid a rudan gan dèanamh ann am Beurla agus cuid ann an Cuimris. Dh'fheumadh Beurla a bhith aig a h-uile duine, ach bha cuid a dh'àiteachan sòisealta agus stèidhichte (‘institutional’) air an glèidheadh mar àiteachan 'sàbhailte' dhan mhion-chànan. Cha chuirte dùbhlan air a' Chuimris sna h-àiteachan sin.
Gluais air adhart mu 30 bliadhna gu na 2010an. Tha dà-chànanas fhathast againn ach tha ciall an fhacail air atharrachadh.
Chan ann le dà-chànanas a tha coimhearsnachd a' mhion-chànain tuilleadh a' faighinn a còirichean. An àite sin, tha dà-chànanas a' gluasad luchd na mion-chànain nas dlùithe ri 'àbhaisteachd' an fheadhainn aig a bheil meas air Beurla.
Chan eil ‘a' Chuimrigh dà-chànanach’ tuilleadh na dùthaich far am faod a h-uile neach a' chànan a tha iad ag iarraidh a chleachdadh. 'S e dùthaich a th' ann far nach fheum duine sam bith Cuimris ionnsachadh ach tha còir aig a h-uile duine pàirt a ghabhail anns gach nì a tha tachairt. Tha seo a' ciallachadh gun fheum tachartasan ann an Cuimris a bhith air an eadar-theangachadh, ach chan fheum tachartasan ann am Beurla eadar-theangachadh gu Cuimris.
'S e seo, gu dearbh, bàs annasach na Cuimris. Tha cànan ùr, Bilingualish air àite Cuimris a ghabhail. Tha dà chànan ga bruidhinn an-diugh sa Chuimrigh, Beurla agus Bilingualish.
Tha an gluasad seo bho Cuimris gu Bilingualish follaiseach agus cudromach. B' àbhaist do thachartasan sa Chuimrigh a bhith air an cumail ann am Beurla no ann an Cuimris. A-nis, bidh iad ann am Beurla, no san dà-chànan.
Nuair a bhiodh pàipearan-naidheachd ionadail (papurau bro) gan cur air bhog ann an coimhearsnachdan Cuimreach sna 1970an, bhiodh iad air am foillseachadh ann an Cuimris. Nuair a bha làraich-lìn gan tòiseachadh sna 2000an, sna h-aon choimhearsnachdan sin, bha iad uile dà-chànanach.
Dh'fhaodadh comhairlean-coimhearsnachd obrachadh san 20mh linn an Cuimris no Beurla a-mhàin, a rèir cànan na coimhearsnachd. A-nis, bidh Ombudsman na Cuimrigh a' cur casaid air comhairlean-coimhearsnachd a tha a' cleachdadh Cuimris a-mhàin gu bheil iad a' cumail Cuimrich a-mach, agus ag ràdh gun e droch fhrithealadh a tha iad a' dèanamh. Tha comhairlean a tha a' cleachdadh Beurla a-mhàin a' cumail orra san dòigh sin gun chasaid sam bith.
Bithear tric a' gearain mu'n Eisteddfod gu bheil poileasaidh aca gum bi e ann an Cuimris a-mhàin. Tha fèisean eile sa Chuimrigh a' cumail orra - mar fèis Hay - gu sunndach le Beurla a-mhàin. Chan eil fèisean ciùil Cuimreach ann tuilleadh: tha iad dà-chànanach. 'S mar sin air adhart, tha'n liost a' dol 's a' dol.
A thaobh S4C agus am poileasaidh a bh' aca bho shean - prògraman a bhith ann an Cuimris a-mhàin - chùm e craoladh Cuimris sàbhailte, gu ìre, bho na fo thiotalan 's bhon dà-chànanas. Ach nuair a stèidhich S4C seirbheisean ceangailte ris na meadhanan sòisealta, leithid cunntas Twitter agus làrach-lìn - bha iad sin dà chànanach bho thùs. Nach eil e iongantach, ged-tha, nach eil na meadhanan Beurla sa Chuimrigh a' toirt seachad seirbheisean dà-chànanach? Oir 's ann mu cheann muinntir na mion-chànain a-mhàin a thathar a' cur an dà chànanas agus Bilingualish.
Tha am moladh a th' air nochdadh bho chionn ghoirid gum bu chòir fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith air prògraman ann an Cuimris a' sealltainn tuilleadh oidhirpean gus cultar Cuimreach a dhèanamh Gallda, dà chànanach.
Nì e fìor chron nach gabh leasachadh air fèin-earbsa luchd-labhairt Chuimris, a' chànan Chuimreach a bhith air a ceangal ri Beurla. Oir ma tha a h-uile facal Cuimreach ri fhaighinn aig an dearbh mhionaid ann am Beurla, gu dè am feum a th' ann a' Chuimris a bhith ann idir? Feumaidh sinn sabaid an aghaidh seo. Faodaidh sinn ionnsachadh bho càch a chèile ann am mion-chànain eile, leithid an iomairt a tha a’ dol an-dràsta an aghaidh fo-thiotalan Beurla loisgte air BBC Alba. Mo bheannachd air na luchd-iomairt.
Feumar sgrùdadh as ùr a dhèanamh air ciall dà-chànanas sna dùthchannan Ceilteach, gus am bi e na bhuannachd don t-sluaigh, an àite cur-seachad cosgail gun chiall, mar a tha e an-dràsta. Bu chòir dhuinn a dhol air ais chun a' chiall a bh' aige. Gum bi cuid a dh'àiteachan sòisealta ann anns am faighear Beurla (gun eadar-theangachadh) agus àiteachan eile anns am faighear Cuimris, Gàidhlig no Gaeilge (gun eadar-theangachadh).
Dh'fhaodadh beagan measgachadh a bhith ann aig na h-oirean, gun teagamh, gun cus cron. Ach ma tha Cuimris, Gàidhlig agus Gaeilge gu maireachdainn feumaidh àiteachan a bhith ann far an fhaod daoine an cleachdadh gun a bhith air an claoidh 's air an sàrachadh.
Feumaidh sianailean telebhisean nam mion-chànanan feadhainn dhe na h- àiteachan sin a thoirt dhuinn. Ma tha fo-thiotalan Beurla loisgte aig na prògraman aca air an scrion, chan eil sianalan telebhisean mar ghoireas gu feum sam bith do choimhearsnachdan nam mion-chànanan. Gu dearbha, nì iad barrachd cron na feum. Tha iad dìreach a' cur an cuimhne luchd na mion-chànanan gu bheil iadsan fhathast fo chois luchd na Beurla.
Na còraichean @ Simon Brooks, 2016
An eadar-theangachadh @ Lisa Storey, 2016
-
Fiosrachadh eile
An t-Oll. Eithne O’Connell - TG4 agus BBC Alba
Litir gu MG ALBA 2017
An t-aiste bho thùs le Shìm Brooks - tha an t-aiste le Sìm an seo. ‘S e eadar-theangachadh a th’ ann gu h-àrd, le cead Shìm Brooks. Tha sinn gu mòr na chomain. Bha gaidhlig.tv airson gum biodh dreach Gàidhlig a’ nochdadh an toiseach - agus chan eil Gàidhlig aig Sìm Brooks choir (’s e Cuimris a th’ aige, agus fìor chorra uair sgrìobhaidh e ann am Beurla. Tha Sìm an aghaidh an dà chànan a bhith còmhla air an aon duilleag, tha e ag innse dhuinn).
Co-theacsa - carson a tha Sìm Brooks a’ sgrìobhadh? Faisg air an Nollaig an 2015, rinn fear Tweli Griffiths (b’ àbhaist dha bhith ag obair aig S4C) nàdar de leth mholadh gum bu chòir fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith air prògraman S4C. Tha an sgoilear Sìm Brooks agus feadhainn eile, mar a tha Sìm a’ dearbhadh dhuinn gu h-àrd, den bheachd gun e mearachd a bhiodh ann. A thaobh fo-thiotalan air S4C, tha gnothaichean meadhanach math mar a tha iad (tha iad tòrr nas fheàrr na BBC Alba agus TG4 - dà stèisean telebhisean aig a bheil poileasaidhean seann-fhasanta, poileasaidhean a tha ceangailte ri chèile) - tha roghainn aig luchd-amhairc S4C fo-thiotalan Beurla neo Cuimris a chur air, neo an cur am falach. Agus, mar a tha S4C fhèin ag aideachadh, chan eil iarrtas làidir sam bith ann airson fo-thiotalan Beurla loisgte. Seasaidh leithid Sìm Brooks agus Cymdeithas yr Iaith gu làidir an aghaidh oidhirp sam bith Beurla a thoirt a-staigh.
Tha e math na faclan aig Sìm Brooks a leughadh, faclan anns a bheil mòran gliocas mu bhuaidh fo-thiotalan Beurla air prògraman telebhisean Gàidhlig/Gaeilge/Cuimreach. Tha Simon Brooks a' faicinn mar a dh'fhaodadh fiù 's a Chuimris a bhith ann an cunnart bhon a ghluasad ghòrach a tha cuid a dhaoine ag iarraidh. Tha Sìm Brooks a’ cur taic ri iomairt gaidhlig.tv agus an oidhirp againn gus cur as do fo-thiotalan Beurla loisgte air BBC Alba. Tha rathad nas fheàrr ann. Cuiribh taic ri Sìm Brooks mas urrainn dhuibh.
Lisa Storey
2022 - IOMCHAIDH FHATHAST









