Dè sfinge de simeant ’s alman bhuail foscailte an clagann ’s dh’ithe an eauchaill ’s meanma?
Molech! Ònrachd! Sal! Gràine! Smùr agus do-ruisgin dolaran! Clann a’ sgreadail fon staidhrichean! Balich ag ochanaich ann an armailtean! Bodaich a’ caoineadh sa phàircean!
Molech! Molech! Trom-laighe Moleich! Molech gun gaol! Molech inntinneil! Molech, am britheamh trom de fir!
Molech, a’ ghanntair do-thugsinn! Molech, an toll-bùtha cnàmhan sgapte gun anam ’s dàil bròin. Molech, ’s e breith anns a thogalaichean! Molech, a’ chlach bhlàir mhor! Molech, na righaltasan sa tuaineal!
Molech, aig a bheil inntinn de innealradg fìor-ghlan! Molech, aig a bheil fuil de airgead bàreaidheach! Molech, aig a bheil chorragan de deich airmailt! Molech, le dainamo duin-itheach anns an asgail! Molech, aig a bheil cluasan de tunga smùidreach!
Molech, ’s e a shùilean mìle uinneagan dall! Molech, a seasaidh a thuir sa sraidean cho Iehòbhahan dìlinn! Molech, bruadailidh ’s gròcaidh a fhactaraidhean sa cheò! Molech, a crùnnaidh a stacan-shimilearan ’s iadhairean a’ chathraichean!
Molech, ’s e a ghaol ola ’s onn gun ceal! Molech, ’s e anam dealan ’s bancaichean! Molech, ’s e a bhochdanas an t-uabhas sàr-chomaic! Molech, ’s e a dhàn sgòth de hàidhdreaidean gun feis! Molech, a tha ainm anns an t-inntinn!
Molech, ann an suidheas mi ònaranach! Molech, ann a dh'aislingeas mi aingleananns! Craicte sa Molech! Bod-itheadair sa Molech! Cion-gaol gun fhear ann an Molech!
Molech, a do dh’inntrig m’anam gu moch! Molech, 's ann annsan a tha mi nam aigne gun chorp! Molech, a sgànraich mi às mo mhire dùth! Molech, a bhi mi a’ dìobair! Dùisg sa Molech! Solas a’ sruthadh às an speur!
Molech! Molech! Flathaichean ròbot! Fo-bhaile do-fhaicsinneach! creatlaich-cilleanan! ceann-bhailtean dall! gnìomhachas deamhnaidh! nàisean aibhseach! taighean-caothaich do-chìosnaichte! boid gaireil! Bomaichean uilebheisteach!
Bhrisd iad na muin a’ togail Molech do Nèamh! Cabhsairean, craobhan, rèidiothan, tunnaichean! a' togail na cathrach do Nèamh a tha ann, agus tha thimcheall sinn!
Seallanan! manaidhean! breug-sheallaidhean! mìorbhailean! àighean! rachte a-stan an abhainn Aimeireaganach!
Aislingean! adhraidh! soillseachaidhean! creideamhan! am bata làn de blaotail thiom!
Bealaichean! thar an t-abhainn! teabaisean ’s ceusaidhean! Rachte sìos an tuil! Ailp! Foillseachaidhean! Ann-dòchasan! Ainmh-sgreadan ’s ùthachdan nan deich bhliadhnaichean! Inntinnean! Luranaich ùra! Ginealaichean mearanach! shìos air na clachan tìme.
Gàire fìor naofa san t-aibhainn! Chuala iad uile! Na sùilean fiadhain! na èighean naonh! Fhàg iad soraidh slàn! Leum iad far a’ mhullach! do dìomhaireachd! A’ smèideadh! A’ toirt dìtheanan! sìos dhan an abhainn! a-steach an t-sràid!
___________________________
Dàn le Alan Ginsberg
Gàidhlig le Còiseam