Ri fhaighinn an seo
Na bheatha ghoirid, sgrìobh Dòmhnall Mac na Ceàrdaich mòran òran agus pìosan bàrdachd, sia dealbhan-cluiche, deannan aistidhean fada air diofar chuspairean, diofar phìosan de rosg cruthachail agus measgachadh de stuth leithid lèirmheasan agus eadar-theangachaidhean. Chaidh feadhainn dhe na ciad òrain aige nach deach fhoillseachadh riamh a ghleidheadh ann am Barraigh: tha cuid dhiubh sin sa chruinneachadh ùr seo.
Tha Aonghas MacLeòid, sgoilear òg ann an Oilthigh Ghlaschu aig a bheil ceangal ri Barraigh, air mòran obair rannsachaidh a dhèanamh air sgrìobhadh cruthachail Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich. Tha CLÀR fortanach gu robh Aonghas deònach ro-ràdh a dhèanamh airson an leabhair.
Nuair a dh’eug Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, rinn Hugh MacDiarmid dàn-cuimhneachaidh dha, agus tha sin ri leughadh anns an leabhar seo cuideachd.
Ri fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean neo bho MacLean's Stores am Barraigh fhèin.














